Mata 5:29-30
Mata 5:29-30 ABG1992
Agus ma bheir do shùil dheas adhbhar tuislidh dhut, spìon a‑mach i, agus tilg uat i: oir is fheàrr dhut gun sgriosar aon ded bhuill na do chorp uile a bhith air a thilgeadh do ifrinn. Agus ma bheir do làmh dheas oilbheum dhut, geàrr dhìot i, agus tilg uat i: oir is fheàrr dhut gun sgriosar aon ded bhuill na do chorp uile a bhith air a thilgeadh do ifrinn.