YouVersion Logo
Search Icon

Gnìomhan 28

28
Air Tìr aig Malta
1Nuair a bha sinn air ar sàbhaladh, fhuair sinn a‑mach an uair sin gum b' e ainm an eilein Malta. 2Sheall na tùsanaich coibhneas neo‑àbhaisteach dhuinn, oir las iad teine is chuir iad fàilte oirnn uile, a chionn 's gun robh an t‑uisge air tòiseachadh agus gun robh i fuar. 3Nuair a bha Pòl air dòrlach bhioran a chruinneachadh 's air an cur air an teine, thàinig nathair‑nimhe a‑mach air sgàth an teas is ghabh i grèim air a làimh. 4Nuair a chunnaic na tùsanaich an creutair a' crochadh o a làimh, thuirt iad ri càch‑a‑chèile, “Gun teagamh is e murtair a th' anns an duine seo. Ged a theich e on mhuir, chan eil Ceartas air leigeil leis a bhith beò.” 5Chrath esan, ge‑tà, an creutair dhan teine agus cha do dh'fhuiling e cron sam bith. 6Bha iad a' sùileachadh gun robh e a' dol a dh'at no a thuiteam sìos marbh gu grad. Ach nuair a bha iad air feitheamh airson ùine fhada agus nach fhaca iad dad neo‑àbhaisteach a' tachairt dha, dh'atharraich iad am beachd agus thuirt iad gum b' e dia a bh' ann.
7A‑nis ann an nàbaidheachd an àite sin bha fearainn a bhuineadh do phrìomh‑dhuine an eilein, dham b' ainm Publius, agus a ghabh rinn 's a thug aoigheachd dhuinn gu coibhneil airson trì latha. 8Thachair gun robh athair Phubliuis na laighe tinn le fiabhras agus leis a' bhuinnich mhòir. Agus chaidh Pòl ga fhaicinn is rinn e ùrnaigh, 's a' cur a làmhan air, leighis e e. 9Agus nuair a bha sin air tachairt, thàinig an fheadhainn eile san eilean air an robh tinneasan cuideachd agus bha iad air an leigheas. 10Thug iad cuideachd mòr‑urram dhuinn, agus nuair a bha sinn gus seòladh, chuir iad air bòrd ge b' e dè a bha a dhìth oirnn.
A' Ruigsinn na Ròimhe
11Às dèidh thrì mìosan sheòl sinn ann an soitheach a bh' air geamhrachadh san eilean, soitheach de dh'Alecsandria, le na “càraidean nèamhaidh”#28:11 Is iadsan na rionnagan Castor is Pollucs, dithis mhac Sheuis agus diathan‑gleidhidh sheòladairean mar shuaicheantas. 12A' cur a‑steach aig Siracuse, dh'fhan sinn an sin airson trì latha. 13Agus às a sin chaidh sinn mun cuairt is ràinig sinn Regium. Agus às dèidh aon latha dh'èirich gaoth o dheas, agus air an dara latha thàinig sinn gu Puteoli. 14An sin fhuair sinn bràithrean agus dh'iarr iad oirnn fantainn còmhla riutha airson seachd latha. Agus mar sin thàinig sinn chun na Ròimhe. 15Agus an sin, nuair a chuala iad mur deidhinn, thàinig na bràithrean cho fada ri Fòrum Apiuis agus na Trì Taighean‑Òsta airson coinneachadh rinn. Nuair a chunnaic Pòl iad thug e taing do Dhia agus ghabh e misneachd. 16Agus nuair a thàinig sinn a‑steach dhan Ròimh, chaidh leigeil le Pòl fuireach leis fhèin, còmhla ris an t‑saighdear a bha ga gheàrd.
Pòl a' Searmonachadh san Ròimh fo Gheàrd
17Agus thachair, às dèidh trì latha, gun do ghairm e còmhla ceannardan nan Iùdhach, agus nuair a bha iad air cruinneachadh, thuirt e riutha, “A bhràithrean, ged nach robh mise air dad a dhèanamh an aghaidh ar sluaigh no ghnàthasan ar n‑athraichean, a dh'aindeoin sin chaidh mo thoirt thairis mar phrìosanach o Ierusalem a‑steach do làmhan nan Ròmanach. 18Nuair a bha iad air mo cheasnachadh, mhiannaich iad mo shaoradh a chionn 's nach robh adhbhar sam bith airson binn‑bàis nam chùis‑sa. 19Ach air sgàth 's gun do chuir na h‑Iùdhaich na aghaidh, bha mi air mo cho‑èigneachadh agairt a dhèanamh gu Cèasar – ged nach robh casaid sam bith agamsan ri thoirt an aghaidh mo nàisein fhèin. 20Air an adhbhar seo, dh'iarr mi sibhse fhaicinn is bruidhinn ribh, on as ann airson dòchas Israeil a tha an t‑slabhraidh seo mum thimcheall.”
21Agus thuirt iad ris, “Cha d' fhuair sinne litrichean sam bith à Iudèa mud dheidhinn, agus chan eil gin dhe na bràithrean a thàinig an seo air cunntas a thoirt, no air olc sam bith a ràdh mud dheidhinn. 22Ach tha sinne a' miannachadh do bheachdan a chluinntinn uat; oir a thaobh na buidhne seo, is aithne dhuinn gu bheil iad a' bruidhinn na h‑aghaidh sa h‑uile h‑àite.” 23Nuair a bha iad air latha a shuidheachadh air a shon, thàinig iad thuige dhan taigh‑loidsidh aige ann an àireamhan na bu mhotha. O mhadainn gu feasgar rinn e mìneachadh dhaibh, a' toirt fianais a thaobh rìoghachd Dhè agus a' feuchainn ri dhearbhadh dhaibh mu Ìosa, an dà chuid o Lagh Mhaois agus o na Fàidhean. 24Agus bha cuid ag aontachadh le na thubhairt e, ach cha chreideadh cuid eile. 25Agus ag eas‑aontachadh nam measg fhèin, dh'fhàg iad às dèidh do Phòl aon rud a ràdh: “Bha an Spiorad Naomh ceart nuair a thuirt e ri ur n‑athraichean tron fhàidh Isaiah:
26“‘Thalla chun an t‑sluaigh seo agus can,
cluinnidh sibh dha‑rìribh ach cha tuig sibh uair sam bith;
agus chì sibh dha‑rìribh ach cha toir sibh fa‑near uair sam bith.
27Oir tha cridhe an t‑sluaigh seo air fàs mì‑mhothachail;
len cluasan is gann gun cluinn iad
agus dhùin iad an sùilean,
air eagal 's gum faiceadh iad len sùilean,
agus gun cluinneadh iad len cluasan,
agus gun tuigeadh iad len cridhe,
agus gun tionndaidheadh iad,
agus gun slànaichinn iad.’#Isa. 6:9, 10 (LXX)
28“Mar sin biodh fios agaibh gu bheil an t‑slàinte seo aig Dia air a cur gu na Cinnich, agus èistidh iadsan!”
29Nuair a bha e air na briathran seo a ràdh, dh'fhàg na h‑Iùdhaich, a' dèanamh mòran deasbaid nam measg fhèin.#28:29 Chan eil an rann seo ann an cuid dhe na làmh‑sgrìobhainnean
30Dh'fhan Pòl dà bhliadhna gu lèir na thaigh‑màil fhèin, agus chuir e fàilte orrasan uile a thàinig thuige, 31a' searmonachadh rìoghachd Dhè agus a' teagasg mun Tighearna Ìosa Crìosd le làn‑dhànachd is gun bhacadh.

Currently Selected:

Gnìomhan 28: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in