Mata 3
3
1Agus anns na làithean sin thàinig Eòin Baistidh, a’ searmonachadh ann am fàsach Iudèa,
2Agus ag ràdh, Gabhaibh aithreachas: oir tha rìoghachd nèimh am fagas.
3Oir is e seo an tì ud mun do labhair Esaias am fàidh, ag ràdh, Guth an tì a ghlaodhas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a cheuman dìreach.
4Agus bha a’ chulaidh aig Eòin de fhionnadh chàmhal, agus crios leathair aige timcheall a leasraidh; agus is e bu bhiadh dha lòcaist agus mil fhiadhaich.
5Chaidh Ierusalem a‑mach da ionnsaigh an sin agus Iudèa uile, agus luchd-àiteachaidh na dùthcha timcheall Iòrdain uile,
6Agus bhaisteadh iad leis-san ann an Iòrdan, ag aideachadh am peacaidhean.
7Ach nuair a chunnaic e mòran de na Pharasaich agus de na Sadusaich a’ teachd a‑chum a bhaistidh-san, thubhairt e riu, A shìol nan nathraichean nimhe, cò a thug rabhadh dhuibhse teicheadh on fheirg a tha ri teachd?
8Air an adhbhar sin, thugaibh a‑mach toradh iomchaidh don aithreachas.
9Agus na smaoinichibh a ràdh annaibh fhèin, Tha Abrahàm na athair againn: oir tha mi ag ràdh ribh gur comasach Dia air clann a thogail suas do Abrahàm de na clachan sin.
10Agus a‑nis tha an tuagh air a cur ri freumh nan crann: air an adhbhar sin, ge bè crann nach toir a‑mach toradh math, gearrar sìos e, agus tilgear anns an teine e.
11Gu deimhinn tha mise gur baisteadh le uisge a‑chum aithreachais; ach an tì a thig am dhèidh, is cumhachdaiche e na mi, agus chan airidh mise air a bhrògan a ghiùlan: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine:
12Aig a bheil a’ ghuit na làimh, agus glanaidh e gu ro‑bhuileach a ùrlar-bualaidh, agus cruinnichidh e a chruithneachd da thaigh-tasgaidh; ach loisgidh e am moll le teine nach faodar a mhùchadh.
13An sin thàinig Iosa o Ghalile gu Iòrdan a dh’ionnsaigh Eòin, a‑chum gum biodh e air a bhaisteadh leis.
14Ach bhac Eòin e, ag ràdh, Tha feum agamsa a bhith air mo bhaisteadh leatsa, agus a bheil thusa a’ teachd am ionnsaigh-sa?
15Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Leig don chùis a bhith mar seo a‑nis: oir mar seo is iomchaidh dhuinn gach uile fhìreantachd a choileanadh. An sin dh’fhuiling e dha.
16Agus nuair a bhaisteadh Iosa, chaidh e air ball suas as an uisge; agus, feuch, dh’fhosgladh nèamh dha, agus chunnaic e Spiorad Dhè a’ tùirling mar chalaman, agus a’ teachd air:
17Agus, feuch, guth o nèamh, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd.
Currently Selected:
Mata 3: ABG1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017