YouVersion Logo
Search Icon

Mata 14

14
1Anns an àm sin chuala Herod an tretrarch cliù Iosa,
2Agus thubhairt e ra sheirbhisich, Is e seo Eòin Baistidh; dh’èirich e o na mairbh, agus uime sin tha feartan air an obrachadh leis.
3Oir air do Herod Eòin a ghlacadh, cheangail e e, agus thilg e ann am prìosan e airson Heròdiais, bean Philip, a bhràthair fhèin.
4Oir thubhairt Eòin ris, Chan eil e dligheach dhut i a bhith agad.
5Agus nuair a bu mhiann leis a chur gu bàs, bha eagal a’ phobaill air, oir bha meas fàidh aca air.
6Ach nuair a bha co‑ainm là‑breithe Heroid air a chumail, rinn nighean Heròdiais dannsa nan làthair, agus thaitinn i ri Herod:
7Ionnas gun do gheall e le mionnan gun tugadh e dhi ge bè air bith nì a dh’iarradh i.
8Agus air dhise a bhith air a teagasg le a màthair ro‑làimh, thubhairt i, Thoir dhomh an seo ceann Eòin Baistidh air mèis.
9Agus bha an rìgh duilich: ach airson a mhionnan, agus na muinntir a bha nan suidhe aig biadh maille ris, dh’àithn e a thabhairt dhi.
10Agus air cur fir-marbhaidh uaithe, bhuin e a cheann de Eòin anns a’ phrìosan.
11Agus thugadh a cheann air mèis, agus thugadh don chailinn e: agus thug ise da màthair e.
12Agus thàinig a dheisciobail, agus thug iad an corp leo, agus dh’adhlaic iad e, agus thàinig iad agus dh’innis iad sin do Iosa.
13Nuair a chuala Iosa seo, chaidh e as a sin air luing gu ionad fàsail air leth: agus nuair a chuala am poball sin, lean iad dan cois e as na bailtean.
14Agus air dol a‑mach do Iosa, chunnaic e coitheanal mòr, agus ghabh e truas mòr dhiubh, agus shlànaich e an dream aca a bha easlan.
15Agus nuair a b’fheasgar e, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, ag ràdh, Is àite fàsail seo, agus tha an t‑àm a‑nis air dol seachad; cuir an sluagh air falbh, a‑chum gun tèid iad do na bailtean, agus gun ceannaich iad biadh dhaibh fhèin.
16Ach thubhairt Iosa riu, Cha ruig iad a leas falbh; thugaibh-se dhaibh ra ithe.
17Agus thubhairt iad ris, Chan eil againn an seo ach còig buileannan agus dà iasg.
18Thubhairt esan riu, Thugaibh an seo iad am ionnsaigh-sa.
19Agus dh’àithn e don t‑sluagh suidhe sìos air an fheur, agus ghlac e na còig buileannan agus an dà iasg, agus air amharc dha suas gu nèamh, bheannaich agus bhris e, agus thug e na buileannan da dheisciobail, agus thug na deisciobail don t‑sluagh iad.
20Agus dh’ith iad uile, agus shàsaicheadh iad: agus thog iad làn dà‑chlèibh-dheug den bhiadh bhriste, a bha a dh’fhuidheall aca.
21Agus bha iadsan a dh’ith mu thimcheall còig mìle fear, a thuilleadh air mnathan agus air cloinn.
22Agus air ball cho-èignich Iosa a dheisciobail gu dol an luing, agus dol roimhe a‑chum an taoibh eile, gus an cuireadh esan an sluagh air falbh.
23Agus nuair a leig e an sluagh uaithe, chaidh e suas air beinn na aonar a dhèanamh ùrnaigh: agus nuair a bha am feasgar air teachd, bha e an sin na aonar.
24Ach bha an long anns an àm sin ann am meadhon na fairge, air a tilgeadh a‑null agus a‑nall leis na tonnan: oir bha a’ ghaoth nan aghaidh.
25Agus anns a’ cheathramh faire den oidhche, chaidh Iosa dan ionnsaigh, ag imeachd air an fhairge.
26Agus nuair a chunnaic na deisciobail e ag imeachd air an fhairge, bha iad fo bhuaireas, ag ràdh, Is spiorad a tha ann; agus ghlaodh iad a‑mach le eagal.
27Ach labhair Iosa riu air ball, ag ràdh, Biodh misneach mhath agaibh; is mise a tha ann, na biodh eagal oirbh.
28Agus fhreagair Peadar e agus thubhairt e, A Thighearna, mas tusa a tha ann, iarr ormsa teachd ad ionnsaigh air na h‑uisgeachan.
29Agus thubhairt esan, Thig. Agus nuair a bha Peadar air teachd a‑nuas as an luing, dh’imich e air na h‑uisgeachan, a‑chum teachd gu Iosa.
30Ach nuair a chunnaic e a’ ghaoth làidir, ghabh e eagal: agus nuair a thòisich e air dol fodha, ghlaodh e, ag ràdh, A Thighearna, fòir orm.
31Agus air ball shìn Iosa a‑mach a làmh, agus rug e air, agus thubhairt e ris, O thusa air bheag creidimh, carson a bha thu fo amharas?
32Agus nuair a chaidh iad a‑steach don luing, laigh a’ ghaoth.
33An sin thàinig iadsan a bha anns an luing, agus rinn iad adhradh dha, ag ràdh, Gu fìrinneach is tu Mac Dhè.
34Agus nuair a chaidh iad gus an taobh eile, thàinig iad gu talamh Ghenesaret.
35Agus nuair a fhuair muinntir an àite sin fios uime, chuir iad fios air feadh na tìre sin uile air gach taobh dhiubh, agus thug iad da ionnsaigh an dream sin uile a bha easlan.
36Agus ghuidh iad air gum faodadh iad beantainn ri iomall a aodaich a‑mhàin; agus a mheud dhiubh is a bhean, shlànaicheadh gu h‑iomlan iad.

Currently Selected:

Mata 14: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in