Salm 140
140
Don àrd-fhear-ciùil. Salm le Daibhidh.
1Teasairg mi, a Thighearna, on droch dhuine; o fhear an fhòirneirt glèidh mi,
2A tha a’ smaoineachadh aimhleis nan cridhe; cruinnichidh iad gach là a‑chum cogaidh.
3Gheuraich iad an teanga, mar theanga nathrach; tha nimh na nathrach fom bilean. Selah.
4Glèidh mi, a Thighearna, o làmhan nan aingidh; o fhear an fhòirneirt dìon mi, lem b’àill mo cheuman a thilgeadh bun-os‑cionn.
5Dh’fhalaich na h‑uaibhrich ribe dhomh agus cùird; sgaoil iad lìon ri taobh na slighe; leag iad ceapan-tuislidh romham. Selah.
6Thubhairt mi ris an Tighearna, Is tu mo Dhia; èisd, a Thighearna, ri guth m’athchuingean.
7A Iehòbhah, a Thighearna, neart mo shlàinte, dh’fhalaich thu mo cheann ann an là a’ chatha.
8Na deònaich, a Thighearna, miannan an aingidh; na soirbhich le a ais-innleachd, air eagal gun àrdaich iad iad fhèin. Selah.
9A‑thaobh nan daoine a chuartaich mi, còmhdaichidh aimhleas am bilean fhèin iad.
10Tuitidh èibhlean teine orra; anns an teine tilgear iad; ann an slocan domhain, a‑chum nach èirich iad a‑rìs.
11Na daingnichear fear-labhairt uilc air an talamh; sealgaidh olc air fear an fhòirneirt a‑chum a sgrios.
12Tha fhios agam gun cùm an Tighearna ceartas ris an duine thruagh, còir ris na bochdan.
13Gu dearbh bheir na fìreanan moladh dod ainm; gabhaidh na h‑ionracain còmhnaidh ad fhianais.
Currently Selected:
Salm 140: ABG1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017