YouVersion Logo
Search Icon

Iob 41

41
1An tarraing thu a‑mach Lebhiatan le dubhan, no a theanga le còrd a leigeas tu sìos?
2An cuir thu cromag na shròin, agus le deilg an toll thu a ghial?
3An dèan e mòran aslachaidh ort? An labhair e briathran mìne riut?
4An dèan e coicheangal riut? An gabh thu e mar sheirbhiseach gu bràth?
5An dèan thu cluich ris mar ri eun? No an ceangail thu e dod ghruagaichean?
6An dèan na companaich cuirm dheth? An roinn iad e am measg nan ceannaichean?
7An lìon thu le gathan a chroiceann, no le morghathan èisg a cheann?
8Cuir do làmh air, cuimhnich an cath, na dèan tuilleadh.
9Feuch, is dìomhain a dhòchas-san: eadhon aig a shealladh nach tilgear duine sìos?
10Nach borb e nuair a dhùisgeas neach e? Agus cò esan a sheasas na làthair?
11Cò a ghabh romham, agus gun dìolainn? Gach nì a tha fo na nèamhan uile is leamsa e.
12Cha cheil mi a bhuill, no a neart, no a dhealbh sgiamhach.
13Cò a dh’fhoillsicheas aghaidh a aodaich? Cò a thig da ionnsaigh le a shrian dùbailte?
14Cò a dh’fhosglas dorsan a aghaidh? Tha a fhiaclan uamhasach mun cuairt.
15Is iad a lannan a uaill, dùinte suas le chèile mar le seula daingeann;
16Aon air a cur ri aon eile, air chor is nach tig deò eatorra.
17Tha iad air an tàthadh ri chèile, tha iad a’ dlùth-leantainn ri chèile, agus cha ghabh iad dealachadh.
18Le a shitrich soillsichidh solas; agus tha a shùilean cosmhail ri rosgan na maidne.
19As a bheul thèid leusan; leumaidh sradan teine a‑mach.
20A cuinneinean a shròine thig deatach a‑mach, mar à poit air ghoil, no coire.
21Lasaidh a anail gual, agus thèid lasair a‑mach as a bheul.
22Na mhuineal còmhnaichidh neart, agus roimhe ruithidh bròn.
23Tha fillidhean a fheòla a’ leantainn ri chèile: tha iad daingeann annta fhèin, cha ghabh iad gluasad.
24Tha a chridhe cruaidh mar chloich, cruaidh eadhon mar chloich-mhuilinn ìochdaraich.
25Nuair a thogas e e fhèin suas, bidh na cumhachdaich fo gheilt: air eagal brisidh glanaidh iad iad fhèin.
26Cha seas claidheamh an tì a bheanas ris; an t‑sleagh, an gath, no lùireach.
27Measaidh e mar chonnlaich an t‑iarann, mar fhiodh grod an t‑umha.
28Cha toir an t‑saighead air teicheadh; nan connlaich tionndaidhear leis clachan a’ chroinn-tabhaill.
29Mar chonnlaich measar gathan; agus nì e gàire ri crathadh sleagha.
30Foidhe tha clachan geura: sgaoilidh e nithean geura air an làthaich.
31Bheir e air an doimhne a bhith air ghoil mar choire: an fhairge nì e mar phoit ola-ungaidh.
32Na dhèidh bheir e air a shlighe soillseachadh: saoilidh neach an t‑aigean a bhith liath.
33Air thalamh chan eil a shamhail, a rinneadh as eugmhais eagail.
34Chì e gach nì àrd: tha e na rìgh os cionn uile chlann an uabhair.

Currently Selected:

Iob 41: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in