Gnàth-fhacal 18
18
1A reir a thograidh iarraidh esan a sgaras e fhèin, agus buinidh e ris gach gliocas.
2Chan eil tlachd aig an amadan ann an tuigse, ach gum foillsicheadh a chridhe e fhèin.
3Nuair a thig an t‑aingidh, thig mar an ceudna tarcais, agus maille ri mì‑chliù masladh.
4Mar uisgeachan domhain tha briathran beul duine; mar shruth sgaoilteach tha tobar a’ ghliocais.
5Chan eil e math gabhail ri gnùis an droch dhuine, a‑chum am fìrean a thilgeadh bun-os‑cionn ann am breitheanas.
6Thèid bilean an amadain ann an aimhreit, agus gairmidh a bheul air buillean.
7Is e beul amadain a sgrios, agus is iad a bhilean ribe a anama fhèin.
8Tha briathran fear na cagarsaich mar lotan, agus thèid iad sìos gu ionadan ìochdarach a’ chuim.
9Mar an ceudna an tì sin a tha leisg na obair, is bràthair e don mhilltear mhòr.
10Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am fìrean da ionnsaigh, agus bidh e tèarainte.
11Is e beartas an duine shaoibhir a chathair làidir, agus mar bhalla àrd na bheachd fhèin.
12Ro sgrios bidh cridhe duine uaibhreach, agus ro urram bidh irioslachd.
13An tì a bheir freagradh ann an cùis mun cluinn e i, is amaideachd agus nàire dha e.
14Giùlainidh spiorad duine a laigse: ach cò as urrainn spiorad briste a ghiùlan?
15Gheibh cridhe an duine chrìonna eòlas; agus iarraidh cluas nan daoine glice eòlas.
16Nì tìodhlac duine àite dha, agus bheir e an làthair dhaoine mòra e.
17Saoilear gu bheil a’ chòir aigesan a tha air thoiseach ann an agairt a chùise; ach thig a choimhearsnach, agus rannsaichidh e e.
18Bheir an crannchur air aimhreitean sgur, agus roinnidh e eadar na cumhachdaich.
19Tha bràthair air a bhrosnachadh nas cruaidhe ra chosnadh na cathair làidir; agus tha aimhreitean bhràithrean mar chroinn lùchairt.
20Le toradh beul duine lìonar a bhrù; agus le toradh a bhilean sàsaichear e.
21Tha bàs agus beatha ann an cumhachd na teangaidh; agus ithidh esan leis an ionmhainn i de a toradh.
22An tì a dh’amaiseas air mnaoi, amaisidh e air nì math, agus gheibh e deagh-ghean on Tighearna.
23Le impidhean labhraidh an duine bochd; ach freagraidh an duine saoibhir gu garbh.
24Feumaidh fear aig am bi càirdean càirdeas a nochdadh; agus tha caraid ann a leanas nas dlùithe na bràthair.
Currently Selected:
Gnàth-fhacal 18: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017