Lùcas 10
10
1An dèidh nan nithean sin, dh’òrdaich an Tighearna mar an ceudna deichnear agus trì-fichead eile, agus chuir e a lìon dithis agus dithis ro a ghnùis iad, do gach baile, agus àit, gus an robh e fhèin gu teachd.
2Air an adhbhar sin thubhairt e riu, Tha am fogharadh gu fìrinneach mòr, ach tha an luchd-obrach tearc: guidhibh uime sin air Tighearna an fhogharaidh luchd-obrach a chur a‑mach a‑chum a fhogharaidh fhèin.
3Imichibh: feuch, tha mise gur cur a‑mach mar uain am measg mhadadh-allaidh.
4Na giùlainibh sporan, no màla, no brògan; agus na beannaichibh do neach air bith anns an t‑slighe.
5Agus ge bè taigh don tèid sibh a‑steach, abraibh air tùs, Sìth don taigh seo.
6Agus ma bhios mac na sìthe an sin gabhaidh ur sìth còmhnaidh air: ach mura bi, tillidh ur sìth dur n‑ionnsaigh fhèin a‑rìs.
7Agus fanaibh anns an taigh sin, ag ithe agus ag òl nan nithean a bheirear dhuibh: oir is airidh am fear-obrach air a thuarasdal. Na rachaibh o thaigh gu taigh.
8Agus ge bè baile don tèid sibh a‑steach, agus anns an gabh iad ribh, ithibh na nithean sin a chuireas iad nur làthair:
9Agus lèighsibh a’ mhuinntir a tha easlan ann, agus abraibh riu, Tha rìoghachd Dhè air teachd am fagas dhuibh.
10Ach ge bè baile don tèid sibh a‑steach, agus nach gabh iad ribh, air dhuibh dol a‑mach air a shràidean, abraibh,
11Eadhon duslach ur baile a lean rinn, tha sinn a’ glanadh dhinn nur n‑aghaidh-se; gidheadh, biodh fhios seo agaibh gun do dhruid rìoghachd Dhè ribh.
12Ach tha mise ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios e do Shòdom anns an là ud na don bhaile sin.
13Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin! Is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida! Oir nam biodh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fad on a dhèanadh iad aithreachas, nan suidhe ann an sac-aodach agus ann an luaithre.
14Ach bidh e nas so‑iomchaire do Thìrus agus do Shìdon anns a’ bhreitheanas na dhuibhse.
15Agus thusa, a Chapernàum, a tha air d’àrdachadh gu nèamh, tilgear sìos gu ifrinn thu.
16Esan a dh’èisdeas ribhse, èisdidh e riumsa: agus esan a dhiùltas sibhse, tha e gam dhiùltadh-sa: agus an neach a dhiùltas mise, tha e a’ diùltadh an tì a chuir uaithe mi.
17Agus thill an deichnear agus an trì-fichead le gàirdeachas, ag ràdh, a Thighearna, tha na deamhain fhèin fo smachd againne tro d’ainm-sa.
18Agus thubhairt e riu, Chunnaic mi Sàtan mar dhealanach a’ tuiteam o nèamh.
19Feuch, tha mi a’ toirt dhuibh cumhachd saltairt air nathraichean, agus air scorpionan, agus air uile neart an nàmhaid; agus cha ghortaich nì air bith air aon dòigh sibh.
20Gidheadh na dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil na spioradan fo ur smachd; ach dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil ur n‑ainmean sgrìobhte anns na nèamhan.
21Anns an uair sin fhèin rinn Iosa gàirdeachas na spiorad, agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean sin o dhaoine glice agus tuisgeach, agus gun d’fhoillsich thu iad do naoidheanan: seadh, Athair, oir is ann mar sin a bu toil leatsa.
22Tha na h‑uile nithean air an tabhairt dhòmhsa lem Athair: agus chan aithne do neach air bith cò e am Mac, ach don Athair; no cò e an t‑Athair ach don Mhac, agus an neach don àill leis a’ Mhac a fhoillseachadh.
