Salm 135
135
1Molaibh an Tighearna; molaibh ainm an Tighearna, molaibh-se, òglacha an Tighearna.
2Sibhse a sheasas ann an taigh an Tighearna, ann an cùirtean taigh ar Dè,
3Molaibh an Tighearna, oir tha an Tighearna math; seinnibh cliù da ainm, oir tha e taitneach.
4Oir roghnaich an Tighearna Iàcob dha fhèin, Israel mar a ionmhas sònraichte.
5Oir tha fhios agam gur mòr an Tighearna agus gu bheil ar Tighearna os cionn nan uile dhiathan.
6Ge bè nì a bu toigh leis an Tighearna, rinn e air nèamh agus air talamh, anns na cuantan agus anns na doimhneachdan uile.
7Is esan a bheir air a’ cheò dol suas o chrìch na talmhainn, a nì dealanach le uisge, a bheir a‑mach a’ ghaoth as a ionadan-tasgaidh,
8A bhuail ciad-ghin na h‑Eiphit, araon duine agus ainmhidh,
9A chuir comharraidhean agus iongantasan ann ad mheadhon, O Eiphit, air Phàraoh agus air a òglaich gu lèir,
10A bhuail cinnich mhòra, agus a mharbh rìghrean mòra,
11Sihon rìgh nan Amorach, agus Og rìgh Bhasain, agus uile rìoghachdan Chanàain,
12Agus a thug am fearann mar oighreachd, mar oighreachd do Israel a shluagh.
13Mairidh d’ainm-sa, a Thighearna, gu bràth; do chuimhne, a Thighearna, o linn gu linn.
14Oir bheir an Tighearna breith air a shluagh, agus gabhaidh e aithreachas a‑thaobh a sheirbhiseach.
15Is airgead agus òr iodhalan nan cinneach, obair làmhan dhaoine.
16Tha beòil aca, ach cha labhair iad; sùilean aca, ach chan fhaic iad.
17Tha cluasan aca, ach cha chluinn iad; cha mhò a tha anail nam beul.
18Cosmhail riu fhèin tha iadsan a nì iad, gach neach a dh’earbas asda.
19A thaigh Israeil, beannaichibh an Tighearna; a thaigh Aaroin, beannaichibh an Tighearna.
20A thaigh Lèbhi, beannaichibh an Tighearna; sibhse air a bheil eagal an Tighearna, beannaichibh an Tighearna.
21Beannaichte gu robh an Tighearna à Sion, aig a bheil a chòmhnaidh ann an Ierusalem. Molaibh-se an Tighearna.
Currently Selected:
Salm 135: ABG1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017