Lùcas 21
21
1Agus air dha amharc suas, chunnaic e na daoine saoibhir a’ tilgeadh an tìodhlacan ann an àite-coimhead an ionmhais.
2Agus chunnaic e mar an ceudna bantrach bhochd àraidh a’ tilgeadh dà leth-fheòirling an sin.
3Agus thubhairt e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun do chuir a’ bhantrach bhochd seo nas mò ann na iad uile.
4Oir thilg iad seo uile dem pailteas a‑steach do thìodhlacan Dhè: ach thilg ise de a h‑uireasbhaidh fhèin am beathachadh uile a bha aice.
5Agus air do chuid dhiubh a bhith a’ labhairt mun teampall, mar a bha e air a dhèanamh maiseach le clachan sgiamhach, agus le tìodhlacan, thubhairt e,
6A‑thaobh nan nithean seo a chì sibh, thig na làithean anns nach fàgar clach air muin cloiche dhiubh, nach tilgear sìos.
7Agus dh’fheòraich iadsan dheth, ag ràdh, A Mhaighistir, cuin matà a bhios na nithean seo? Agus ciod e an comharradh nuair a bhios na nithean seo gu teachd gu crìch?
8Agus thubhairt esan, Feuchaibh nach meallar sibh; oir thig mòran ann am ainm-sa, ag ràdh, Is mise Crìosd; agus, Tha an t‑àm am fagas; uime sin na leanaibh iad.
9Ach nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus mu cheannaircean, na biodh mòr-gheilt oirbh: oir is èiginn do na nithean seo tachairt air tùs; ach chan eil a’ chrìoch air ball.
10An sin thubhairt e riu, Eiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd:
11Agus bidh crithean-talmhainn mòra ann an iomadh àit, agus goirt, agus plàighean; agus nithean uamhasach, agus comharraidhean mòra o nèamh.
12Ach ro na nithean seo uile, cuiridh iad làmh annaibhse, agus geur-leanaidh iad sibh, gur tabhairt thairis do choitheanail, agus do phrìosanan, gur tabhairt a‑chum rìghrean agus uachdaran air sgàth m’ainme-sa.
13Agus tachraidh seo dhuibhse mar fhianais.
14Air an adhbhar sin daingnichibh nur cridheachan, gun smaoineachadh ro‑làimh ciod a fhreagras sibh air ur son fhèin:
15Oir bheir mise dhuibh beul agus gliocas, nach bi ur naimhdean uile comasach air labhairt no cur na aghaidh.
16Agus brathar sibh le ur pàrantan, agus le ur bràithrean, agus le ur luchd-dàimhe, agus le ur càirdean; agus bheir iad fa‑near cuid dhibh a chur gu bàs.
17Agus bidh fuath aig na h‑uile dhaoine dhuibh airson m’ainme-sa.
18Ach cha chaillear fuiltean de ghruaig ur cinn.
19Nur foighidinn sealbhaichibh ur n‑anaman.
20Agus nuair a chì sibh Ierusalem air a cuartachadh le armailtean, an sin biodh fhios agaibh gu bheil a fàsachadh am fagas.
21(An sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudèa a‑chum nam beann), agus imicheadh iadsan a tha na meadhon-se a‑mach aisde; agus na rachadh iadsan a tha anns a’ mhachair a‑steach innte.
22Oir is iad sin làithean an dìoghaltais, a‑chum gun coileanar na h‑uile nithean a tha sgrìobhte.
23Ach mo thruaighe na mnathan a bhios torrach, agus iadsan a bhios a’ toirt cìche anns na làithean sin! Oir bidh teanntachd mhòr anns an dùthaich, agus fearg air a’ phoball seo.
24Agus tuitidh iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus bheirear iad ann am braighdeanas a‑chum nan uile chinneach: agus bidh Ierusalem air a saltairt sìos fo na Cinnich, gus an coileanar aimsirean nan Cinneach.
25Agus bidh comharraidhean anns a’ ghrèin, agus anns a’ ghealaich, agus anns na reultan; agus air an talamh teanntachd nan cinneach ann an ioma-chomhairle; an cuan agus na tonnan a’ beucaich;
26Cridheachan dhaoine gan trèigsinn tro eagal, agus feitheamh nan nithean sin a tha teachd air an domhan: oir bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.
27Agus an sin chì iad Mac an Duine a’ teachd ann an neul, le cumhachd agus mòr-ghlòir.
28Agus nuair a thòisicheas na nithean seo air tachairt, an sin amhaircibh suas, agus togaibh ur cinn; oir tha ur saorsa am fagas.
29Agus labhair e cosamhlachd riu, Amhaircibh air a’ chraoibh-fhìge, agus na craobhan uile;
30Nuair a bhios iad cheana a’ cur a‑mach an duillich, tha sibh a’ faicinn, agus ag aithneachadh uaibh fhèin, gu bheil an samhradh a‑nis am fagas.
31Agus mar an ceudna sibhse, nuair a chì sibh na nithean seo a’ tachairt, biodh fhios agaibh gu bheil rìoghachd Dhè fagas do làimh.
32Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach tèid an ginealach seo thairis gus an coileanar na nithean seo uile.
33Thèid nèamh agus talamh thairis: ach cha tèid mo bhriathran-sa thairis a‑chaoidh.
34Agus thugaibh an aire dhuibh fhèin, air eagal uair air bith gum bi ur cridhe fo uallach le geòcaireachd, agus le misg, agus le ro‑chùram mu nithean na beatha seo, agus gun tig an là sin oirbh gu h‑obann.
35Oir mar ribe thig e air na h‑uile dhaoine, a tha ag àiteachadh aghaidh na talmhainn uile.
36Dèanaibh-se air an adhbhar sin faire, a’ dèanamh ùrnaigh gach àm, a‑chum gum measar gur airidh sibh air dol as o na nithean sin uile a tha gu teachd, agus seasamh an làthair Mac an Duine.
37Agus bha e anns an là a’ teagasg anns an teampall, agus anns an oidhche chaidh e a‑mach, agus dh’fhan e air an t‑sliabh, den goirear Sliabh nan Crann-ola.
38Agus thàinig an sluagh uile gu moch da ionnsaigh anns an teampall, a dh’èisdeachd ris.
Currently Selected:
Lùcas 21: ABG1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017