YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 19

19
1Agus air do Iosa dol a‑steach, chaidh e tro Iericho.
2Agus, feuch, bha duine ann dom b’ainm Sachèus, agus b’àrd chìs-mhaor esan, agus bha e saoibhir:
3Agus bha dèidh aige air Iosa fhaicinn, cò e; agus cha b’urrainn e airson an t‑sluaigh, a chionn gu robh e ìosal na phearsa.
4Agus ruith e roimhe, agus streap e suas ann an craoibh shicamoir, a‑chum gum faiceadh e e; oir bha e gus an t‑slighe sin a ghabhail.
5Agus nuair a thàinig Iosa a‑chum an àite sin, air dha amharc suas, chunnaic e e, agus thubhairt e ris, A Shachèuis, thig a‑nuas gu grad; oir is èiginn dhòmhsa stad an‑diugh aig do thaigh.
6Agus thàinig e a‑nuas le cabhaig, agus ghabh e ris gu subhach.
7Agus nuair a chunnaic iad seo, rinn iad uile gearan, ag ràdh gun deachaidh e a‑steach air aoidheachd gu duine a tha na pheacach.
8Agus sheas Sachèus agus thubhairt e ris an Tighearna, Feuch, a Thighearna, tha mi a’ toirt leth mo mhaoin do na bochdan: agus ma thug mi aon nì o neach air bith le casaid bhrèige, tha mi a’ toirt dha a cheithir uiread.
9Agus thubhairt Iosa ris, Thàinig slàinte an‑diugh a dh’ionnsaigh an taighe seo, do bhrìgh gur mac do Abrahàm esan mar an ceudna.
10Oir thàinig Mac an Duine a shireadh agus a thèarnadh an nì sin a bha caillte.
11Agus a’ cluinntinn nan nithean sin dhaibh, chuir e ris, agus labhair e cosamhlachd, do bhrìgh gu robh e am fagas do Ierusalem, agus gun do shaoil iadsan gum biodh rìoghachd Dhè air a grad-fhoillseachadh.
12Air an adhbhar sin thubhairt e, Chaidh duine uasal àraidh do dhùthaich fad as a dh’fhaotainn rìoghachd dha fhèin, agus a thilleadh air ais.
13Ach ghairm e a dheich seirbhisich, agus thug e dhaibh deich puinnd, agus thubhairt e riu, Cuiribh gu buil iad, gus an tig mise.
14Agus bha fuath aig muinntir a dhùthcha dha, agus chuir iad teachdaireachd na dhèidh, ag ràdh, Chan àill leinn an duine seo a bhith na rìgh oirnn.
15A‑nis nuair a thill e air ais, an dèidh dha an rìoghachd fhaotainn, an sin dh’òrdaich e na seirbhisich ud a bhith air an gairm da ionnsaigh, don tug e an t‑airgead, a‑chum gum biodh fhios aige ciod a bhuannaich gach aon dhiubh leis a’ bhuileachadh.
16An sin thàinig an ciad fhear, ag ràdh, A thighearna, bhuidhinn do phunnd deich puinnd.
17Agus thubhairt e ris, Is math, a dheagh sheirbhisich: do bhrìgh gu robh thusa fìrinneach ann an ro‑bheagan, biodh agadsa uachdaranachd air deich bailtean.
18Agus thàinig an dara fear, ag ràdh, A thighearna, rinn do phunnd còig puinnd.
19Agus thubhairt e ris-san, Bi‑sa mar an ceudna os cionn còig bailtean.
20Agus thàinig fear eile, ag ràdh, A thighearna, feuch do phunnd, a bha agamsa taisgte ann an nèapaigean:
21Oir bha eagal orm romhad, do bhrìgh gur duine geur-theann thu: tha thu a’ togail an nì nach do leag thu, agus a’ buain an nì nach do chuir thu.
22Agus thubhairt e ris, As do bheul fhèin bheir mi breith ort, a dhroch sheirbhisich. Bha fhios agad gum bu duine geur-theann mi, a’ togail an nì nach do leag mi, agus a’ buain an nì nach do chuir mi:
23Air an adhbhar sin carson nach tug thu m’airgead don luchd-malairt, agus air teachd dhòmhsa thogainn e le riadh?
