YouVersion Logo
Search Icon

Salm 132

132
Laoidh nan ceum.
1Cuimhnich, a Thighearna, air Daibhidh, agus air a uile àmhghar.
2Mar a mhionnaich e don Tighearna, a bhòidich e do Dhia treun Iàcoib, ag ràdh,
3Gu deimhinn cha tèid mi do phàillean mo thaighe, cha tèid mi suas air mo leabaidh;
4Cha toir mi cadal dom shùilean no suain dom rosgan,
5Gus am faigh mi àite don Tighearna, ionad-còmhnaidh do Dhia treun Iàcoib.
6Feuch, chuala sinn uime aig Ephratah; fhuair sinn e ann am machraichean na coille.
7Thèid sinn a‑steach da phàilleanan, sleuchdaidh sinn aig stòl a choise.
8Eirich, a Thighearna, gud thàmh, thu fhèin agus àirc do neirt.
9Sgeadaichear do shagartan le ionracas, agus dèanadh do naoimh luath-ghaire.
10Air sgàth Dhaibhidh d’òglach, na cuir air a h‑ais aghaidh d’Aoin ungte.
11Mhionnaich an Tighearna do Dhaibhidh ann am fìrinn; cha till e uaithe: De thoradh do chuirp suidhichidh mi air do rìgh-chathair.
12Ma choimheadas do chlann mo choicheangal agus mo theisteas, a theagasigeas mi dhaibh, suidhidh mar an ceudna an clann-san air do rìgh-chathair gu bràth.
13Oir roghnaich an Tighearna Sion; mhiannaich e i mar ionad-còmhnaidh dha fhèin, ag ràdh,
14Is i seo mo shuaimhneas gu sìorraidh; an seo gabhaidh mi còmhnaidh, oir mhiannaich mi i.
15Beannaichidh mi gu mòr a lòn; sàsaichidh mi a bochdan le aran.
16Eididh mi a sagartan le slàinte, agus nì a naoimh àrd-luathghaire.
17An sin bheir mi air adhairc Dhaibhidh fàs; dh’òrdaich mi lòchran dom Aon ungte.
18Eididh mi a naimhdean le nàire, ach air fhèin thig a choron fo bhlàth.

Currently Selected:

Salm 132: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in