23Agus air tionndadh ra dheisciobail, thubhairt e riu an uaigneas, Is beannaichte na sùilean a chì na nithean a tha sibhse a’ faicinn:
24Oir tha mi ag ràdh ribh gum b’iomadh fàidh agus rìgh, lem bu mhiann na nithean fhaicinn a tha sibhse a’ faicinn, agus nach faca iad; agus na nithean a chluinntinn, a tha sibhse a’ cluinntinn, agus nach cuala iad.
25Agus, feuch, sheas fear-lagha àraidh suas ga dhearbhadh, agus ag ràdh, A Mhaighistir, ciod a nì mi a‑chum gun sealbhaich mi a’ bheatha mhaireannach?
26Agus thubhairt e ris, Ciod a tha sgrìobhte anns an lagh? Cionnas a leughas tu?
27Agus a’ freagairt dhàsan, thubhairt e, Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile neart, agus led uile inntinn; agus do choimhearsnach mar thu fhèin.
28Agus thubhairt esan ris, Is ceart a fhreagair thu: dèan-sa seo, agus bidh tu beò.
29Ach air dhàsan toil a bhith aige e fhèin fhìreanachadh, thubhairt e ri Iosa, Agus cò e mo choimhearsnach?
30Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e, Chaidh duine àraidh sìos o Ierusalem gu Iericho, agus thuit e am measg luchd-reubainn, agus air dhaibh a rùsgadh agus a lotadh, dh’imich iad romhpa, air dhaibh esan fhàgail leth-mharbh.
31Agus thàrladh gun d’imich sagart àraidh sìos air an t‑slighe sin: agus nuair a chunnaic e e, ghabh e seachad air an taobh eile.
32Agus mar an ceudna, air do Lèbhitheach a bhith dlùth don ionad sin, thàinig e agus dh’amhairc e air, agus ghabh e seachad air an taobh eile.
33Ach air do Shamaritanach àraidh a bhith a’ gabhail an rathaid, thàinig e far an robh esan: agus nuair a chunnaic e e, ghabh e truas mòr dheth,
34Agus thàinig e da ionnsaigh, agus cheangail e suas a chreuchdan, a’ dòrtadh ola agus fìona annta, agus chuir e air a ainmhidh fhèin e, agus thug e gu taigh-òsda e, agus ghabh e cùram dheth.
35Agus air an là màireach, nuair a dh’fhalbh e, thug e a‑mach dà phèighinn Ròmanach, agus thug e do fhear an taigh-òsda iad, agus thubhairt e ris, Gabh cùram dheth; agus ge bè nì tuilleadh a chaitheas tu, an tràth a thilleas mise air m’ais, dìolaidh mi dhut e.
36Cò a‑nis den triùir seo a shaoileas tu a bu choimhearsnach dhàsan a thuit am measg an luchd-reubainn?
37Agus thubhairt esan, An tì a rinn tròcair air. An sin thubhairt Iosa ris, Imich thusa, agus dèan mar an ceudna.
38Agus ag imeachd dhaibh, chaidh e a‑steach do bhaile àraidh; agus ghabh bean àraidh dom b’ainm Marta da taigh fhèin e.
39Agus bha piuthar aice den goirte Muire, a shuidh aig casan Iosa, agus a bha ag èisdeachd a fhacail.
40Ach bha Marta air a ro‑chùradh le mòran frithealaidh, agus air seasamh dhi na làthair thubhairt i, A Thighearna, nach eil suim agad gun d’fhàg mo phiuthar mise am aonar ri frithealadh? Uime sin abair rithe cuideachadh leam.
41Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e rithe, A Mharta, a Mharta, tha thusa làn cùraim agus dragha mu thimcheall mòran nithean:
42Ach tha aon nì feumail. Agus rinn Muire roghainn den chuid mhaith sin, nach toirear uaipe.
Currently Selected:
Lùcas 10: ABG1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017