24Agus thubhairt e riùsan a bha nan seasamh an làthair, Thugaibh uaithe am punnd, agus thoiribh dhàsan e aig a bheil na deich puinnd;
25(Agus thubhairt iad ris, A thighearna, tha deich puinnd aige;)
26Oir tha mi ag ràdh ribh gun toirear do gach neach aig a bheil: ach uaithesan aig nach eil, bheirear eadhon an nì sin a tha aige.
27Ach thugaibh an seo na naimhdean ud agamsa, leis nach b’àill mise a bhith am rìgh os an cionn, agus marbhaibh am fhianais iad.
28Agus air dha seo a ràdh, dh’imich e romhpa, a’ dol suas gu Ierusalem.
29A‑nis nuair a dhruid e ri Betphage agus Betani, làimh ris an t‑sliabh ris an abrar Sliabh nan Crann-ola, chuir e dithis de a dheisciobail uaithe,
30Ag ràdh, Imichibh don bhaile tha fa ur comhair; anns am faigh sibh, air dhuibh dol a‑steach, searrach ceangailte, air nach do shuidh aon duine riamh: fuasglaibh, agus thugaibh an seo e.
31Agus ma dh’fheòraicheas neach air bith dhibh, Carson a tha sibh ga fhuasgladh? mar seo their sibh ris, Tha feum aig an Tighearna air.
32Agus air imeachd dhaibhsan a chuireadh air falbh, fhuair iad mar a thubhairt e riu.
33Agus nuair a bha iad a’ fuasgladh an t‑searraich, thubhairt a shealbhadairean riu, Carson a tha sibh a’ fuasgladh an t‑searraich?
34Agus thubhairt iadsan, Tha feum aig an Tighearna air.
35Agus thug iad gu Iosa e: agus thilg iad am fallaingean air an t‑searrach, agus chuir iad Iosa air.
36Agus ag imeachd dhàsan, sgaoil iad am fallaingean fodha air an t‑slighe.
37Agus nuair a thàinig e am fagas, eadhon gu dol sìos Sliabh nan Crann-ola, thòisich mòr-chuideachd nan deisciobal uile ri gàirdeachas a dhèanamh, agus moladh a thoirt do Dhia le guth àrd, airson nan uile obraichean cumhachdach a chunnaic iad,
38Ag ràdh, Guma beannaichte an Rìgh a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna: sìth air nèamh, agus glòir anns na h‑àrdan.
39Agus thubhairt cuid de na Pharasaich o mheasg an t‑sluaigh ris, A Mhaighistir, cronaich do dheisciobail.
40Agus fhreagair esan, agus thubhairt e riu, Tha mi ag ràdh ribh, nam fanadh iad sin nan tosd, gun glaodhadh na clachan fhèin.
41Agus nuair a thàinig e am fagas, chunnaic e am baile, agus ghuil e air a shon,
42Ag ràdh, Nam b’aithne dhut, eadhon dhutsa, air bheag sam bith ann ad là seo fhèin, na nithean a bhuineas dod shìth: ach a‑nis tha iad falaichte od shùilean.
43Oir thig na làithean ort, anns an tilg do naimhdean dìg mud thimcheall, agus an iadh iad umad mun cuairt, agus an druid iad a‑steach air gach taobh thu;
44Agus an leag iad cho ìosal ris an làr thu, agus do chlann annad, agus nach fàg iad annad clach air muin cloiche; do bhrìgh nach b’aithne dhut aimsir d’fhiosrachaidh.
45Agus chaidh e a‑steach don teampall, agus thòisich e air an dream a bha a’ reic agus a’ ceannach ann a thilgeadh a‑mach.
46Ag ràdh riu, Tha e sgrìobhte, Is taigh-ùrnaigh mo thaigh-sa; ach rinn sibhse na gharaidh luchd-reubainn e.
47Agus bha e gach là a’ teagasg anns an teampall. Ach dh’iarr na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus ceannardan a’ phobaill, esan a mhilleadh.
48Gidheadh cha robh fhios aca ciod a dhèanadh iad: oir bha am poball uile ag èisdeachd ris le ro‑aire.

Currently Selected:

Lùcas 19: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in