Gnàth-fhacal 20
20
1Is cealgach an nì fìon, is buaireasach an nì deoch làidir; agus ge bè neach a mheallar leo, chan eil e glic.
2Mar bheucaich leòmhainn tha eagal rìgh: an tì a bhrosnaicheas e gu feirg, peacaichidh e an aghaidh a anama fhèin.
3Is urramach an nì do fhear fantainn o aimhreit; ach measgaidh gach amadan innte.
4Airson an fhuachd cha treabh an leisgean; iarraidh e dèirc anns an fhogharadh, ach chan fhaigh e.
5Mar uisge domhain tha comhairle ann an cridhe duine, ach tàirngidh fear na tuigse a‑nìos i.
6Aithrisidh mòran dhaoine gach aon dhiubh a mhaitheas fhèin; ach cò a gheibh duine fìrinneach?
7Gluaisidh am fìrean na ionracas: sona bidh a mhic na dhèidh.
8Nuair a shuidheas rìgh air cathair-bhreitheanais, sgaoilidh e gach olc le a shùilean.
9Cò a dh’fhaodas a ràdh, Ghlan mi mo chridhe, tha mi glan om pheacadh?
10Aon chothrom agus cothrom eile, aon soitheach-tomhais agus soitheach-tomhais eile, is gràinealachd iad araon don Tighearna.
11Aithnichear eadhon leanabh le a bheusan, am bi a dhèanadas glan, agus am bi e ceart.
12A’ chluas a chluinneas, agus an t‑sùil a chì, rinn an Tighearna iad araon.
13Na gràdhaich cadal, air eagal gun tig thu gu bochdainn; fosgail do shùilean, agus sàsaichear thu le aran.
14Is olc, is olc e, arsa an ceannaiche; ach nuair a dh’imicheas e roimhe, an sin nì e uaill.
15Tha òr ann, agus mòran de chlachan luachmhor; ach is iad bilean an eòlais an seud as luachmhoire.
16Gabh aodach an tì a chaidh an urras air coigreach; agus airson ban-choigrich gabh an geall uaithe.
17Is milis le duine aran na ceilge; ach na dhèidh sin lìonar a bheul de ghaineamh.
18Daingnichear gach tionnsgnadh le comhairle; agus le comhairle ghlic dèan cogadh.
19A’ foillseachadh nithean diamhair, imichidh fear-tuaileis mun cuairt: uime sin ris-san a nì miodal le a bhilean na biodh gnothach agad.
20Ge bè mhallaicheas a athair, no a mhàthair, cuirear as a lòchran ann an duibhre dorchadais.
21Faodar oighreachd fhaotainn gu luath an toiseach; ach cha bhi a crìoch beannaichte.
22Na abair, Iocaidh mi olc airson uilc: feith air an Tighearna, agus saoraidh e thu.
23Is gràinealachd don Tighearna aon chlach-thomhais agus clach-thomhais eile, agus chan eil meidhean mealltach math.
24Is ann on Tighearna a tha ceuman duine; oir cionnas a thuigeas duine a shlighe fhèin?
25Is ribe e do dhuine ithe den nì a tha naomh, agus an dèidh bhòidean, fiosrachadh.
26Sgapaidh rìgh glic na h‑aingidh, agus bheir e air an roth teachd thairis orra.
27Is e spiorad duine lòchran an Tighearna, a’ sgrùdadh gach ionaid an taobh a‑staigh den chom.
28Gleidhidh tròcair agus fìrinn rìgh; seadh, le tròcair daingnichear a rìgh-chathair.
29Is e urram dhaoine òga an neart; agus is e maise sheann daoine an ceann liath.
30Glanaidh guirme cneidhe olc; mar sin glanaidh buillean na bheil an taobh a‑staigh den chom.
Currently Selected:
Gnàth-fhacal 20: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017