YouVersion Logo
Search Icon

Nahum 3

3
1Is truagh don chathair fhuiltich! Tha i uile na ceilg, làn de reubainn: chan eil sgur air a’ chreich.
2Fuaim slait-sgiùrsaidh, agus torman faram nan rothan, agus nan each meamnach, agus nan carbad leumnach.
3Togaidh am marcaich suas araon an claidheamh loinnireach, agus an t‑sleagh lìomhaidh; agus tha mòran de mhairbh ann, agus àireamh mòr de chuirp: chan eil crìoch air an cairbhean; tha iad a’ tuisleachadh air an cuirp:
4Airson lìonmhorachd strìopachas na strìopaich mhaisich, bana-mhaighistir nan draoidheachdan; a tha a’ reic chinneach le a strìopachas, agus theaghlaichean le a draoidheachdan.
5Feuch, tha mise ad aghaidh, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus leigidh mi ris do sgiobaill air d’aghaidh, agus foillsichidh mi do na cinnich do lomnochdaidh, agus do na rìoghachdan do mhasladh.
6Agus tilgidh mi salchar gràineil ort, agus nì mi suarach thu, agus cuiridh mi thu mar bhall-amhairc.
7Agus tàrlaidh, iadsan uile a dh’amhairceas ort, gun teich iad uat, agus their iad, Rinneadh Ninebheh na fàsach, cò a chaoidheas i? Cia as a dh’iarras mi luchd-comhfhurtachd air do shon?
8Am feàrr thusa na Nò sluaghmhor a bha air a suidheachadh am measg nan aibhnichean; aig an robh na h‑uisgeachan mun cuairt dhi, aig an robh an fhairge mar dhìdein, agus a’ mhuir mar bhalla?
9B’e Etiopia agus an Èiphit a neart, agus bha sin anabarrach: b’iad Put agus Lubim a luchd-cuideachaidh.
10Gidheadh thugadh air falbh i, dh’imich i ann am braighdeanas; bha a clann òg fòs air am pronnadh nam bloighdean aig ceann nan uile shràidean; agus thilg iad croinn airson a daoine urramach, agus bha a daoine mòra gu lèir air an ceangal ann an slabhraidhean.
11Bidh tusa fòs air mhisg; falaichidh tu thu fhèin; iarraidh tu dìdean on nàmhaid.
12Bidh d’uile dhaingnichean làidir mar chroinn-fhìge leis na ciad fhìgean abaich: ma chrathar iad, tuitidh iad ann am beul an tì a dh’itheas iad.
13Feuch, tha do dhaoine mar mhnathan ann ad mheadhon: sgaoilear gu farsaing dod naimhdean geatachan do thìre; caithidh an teine do chroinn-dhruididh.
14Tarraing uisge dhut fhèin airson an fheachd, neartaich do dhaingnichean làidir: rach a‑steach don chriadh agus post an làthach; daingnich an àth-chreadha.
15An sin nì an teine do chaitheamh; gearraidh an claidheamh as thu, ithidh e suas thu mar a’ chnàmh-chnuimh: dèan thu fhèin lìonmhor mar a’ chnàmh-chnuimh, dèan thu fhèin lìonmhor mar an lòcast.
16Rinn thu do luchd-malairt lìonmhor thar reultan nèimh: millidh a’ chnàmh-chnuimh, agus siùbhlaidh i air falbh.
17Tha iadsan a chrùnadh annad mar na lòcaist, agus do chinn-fheadhna mar na fionnain-fheòir, a chòmhnaicheas anns na barranan anns an là fhuar; ach nuair a dh’èireas a’ ghrian teichidh iad air falbh, agus chan eil fhios cia an t‑àite anns a bheil iad.
18Tha do bhuachaillean ri clò-chadal, O rìgh Asiria: tha d’uaislean nan tàmh: tha do shluagh air an sgapadh air na slèibhtean, agus chan eil aon neach ann gan cruinneachadh.
19Chan eil leigheas air do bhruthadh: tha do lot nimhneach: na h‑uile a chluinneas iomradh ort, buailidh iad am basan os do chionn; oir cò air nach do shiubhail d’olc an còmhnaidh?

Currently Selected:

Nahum 3: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in