YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth-fhacal 11

11
1Tha meidhean mealltach nan gràinealachd don Tighearna; ach is taitneach leis tomhaisean cearta.
2Nuair a thig uabhar, thig masladh; ach aig na h‑iriosail tha gliocas.
3Seòlaidh ionracas nam fìrean iad; ach millidh fiaradh luchd-dòbheairt iad fhèin.
4Cha bhi tairbhe ann an saoibhreas ann an là na feirge; ach saoraidh fìreantachd on bhàs.
5Seòlaidh fìreantachd an duine ionraic a shlighe; ach trìd a aingidheachd fhèin tuitidh an t‑aingidh.
6Saoraidh fìreantachd nan ionraic iad; ach glacar fealltairean nan olc fhèin.
7Nuair a bhàsaicheas an droch dhuine, thèid as da dhòchas; agus teirigidh dùil luchd-euceirt.
8Saorar am fìrean o theinn; ach thig an droch dhuine na àite.
9Le a bheul millidh cealgair a choimhearsnach; ach trìd eòlais saorar na fìreanan.
10Nuair a dh’èireas gu math do na fìreanan, nì am baile gàirdeachas; agus nuair a sgriosar na h‑aingidh, bidh luathghaire ann.
11Le beannachadh nan ionraic àrdaichear baile; ach le beul nan aingidh leagar e.
12Nì esan a tha as eugmhais gliocais tàir air a choimhearsnach; ach bidh fear na tuigse na thosd.
13Imichidh fear tuaileis mun cuairt a’ foillseachadh nithean diamhair; ach esan a tha fìrinneach na spiorad, ceilidh e nì.
14Far nach eil comhairle, tuitidh sluagh; ach ann an lìonmhorachd chomhairleach tha tèarainteachd.
15Ciùrrar gu goirt esan a bhios an urras air coigreach; ach esan a dh’fhuathaicheas luchd-urrais, bidh e tèarainte.
16Gheibh bean ghràsail urram; agus cosnaidh daoine làidir saoibhreas.
17Nì an duine iochdmhor math da anam fhèin; ach esan a tha an‑iochdmhor, claoidhidh e a fheòil fhèin.
18Obraichidh an droch dhuine obair mhealltach; ach aigesan a chuireas fìreantachd bidh duais chinnteach.
19Mar seo tha fìreantachd a‑chum beatha; ach esan a leanas an t‑olc, leanaidh e a‑chum a bhàis fhèin e.
20Is gràinealachd don Tighearna iadsan a tha fiar nan cridhe; ach is taitneach leis iadsan a tha ionraic nan slighe.
21Ged iadhadh làmh mu làimh, cha bhi an droch dhuine gun pheanas; ach saorar sliochd nam fìrean.
22Mar fhàinne òir ann an sròin muice, tha bean sgiamhach agus i as eugmhais tuigse.
23Tha miann nam fìrean a‑mhàin math; ach is e dòchas nan aingidh fearg.
24Tha neach ann a sgaoileas, agus fàsaidh e nas saoibhire; agus tha e ann a chumas tuilleadh is a tha ceart, ach thig e gu bochdainn.
25Nìthear an t‑anam fial sultmhor; agus an tì a dh’uisgicheas, uisgichear mar an ceudna e fhèin.
26Esan a chumas air ais sìol, mallaichidh an sluagh e; ach bidh beannachd air ceann an tì a reiceas.
27Esan a dh’iarras math gu dùrachdach, gheibh e deagh-ghean; ach an tì a dh’iarras olc, thig e air fhèin.
28Esan a dh’earbas as a shaoibhreas, tuitidh e; ach mar ghèig, thig na fìreanan fo bhlàth.
29Esan a chuireas a theaghlach fhèin fo bhuaireas, bidh e na oighre air a’ ghaoith; agus an t‑amadan na sheirbhiseach dhàsan a tha glic na chridhe.
30Is craobh beatha toradh an fhìrein; agus tha esan a chosnas anaman glic.
31Feuch, bheirear luigheachd don fhìrean air an talamh: nach mò na sin don aingidh agus don pheacach.

Currently Selected:

Gnàth-fhacal 11: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in