Mata 5
5
1Agus nuair a chunnaic Iosa an sluagh, chaidh e suas air beinn; agus air suidhe dha, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh.
2Agus dh’fhosgail e a bheul, agus theagaisg e iad, ag ràdh,
3Is beannaichte iadsan a tha bochd nan spiorad: oir is leo rìoghachd nèimh.
4Is beannaichte iadsan a tha ri bròn: oir gheibh iad sòlas.
5Is beannaichte na daoine macanta: oir sealbhaichidh iad an talamh mar oighreachd.
6Is beannaichte an dream air a bheil acras agus tart na còrach: oir sàsaichear iad.
7Is beannaichte na daoine tròcaireach: oir gheibh iad tròcair.
8Is beannaichte na daoine a tha glan nan cridhe: oir chì iad Dia.
9Is beannaichte luchd-dèanamh na sìthe: oir goirear clann Dhè dhiubh.
10Is beannaichte an dream a tha a’ fulang geur-leanmhainn airson na còrach: oir is leòsan rìoghachd nèimh.
11Is beannaichte a bhios sibh nuair a bheir daoine ana-cainnt dhuibh, agus a nì iad geur-leanmhainn oirbh, agus a labhras iad gach uile dhroch fhacal ribh gu breugach, air mo sgàth-sa.
12Dèanaibh gàirdeachas, agus bithibh ro‑shubhach; oir is mòr ur duais air nèamh: oir mar sin rinn iad geur-leanmhainn air na fàidhean a bha romhaibh.
13Is sibhse salann na talmhainn: gidheadh ma chailleas an salann a bhlas, ciod leis an saillear e? Chan eil feum ann o sin suas, ach a thilgeadh a‑mach, agus a shaltairt fo chasan dhaoine.
14Is sibhse solas an t‑saoghail. Chan fhaodar baile a tha air a shuidheachadh air sliabh fhalach.
15Agus cha las daoine coinneal a‑chum gun cuir iad i fo shoitheach, ach ann an coinnleir, agus nì i solas do na bheil a‑staigh.
16Guma h‑ann mar sin a dhealraicheas ur solas an làthair dhaoine, a‑chum gum faic iad ur deagh obraichean, agus gun toir iad glòir dur n‑Athair a tha air nèamh.
17Na measaibh gun tàinig mise a bhriseadh an lagha no nam fàidhean; chan ann a bhriseadh a thàinig mi, ach a choileanadh.
18Oir tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach, Gus an tèid nèamh agus talamh thairis, cha tèid aon lide no aon phuing den lagh thairis, gus an coileanar gach aon nì.
19Air an adhbhar sin ge bè neach a bhriseas aon de na h‑àitheantan seo as lugha, agus a theagaisgeas daoine mar sin, goirear an duine as lugha dheth ann an rìoghachd nèimh: ach ge bè neach a nì, agus a theagaisgeas iad, goirear duine mòr dheth ann an rìoghachd nèimh.
20Oir tha mi ag ràdh ribh, Mura toir ur fìreantachd-se barrachd air fìreantachd nan sgrìobhaichean agus nam Pharasach, nach tèid sibh air chor air bith a‑steach do rìoghachd nèimh.
21Chuala sibh gun dubhairteadh ris na sinnsirean, Na dèan mortadh; agus ge bè neach a nì mortadh, bidh e ann an cunnart a’ bhreitheanais.
22Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach aig am bi fearg ra bhràthair gun adhbhar, gum bi e ann an cunnart a’ bhreitheanais: agus ge bè neach a their ra bhràthair, Ràca, gum bi e ann an cunnart na comhairle: ach ge bè neach a their, Amadain, gum bi e ann an cunnart teine ifrinn.
23Uime sin ma bheir thu do thabhartas a‑chum na h‑altarach, agus gun cuimhnich thu an sin gu bheil nì air bith aig do bhràthair ad aghaidh;
24Fàg do thabhartas an sin an làthair na h‑altarach, agus imich, agus dèan rèite air tùs rid bhràthair, agus an dèidh sin thig agus tabhair uat do thìodhlac.
25Bi rèidh rid eascaraid gu luath, am feadh a bhios tu maille ris anns an t‑slighe: air eagal gun toir an t‑eascaraid thairis thu don bhritheamh, agus gun toir am britheamh thu don mhaor, agus gun tilgear ann am prìosan thu.
