YouVersion Logo
Search Icon

Salm 142

142
Maschil le Daibhidh. Ùrnaigh nuair a bha e anns an uaimh.
1Lem ghuth ghlaodh mi ris an Tighearna; lem ghuth dh’aslaich mi air an Tighearna.
2Thaom mi mo ghearan na làthair; chuir mi an cèill mo theinn na fhianais.
3Nuair a chlaoidheadh mo spiorad annam, b’aithne dhutsa mo cheum; anns an t‑slighe air an d’imich mi, dh’fhalaich iad ribe dhomh.
4Dh’amhairc mi air mo làimh dheis, agus feuch, cha robh fear ann dom b’aithne mi; thrèig cobhair mi; cha robh neach ann a dh’fheòraicheadh airson m’anama.
5Ghlaodh mi riut, a Thighearna; thubhairt mi, Is tu mo thèarmann, mo chuibhreann ann an tìr nam beò.
6Thoir an aire dom ghlaodh, oir dh’ìslicheadh mi gu mòr; saor mi uapasan a tha an tòir orm, oir is treasa iad na mi.
7Thoir m’anam à prìosan, a‑chum gum mol mi d’ainm; cuartaichidh na fìreanan mi; oir buinidh tu gu fial rium.

Currently Selected:

Salm 142: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for Salm 142