YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 13

13
1Agus bha an làthair anns an àm sin daoine àraidh a dh’innis dha mu thimcheall nan Galilèach, muinntir a mheasg Pilat am fuil maille rin ìobairtean.
2Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, A bheil sibh a’ saoilsinn gu robh na Galilèaich sin nam peacaich nas mò na na Galilèaich uile, airson gun d’fhuiling iad a leithid seo?
3Chan eadh, tha mi ag ràdh ribh: ach mura dèan sibhse aithreachas, sgriosar sibh uile mar an ceudna.
4No na h‑ochd-fir-dheug sin air an do thuit an tùr ann an Silòam, agus a mharbh iad, an saoil sibh gu robh iadsan nam peacaich os cionn nan uile dhaoine a bha nan còmhnaidh ann an Ierusalem?
5Chan eadh, tha mi ag ràdh ribh: ach mura dèan sibhse aithreachas, sgriosar sibh uile mar an ceudna.
6Labhair e mar an ceudna an cosamhlachd seo: Bha aig duine àraidh crann-fìge suidhichte na ghàrradh-fìona: agus thàinig e ag iarraidh toraidh air, agus cha d’fhuair e.
7An sin thubhairt e ris a’ ghàrradair, Feuch, tha mi rè trì bliadhna a’ teachd a dh’iarraidh toraidh air a’ chrann-fhìge seo, agus chan eil mi a’ faotainn a’ bheag: geàrr sìos e, carson a tha e a’ fàsachadh na talmhainn?
8Agus fhreagair esan agus thubhairt e ris, A thighearna, leig leis air a’ bhliadhna seo mar an ceudna, gus an cladhaich mi ma thimcheall, agus gun cuir mi aolach ma bhun:
9Agus ma ghiùlaineas e toradh, is math: ach mura giùlain, na dhèidh sin gearraidh tu sìos e.
10Agus bha e a’ teagasg ann an aon de na sionagogan air an t‑sàbaid.
11Agus, feuch, bha bean àraidh an làthair aig an robh spiorad anfhainneachd rè ochd-bliadhna-deug, agus bha i air a cromadh ri chèile, agus gun chomas aice air chor sam bith i fhèin a dhìreachadh.
12Agus nuair a chunnaic Iosa i, ghairm e da ionnsaigh i, agus thubhairt e rithe, A bhean, tha thu air d’fhuasgladh od anfhainneachd.
13Agus chuir e a làmhan oirre; agus air ball rinneadh dìreach i, agus thug i glòir do Dhia.
14Agus fhreagair uachdaran an t‑sionagoig, agus e làn feirge airson gun do rinn Iosa leigheas air là na sàbaid, agus thubhairt e ris an t‑sluagh, Tha sia làithean anns an còir obair a dhèanamh: orra seo air an adhbhar sin thigibh, agus bithibh air ur leigheas, agus na b’ann air là na sàbaid.
15An sin fhreagair an Tighearna e, agus thubhairt e, A chealgair, nach fuasgail gach aon agaibh a dhamh no a asal on phrasaich, agus nach toir e gu uisge e air là na sàbaid?
16Agus nach bu chòir a’ bhean seo, a tha na nighinn do Abrahàm, a cheangail Sàtan a‑nis rè ochd-bliadhna-deug, a bhith air a fuasgladh on chuibhreach seo air là na sàbaid?
17Agus nuair a thubhairt e na nithean sin, chuireadh a naimhdean uile gu nàire; ach rinn an sluagh uile gàirdeachas, airson nan uile nithean glòrmhor a rinneadh leis.
18An sin thubhairt e, Cò ris a tha rìoghachd Dhè cosmhail, agus cò ris a shamhlaicheas mi i?
19Tha i cosmhail ri gràinne de shìol mustaird a ghabh duine, agus a chuir e na ghàrradh: agus dh’fhàs e, agus rinneadh craobh mhòr dheth; agus rinn eunlaith an adhair nid na geugan.
20Agus thubhairt e a‑rìs, Cò ris a shamhlaicheas mi rìoghachd Dhè?
21Tha i cosmhail ri taois ghoirt, a ghabh bean agus a dh’fhalaich i ann an trì tomhaisean mine, gus an do ghortaicheadh an t‑iomlan.
22Agus chaidh e tro gach cathair agus baile beag, a’ teagasg, agus a’ gabhail na slighe gu Ierusalem.
23An sin thubhairt neach àraidh ris, A Thighearna, an tearc iad a shaorar? Agus thubhairt esan riu,
24Dèanaibh spàirn chruaidh gu dol a‑steach air a’ gheata chumhang: oir tha mi ag ràdh ribh gun iarr mòran dol a‑steach, agus nach urrainn iad.
25On uair a dh’èireas fear-an‑taighe, agus a dhùineas e an doras, agus a thòiseachas sibhse air seasamh a‑muigh, agus an doras a bhualadh, ag ràdh, A Thighearna, a Thighearna, fosgail dhuinn; agus air dhàsan freagairt, their e ribh, Chan aithne dhomh sibh; cia as a tha sibh?
26An sin tòisichidh sibh air a ràdh, Dh’ith sinn agus dh’òl sinn ad làthair, agus theagaisg thu nar sràidean.
27Ach their esan, Tha mi ag ràdh ribh, chan aithne dhomh sibh; cia as a tha sibh? Imichibh uam uile, a luchd-dèanamh na h‑eucoir.
28An sin bidh gul agus gìosgan fhiacal, nuair a chì sibh Abrahàm, agus Isaac, agus Iàcob, agus na fàidhean uile ann an rìoghachd Dhè, agus sibh fhèin air ur tilgeadh a‑mach.
29Agus thig iad on àird an ear, agus on àird an iar, agus on àird a tuath agus deas, agus suidhidh iad ann an rìoghachd Dhè.
30Agus, feuch, tha daoine air dheireadh a bhios air thoiseach, agus air thoiseach a bhios air dheireadh.
31Air an là sin fhèin thàinig Pharasaich àraidh da ionnsaigh, ag ràdh ris, Gabh a‑mach agus imich à seo: oir tha toil aig Herod do mharbhadh.
32Agus thubhairt e riu, Imichibh agus innsibh don t‑sionnach sin, Feuch, tha mi a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, agus tha mi a’ dèanamh leigheas an‑diugh agus a‑màireach, agus air an treas là bidh mi air mo dhèanamh foirfe.
33Gidheadh, is èiginn dhomh imeachd an‑diugh agus a‑màireach, agus an là na dhèidh sin: oir chan fhaod e a bhith gun cuirear fàidh gu bàs a‑mach à Ierusalem.
34A Ierusaleim, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an dream a chuirear ad ionnsaigh: cia minig a b’àill leam do chlann a chruinneachadh, mar a chruinnicheas cearc a h‑àlach fo a sgiathan, agus cha b’àill leibh!
35Feuch, dh’fhàgadh ur taigh fàs agaibh: agus gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach faic sibh mise gus an tig an t‑àm anns an abair sibh, Is beannaichte an tì a thig ann an ainm an Tighearna.

Currently Selected:

Lùcas 13: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in