Micah 6
6
1Èisdibh-se a‑nis ciod a tha an Tighearna ag ràdh: Eirich, tagair fa chomhair nam beann, agus cluinneadh na cnuic do ghuth.
2Eisdibh-se, O shlèibhtean, còmhstri an Tighearna; agus sibhse, a bhunaitean làidir na talmhainn: oir tha còmhstri aig an Tighearna ra shluagh, agus tagraidh e ri Israel.
3O mo shluagh, ciod a rinn mise ort? Agus ciod anns an do sgìthich mi thu? Tog fianais am aghaidh.
4Oir thug mi a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit; agus à taigh nan tràillean shaor mi thu; agus chuir mi romhad Maois, Aaron, agus Miriam.
5O mo shluagh, cuimhnich a‑nis ciod a’ chomhairle a ghabh Balac rìgh Mhòaib; agus ciod am freagradh a thug Balàam mac Bheoir dha, o Shitim gu Gilgal; a‑chum gun aithnich sibh fìreantachd an Tighearna.
6Ciod leis an tig mi ann am fianais an Tighearna; leis an strìochd mi mi fhèin an làthair an Dè as àirde? An tig mi na fhianais le ìobairtean-loisgte; le laoigh a bhios bliadhna a dh’aois?
7Am bi an Tighearna toilichte le mìltean de reitheachan, le deich mìltean de shruthan ola? An toir mi mo chiad-ghin airson mo chionta; toradh mo chuirp airson cionta m’anama?
8Dh’fheuch e dhut, O dhuine, ciod a tha math; agus ciod a tha an Tighearna ag iarraidh ort, ach ceartas a dhèanamh, tròcair a ghràdhachadh, agus gluasad gu h‑iriosal maille rid Dhia?
9Tha guth an Tighearna a’ glaodhaich ris a’ bhaile, agus bheir an duine glic fa‑near d’ainm: èisdibh-se an t‑slat, agus an Tì a dh’òrdaich i.
10A bheil fhathast ionmhasan na h‑aingidheachd ann an taigh an droch dhuine; agus an tomhas gann a tha gràineil?
11Am meas mise glan i leis na meidhean eucorach, agus le màla nan tomhaisean cealgach?
12Aig a bheil a daoine beartach làn ainneirt; agus labhair a luchd-àiteachaidh breugan; agus tha an teanga cealgach nam beul.
13Uime sin tionnsganaidh mise air do bhualadh, air do dhèanamh fàs airson do lochdan.
14Ithidh tu, ach cha sàsaichear thu; agus bidh do leagadh ann ad mheadhon; agus gabhaidh tu greim, ach cha ghlèidh thu: agus an nì sin a ghlèidheas tu, bheir mise don chlaidheamh.
15Cuiridh tu, ach cha bhuain thu: bruthaidh tu meas a’ chroinn-ola, ach chan ung thu thu fhèin le ola; agus dearcan an fhìon nuaidh, ach chan òl thu fìon.
16Oir choimhead thu reachdan Omri, agus uile obraichean taigh Ahaib; agus tha sibh ag imeachd nan comhairlean; a‑chum gun dèanainn-sa na h‑ionad fàs i, agus a luchd-àiteachaidh nan sgeig; agus gun giùlain sibhse masladh mo shluaigh-sa.
Currently Selected:
Micah 6: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017