YouVersion Logo
Search Icon

Salm 144

144
Salm le Daibhidh.
1Beannaichte gu robh an Tighearna, mo charraig, a theagaisgeas mo làmhan gu cath, mo mheòir gu còmhrag;
2Mo mhath agus mo dhaingneach, mo thùr àrd agus m’fhear-saoraidh-sa, mo sgiath agus an tì as an earb mi, a cheannsaicheas mo shluagh fodham.
3A Thighearna, ciod e an duine gu bheil thu a’ gabhail eòlais air, mac an duine gu bheil meas agad air?
4Is cosmhail an duine ri dìomhanas; tha a làithean mar sgàil a ghabhas seachad.
5A Thighearna, lùb do fhlaitheasan, agus thig a‑nuas; bean ris na beanntan, agus bidh deatach dhiubh.
6Cuir a‑mach dealanach agus sgaoil iad; tilg do shaighdean agus claoidh iad.
7Sìn uat do làmh on àirde, saor mi, agus teasairg mi o uisgeachan mòra, à làimh clann choigreach,
8Aig a bheil am beul a’ labhairt dìomhanais, agus is i an deaslàmh deaslàmh na brèige.
9A Dhè, seinnidh mi dhut òran nuadh; air an t‑saltair, air inneal-ciùil nan deich teud, seinnidh mi moladh dhut.
10Is esan a bheir buaidh do rìghrean, a shaoras Daibhidh, a òglach fhèin, on chlaidheamh mhillteach.
11Saor mi, agus teasairg mi o làimh clann choigreach, aig a bheil am beul a’ labhairt dìomhanais, agus is i an deaslàmh deaslàmh na brèige.
12A‑chum gum bi ar mic mar ùr‑chroinn a’ fàs suas nan òige, ar nigheanan mar chlachan-oisinn, snaidhte a rèir coslas lùchairt;
13A‑chum gum bi ar saibhlean làn, a’ toirt uapa de gach gnè thoraidh, ar caoraich a’ breith nam mìltean, seadh deich mìltean nar machraichean;
14Gum bi ar daimh làidir gu obair, nach bi briseadh a‑steach ann no dol a‑mach, agus nach bi gearan nar sràidean.
15Is sona an sluagh a tha anns an staid seo; is sona an sluagh don Dia an Tighearna.

Currently Selected:

Salm 144: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in