Sechariah 2
2
1Thog mi suas mo shùilean a‑rìs, agus dh’amhairc mi; agus, feuch, fear le sreing-thomhais na làimh.
2An sin thubhairt mise, Càit a bheil thu a’ dol? Agus thubhairt e rium, A thomhas Ierusaleim a dh’fheuchainn ciod e a leud, agus ciod e a fad.
3Agus, feuch, chaidh an t‑aingeal a labhair rium a‑mach, agus chaidh aingeal eile a‑mach na chòdhail.
4Agus thubhairt e ris, Ruith, labhair ris an òganach sin, ag ràdh, Bidh Ierusalem air a h‑àiteachadh mar bhailtean gun bhallachan, le lìonmhorachd nan daoine agus na sprèidhe a bhios innte.
5Oir bidh mise, tha an Tighearna ag ràdh, ann am bhalla teine dhi mun cuairt, agus bidh mi ann am ghlòir na meadhon.
6Ho! ho! thigibh agus teichibh on tìr mu thuath, tha an Tighearna ag ràdh; oir ri ceithir gaothan an adhair sgaoil mise sibh a‑mach, deir an Tighearna.
7Ho! a Shioin, tàrr as, O thusa a tha a chòmhnaidh maille ri nighinn Bhàbiloin.
8Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, An dèidh na glòire seo chuir e mise a‑chum nan cinneach a chreach sibhse; oir an tì a bheanas ribhse, beanaidh e ri cloich a shùla-san.
9Oir feuch, crathaidh mise mo làmh orra, agus bidh iad nan cobhartaich dan tràillean: agus aithnichidh sibhse gun do chuir Tighearna nan sluagh fios leamsa.
10Seinn, agus dèan gàirdeachas, O nighean Shioin; oir feuch, tha mise a’ teachd, agus gabhaidh mi còmhnaidh ann ad mheadhon, deir an Tighearna.
11Agus bidh mòran chinneach air an cur ris an Tighearna anns an là sin, agus bidh iad nan sluagh dhòmhsa: agus gabhaidh mise còmhnaidh ann ad mheadhon; agus bidh fhios agad gun do chuir Tighearna nan sluagh mise ad ionnsaigh.
12Agus sealbhaichidh an Tighearna Iùdah, a chuibhreann, anns an fhearann naomh; agus roghnaichidh e Ierusalem a‑rìs.
13Bi tosdach, O uile fheòil, an làthair an Tighearna: oir tha e air a thogail suas o a ionad-còmhnaidh naomh.
Currently Selected:
Sechariah 2: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017