YouVersion Logo
Search Icon

Philipianach 1

1
1Pòl agus Timòteus, seirbhisich Iosa Crìosd, a‑chum nan naomh uile ann an Iosa Crìosd, a tha ann am Philipi, maille ris na h‑easbaigean agus ris na dèaconan:
2Gràs dhuibh agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd.
3Tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia gach uair a chuimhnicheas mi oirbh,
4A‑ghnàth ann am uile ùrnaighean air ur son-se uile, le gàirdeachas a’ dèanamh guidhe,
5Airson ur co‑roinn den t‑soisgeul, on chiad là gus a‑nis:
6Air dhomh a bhith dearbhte as an nì seo fhèin, eadhon an tì a thòisich air deagh obair annaibh, gun coilean e i gu là Iosa Crìosd:
7Eadhon mar as còir dhomh seo a smaoineachadh umaibh uile, do bhrìgh gu bheil sibh agam ann am chridhe, agus gu bheil sibh uile nur luchd co‑roinn dem ghràs-sa, araon ann am ghèimhlean, agus ann an seasamh airson, agus ann an daingneachadh, an t‑soisgeil.
8Oir is e Dia m’fhianais, cia mòr mo dhèidh oirbh uile, ann an innibh Iosa Crìosd.
9Agus tha mi a’ guidhe seo, gum biodh ur gràdh-se air a mheudachadh nas mò agus nas mò ann an eòlas, agus ann an uile thuigse:
10A‑chum gun dearbh sibh na nithean as fheàrr; a‑chum gum bi sibh treibhdhireach, agus gun tuisleadh gu là Chrìosd;
11Air ur lìonadh le toradh na fìreantachd, a tha tre Iosa Crìosd a‑chum glòir agus cliù Dhè.
12Ach is àill leam, a bhràithrean, fios a bhith agaibh, na nithean a thachair dhòmhsa, gur mò a dh’èirich leo an soisgeul a chur air aghaidh:
13Ionnas gu bheil mo gheimhlean-sa ann an Crìosd iomraiteach anns an lùchairt uile, agus anns gach àit eile;
14Agus gu bheil mòran de na bràithrean anns an Tighearna a’ gabhail misnich om ghèimhlean, leis an tuilleadh mòr-dhànachd a’ labhairt an fhacail gun eagal.
15Tha cuid gu dearbh a’ searmonachadh Chrìosd tre fharmad agus strì, agus cuid eile tre dheagh thoil.
16Tha aon dream a’ searmonachadh Chrìosd tre chonnspaid, chan ann gu treibhdhireach, a’ saoilsinn àmhghar a chur rim ghèimhlean-sa:
17Ach an dream eile o ghràdh, air dhaibh fios a bhith aca gun do chuireadh mise gu seasamh airson an t‑soisgeil.
18Ciod matà? Gidheadh air gach aon chor, cia aca is ann an coslas a‑mhàin, no da‑rìribh, tha Crìosd air a shearmonachadh; agus air a shon seo tha mise a’ dèanamh gàirdeachais, seadh, agus nì mi gàirdeachas.
19Oir tha fhios agam gun tig seo a‑chum slàinte dhòmhsa tre ur n‑ùrnaigh-se, agus tre fhrithealadh Spiorad Iosa Crìosd.
20A rèir mo ro‑dhùil, agus mo dhòchais, nach cuirear nàire orm ann an nì air bith, ach leis an uile dhànachd labhairt, mar a‑ghnàth, gum bi Crìosd a‑nis mar an ceudna air àrdachadh ann am chorp-sa, mas ann tre bheatha no tre bhàs.
21Oir dhòmhsa a bhith beò is e sin Crìosd, agus bàs fhaotainn is buannachd dhomh e.
22Ach mas beò dhomh anns an fheòil, is e seo toradh m’obrach: ach ciod den dèanainn roghainn, chan fhios dhomh.
23Oir tha mi air mo theannachadh eadar dhà nì, air dhomh a bhith togarrach air siubhal, agus a bhith maille ri Crìosd: oir is e seo as ro‑fheàrr:
24Gidheadh, is e mi a dh’fhantainn anns an fheòil as fheumaile dhuibhse.
25Agus air dhomh a bhith cinnteach dheth seo, tha fhios agam gum fuirich mi agus gun còmhnaich mi maille ribh uile, a‑chum ur cur air ur n‑aghaidh, agus a‑chum gàirdeachas a’ chreidimh:
26A‑chum gum bi ur gàirdeachas nas pailte ann an Iosa Crìosd dom thaobh-sa, airson mi a bhith a‑rìs an làthair maille ribh.
27A‑mhàin caithibh ur beatha gu cubhaidh do shoisgeul Chrìosd: a‑chum cia aca a thig mi agus a chì mi sibh, no a bhios mi as làthair, gun cluinn mi mur timcheall, gu bheil sibh a’ seasamh gu daingeann ann an aon spiorad, le aon inntinn, a’ gleac le chèile airson creideamh an t‑soisgeil;
28Gun gheilt ann an nì sam bith oirbh o ur naimhdean: nì a tha dhaibhsan na chomharradh cinnteach air sgrios, ach dhuibhse air slàinte, agus sin o Dhia.
29Oir thìodhlaiceadh dhuibhse airson Chrìosd, chan e a‑mhàin creidsinn ann, ach mar an ceudna fulang air a shon;
30Air dhuibh an còmhrag ceudna a bhith agaibh a chunnaic sibh annamsa, agus a tha sibh a‑nis a’ cluinntinn a bhith annam.

Currently Selected:

Philipianach 1: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in