YouVersion Logo
Search Icon

Sechariah 4

4
1Agus thàinig an t‑aingeal a labhair rium a‑rìs, agus dhùisg e mi, mar dhuine air a dhùsgadh as a chadal.
2Agus thubhairt e rium, Ciod a tha thu a’ faicinn? Agus thubhairt mise, Dh’amhairc mi, agus, feuch, coinnleir uile de òr, le a chupan air a mhullach, agus a sheachd lòchrain air, agus seachd feadain gus na seachd lòchrain a tha air a mhullach;
3Agus dà chrann-ola làimh ris, aon air taobh deas a’ chupain, agus aon air a thaobh clì.
4An sin fhreagair mi, agus labhair mi ris an aingeal a bha ri còmhradh rium, ag ràdh, Ciod iad seo, mo thighearna?
5Agus fhreagair an t‑aingeal a bha a’ labhairt rium, agus thubhairt e rium, Nach eil fhios agad ciod iad seo? Agus thubhairt mise, Chan eil, mo thighearna.
6An sin fhreagair e agus labhair e rium, ag ràdh, Is e seo facal an Tighearna ri Serubabel, ag ràdh, Chan ann le neart, no le cumhachd, ach lem spiorad-sa, deir Tighearna nan sluagh.
7Cò thusa, O shlèibh mhòir? Ro Sherubabel fàsaidh tu ad chòmhnard; agus bheir e a‑mach a’ chlach-chinn le iolaich, a’ glaodhaich, Gràs, gràs gu robh dhi.
8Os bàrr, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh-sa, ag ràdh,
9Leag làmhan Sherubabeil stèidh an taighe seo; nì a làmhan fòs a chrìochnachadh: agus bidh fhios agaibh gun do chuir Tighearna nan sluagh mise dur n‑ionnsaigh.
10Oir cò a rinn dìmeas air là nan nithean beaga? Nì eadhon iadsan gàirdeachas, agus chì iad an t‑sreang-thomhais an làimh Sherubabeil. Is iad an t‑seachdnar seo sùilean an Tighearna; tha iad a’ ruith sìos agus suas air feadh na talmhainn uile.
11An sin fhreagair mise, agus thubhairt mi ris, Ciod iad an dà chrann-ola seo air taobh deas a’ choinnleir, agus air a thaobh clì?
12Agus fhreagair mi a‑rìs, agus thubhairt mi ris, Ciod iad dà ghèig nan crann-ola, a tha làimh ris an dà fheadan òir a’ taomadh na h‑ola asda fhèin?
13Agus fhreagair e mi, agus thubhairt e, Nach eil fhios agad ciod iad seo? Agus thubhairt mise, Chan eil, mo thighearna.
14An sin thubhairt esan, Is iad seo an dithis ungte a tha nan seasamh làimh ri Tighearna na talmhainn uile.

Currently Selected:

Sechariah 4: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in