Salm 146
146
1Molaibh-se an Tighearna; mol an Tighearna, O m’anam.
2Molaidh mi an Tighearna an cian as beò mi; seinnidh mi cliù dom Dhia am feadh a bhios bith agam.
3Na earbaibh à uachdarain, à mac duine sam bith, anns nach eil furtachd.
4Thèid a anail as, tillidh e ga ùir; anns an là sin fhèin thèid as da smuaintean.
5Is sona an tì aig a bheil Dia Iàcoib mar a chobhair, aig a bheil a dhòchas anns an Tighearna a Dhia,
6A rinn nèamh agus talamh, a’ mhuir agus gach nì a tha annta; a ghleidheas fìrinn gu bràth;
7A chumas còir riùsan a tha fo fhòirneart, a bheir biadh do na h‑acraich. Cuiridh an Tighearna na prìosanaich fa sgaoil.
8Fosglaidh an Tighearna sùilean nan dall; togaidh an Tighearna suas iadsan a tha air an cromadh sìos; is ionmhainn leis an Tighearna na fìreanan.
9Gleidhidh an Tighearna na coigrich; togaidh e suas an dìlleachdan agus a’ bhantrach, ach tilgidh e slighe nan aingidh bun-os‑cionn.
10Rìoghaichidh an Tighearna gu bràth, do Dhia-sa, a Shion, o linn gu linn. Molaibh-se an Tighearna.
Currently Selected:
Salm 146: ABG1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017