YouVersion Logo
Search Icon

Marcus 3

3
1Agus chaidh e a‑rìs a‑steach don t‑sionagog; agus bha an sin duine aig an robh làmh sheargte.
2Agus rinn iad faire air, a dh’fheuchainn an lèighseadh e e air là na sàbaid, a‑chum gum biodh cùis-dhìtidh aca na aghaidh.
3Agus thubhairt e ris an duine aig an robh an làmh sheargte, Eirich anns a’ mheadhon.
4Agus thubhairt e riu, A bheil e ceadaichte math a dhèanamh air làithean na sàbaid, no olc; anam a thèarnadh, no a sgrios? Ach dh’fhan iadsan nan tosd.
5Agus nuair a dh’amhairc e mun cuairt orra le feirg, air dha a bhith duilich airson cruas an cridhe, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus shìn e a‑mach i; agus rinneadh slàn i mar an làmh eile.
6Agus chaidh na Pharasaich a‑mach, agus ghabh iad comhairle air ball maille ri luchd-leanmhainn Heroid na aghaidh-san, cionnas a dh’fhaodadh iad a sgrios.
7Ach chaidh Iosa maille ra dheisciobail air leth a‑chum na mara: agus lean sluagh mòr e o Ghalile, agus o Iudèa.
8Agus o Ierusalem, agus o Idumèa, agus o thaobh thall Iòrdain, agus iadsan a bha timcheall Thìruis agus Shìdoin, thàinig cuideachd mhòr dhiubh da ionnsaigh, nuair a chuala iad cho mòr is a bha na nithean a rinn e.
9Agus thubhairt e ra dheisciobail long bheag a bhith a’ feitheamh air, airson an t‑sluaigh, a‑chum nach dòmhlaicheadh iad e:
10Oir leighis e mòran; ionnas gun do dhlùth-theann iad ris, a mheud is air an robh plàighean, a‑chum gum beanadh iad ris.
11Agus na spioradan neòghlan, nuair a chunnaic iad e, shleuchd iad dha, agus ghlaodh iad, ag ràdh, Is tusa Mac Dhè.
12Agus thug e sparradh teann dhaibh nach dèanadh iad aithnichte e.
13Agus chaidh e suas gu beinn, agus ghairm e iadsan a b’àill leis: agus thàinig iad da ionnsaigh.
14Agus dh’òrdaich e dà‑fhear-dheug, a‑chum gum biodh iad maille ris, agus gun cuireadh e a‑mach iad a shearmonachadh;
15Agus gum biodh aca cumhachd a leigheas easlainte, agus a thilgeadh a‑mach dheamhan.
16Agus air Sìmon thug e Peadar mar cho-ainm;
17Agus Seumas mac Shebede, agus Eòin bràthair Sheumais (agus orra-san thug e Boanerges mar cho-ainm, is e sin ri ràdh, Clann na tàirneanaich),
18Agus Anndras, agus Philip, agus Bartolomèus, agus Mata, agus Tòmas, agus Seumas, mac Alphèuis, agus Tadèus, agus Sìmon an Canàanach,
19Agus Iùdas Iscariot, an neach sin a bhrath e: agus chaidh iad do thaigh.
20Agus chruinnicheadh an sluagh a‑rìs, ionnas nach robh e an comas dhaibh uiread is aran ithe.
21Agus nuair a chuala a chàirdean seo, thàinig iad a‑mach a bhreith air, oir thubhairt iad, Tha e air mhì-chèill.
22Agus thubhairt na sgrìobhaichean a thàinig a‑nuas o Ierusalem, Tha Beelsebub aige, agus is ann tro phrionnsa nan deamhan a tha e a’ tilgeadh a‑mach dheamhan.
23Agus ghairm e iad da ionnsaigh, agus thubhairt e riu ann an cosamhlachdan, Cionnas a dh’fhaodas Sàtan Sàtan a thilgeadh a‑mach?
24Agus ma bhios rìoghachd roinnte na h‑aghaidh fhèin, chan urrainn an rìoghachd sin seasamh.
25Agus ma bhios taigh air a roinn na aghaidh fhèin, chan urrainn an taigh sin seasamh.
26Agus ma dh’èireas Sàtan na aghaidh fhèin agus gum bi e roinnte, chan urrainn e seasamh, ach tha crìoch air.
27Chan urrainn neach air bith dol a‑steach do thaigh duine làidir, agus a àirneis a thogail leis, mura ceangail e an duine làidir an toiseach; agus an sin creachaidh e a thaigh.
28Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum maithear na h‑uile pheacaidhean do chloinn nan daoine, agus gach toibheum a labhras iad;
29Ach ge bè a labhras toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, chan fhaigh e maitheanas a‑chaoidh, ach tha e an cunnart peanais shìorraidh:
30Airson gun dubhairt iad, Tha spiorad neòghlan aige.
31An sin thàinig a bhràithrean agus a mhàthair, agus air dhaibh seasamh a‑muigh, chuir iad fios da ionnsaigh, a’ gairm air.
32Agus bha an sluagh nan suidhe ma thimcheall; agus thubhairt iad ris, Feuch, tha do mhàthair agus do bhràithrean a‑muigh gad iarraidh.
33Agus fhreagair e iad, ag ràdh, Cò i mo mhàthair, no mo bhràithrean?
34Agus sheall e mun cuairt orrasan a bha nan suidhe ma thimcheall, agus thubhairt e, Feuch mo mhàthair agus mo bhràithrean.
35Oir ge bè neach a nì toil Dhè, is esan mo bhràthair, agus mo phiuthar, agus mo mhàthair.

Currently Selected:

Marcus 3: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in