26Tha mi ag ràdh riut gu fìrinneach nach tèid thu a‑mach as a sin gus an ìoc thu an fheòirling dheireannach.
27Chuala sibh gun dubhairteadh ris na sinnsirean, Na dèan adhaltranas.
28Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach a dh’amhairceas air mnaoi a‑chum a miannachadh, gun do rinn e adhaltranas leatha cheana na chridhe.
29Agus ma bheir do shùil dheas adhbhar tuislidh dhut, spìon a‑mach i, agus tilg uat i: oir is fheàrr dhut gun sgriosar aon ded bhuill na do chorp uile a bhith air a thilgeadh do ifrinn.
30Agus ma bheir do làmh dheas oilbheum dhut, geàrr dhìot i, agus tilg uat i: oir is fheàrr dhut gun sgriosar aon ded bhuill na do chorp uile a bhith air a thilgeadh do ifrinn.
31Agus thubhairteadh, Ge bè chuireas a bhean phòsda air falbh, thugadh e litir-dhealachaidh dhi.
32Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach a chuireas air falbh a bhean-phòsda fhèin, ach a‑mhàin airson strìopachais, gu bheil e a’ toirt oirre adhaltranas a dhèanamh: agus an tì a phòsas a’ bhean sin a chuireadh air falbh, tha e a’ dèanamh adhaltranais.
33Mar an ceudna, chuala sibh gun dubhairteadh ris na sinnsirean, Na tabhair mionnan eithich, ach coilean do mhionnan don Tighearna.
34Ach tha mise ag ràdh ribh, Na tugaibh mionnan idir: na tugaibh air nèamh, oir is e rìgh-chathair Dhè e.
35Na tugaibh air an talamh, oir is e stòl a chas e: na tugaibh air Ierusalem, oir is e baile an rìgh mhòir e.
36Na tabhair mionnan air do cheann, oir chan urrainn thu aon fhuiltean a dhèanamh geal no dubh.
37Ach guma h‑e as còmhradh dhuibh, Seadh, seadh; Chan eadh, chan eadh: oir ge bè nì a bhios os cionn seo, is ann on olc a tha e.
38Chuala sibh gun dubhairteadh, Sùil airson sùla, agus fiacail airson fiacla.
39Ach tha mise ag ràdh ribh, Na cuiribh an aghaidh an uilc: ach ge bè neach a bhuaileas thu air do ghiall deas, tionndaidh thuige an giall eile mar an ceudna.
40Agus an tì lem b’àill thusa a thagradh anns an lagh, agus do chòta a bhuntainn dhìot, leig leis d’fhallaing mar an ceudna.
41Agus ge bè a bheir leis mìle a dh’aindeoin thu, imich leis dà mhìle.
42Tabhair don tì a dh’iarras ort; agus uaithesan lem bu mhiann iasad fhaotainn uat, na till air falbh.
43Chuala sibh gun dubhairteadh, Gràdhaichidh tu do choimhearsnach, agus bidh fuath agad dod nàmhaid.
44Ach tha mise ag ràdh ribh, Biodh gràdh agaibh dur naimhdean, beannaichibh an dream a mhallaicheas sibh, dèanaibh math do na daoine air am beag sibh, agus dèanaibh ùrnaigh airson na muinntir a tha a’ buntainn ribh gu naimhdeil, agus a tha gur geur-leanmhainn:
45A‑chum gum bi sibh nur cloinn aig ur n‑Athair a tha air nèamh: oir tha esan a’ tabhairt air a’ ghrèin fhèin èirigh air na droch dhaoine, agus air na deagh dhaoine, agus a’ cur uisge air na fìreanan agus air na neo-fhìreanan.
46Oir ma bhios gràdh agaibh don mhuinntir aig a bheil gràdh dhuibh, ciod an duais a gheibh sibh? Nach eil eadhon na cìs-mhaoir a’ dèanamh an nì cheudna?
47Agus ma chuireas sibh fàilte air ur bràithrean fhèin a‑mhàin, ciod a tha sibh a’ dèanamh thar chàich? Nach eil na cìs-mhaoir fhèin a’ dèanamh an nì cheudna?
48Air an adhbhar sin bithibh-se coileanta mar tha ur n‑Athair a tha air nèamh coileanta.
Currently Selected:
Mata 5: ABG1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017