YouVersion Logo
Search Icon

Eòin 13

13
1A‑nis ro fhèill na càisge, air do Iosa fios a bhith aige gu robh a uair air teachd, anns an rachadh e as an t‑saoghal seo a‑chum an Athar, air dha a mhuinntir fhèin a bha anns an t‑saoghal a ghràdhachadh, ghràdhaich e gu crìch iad.
2Agus nuair a bha an t‑suipear thairis (air don diabhal a‑nis a chur ann an cridhe Iùdais Iscarioit, mac Shìmoin, esan a bhrath),
3Air do fhios a bhith aig Iosa gun tug an t‑Athair na h‑uile nithean na làmhan, agus gur ann o Dhia a thàinig e, agus gur ann a dh’ionnsaigh Dhè a bha e a’ dol;
4Dh’èirich e on t‑suipeir, agus chuir e dheth a fhallaing, agus ghlac e làmh-anart, agus cheangail e uime e.
5Na dhèidh sin, thaom e uisge ann an soitheach-ionnlaid, agus thòisich e air casan nan deisciobal ionnlad, agus an tiormachadh leis an làmh-anart a bha ceangailte uime.
6An sin thàinig e gu Sìmon Peadar: agus thubhairt esan ris, A Thighearna, a bheil thusa ag ionnlad mo chasan-sa?
7Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, An nì seo a tha mi a’ dèanamh chan aithne dhutsa a‑nis; ach bidh fhios agad air an dèidh seo.
8Thubhairt Peadar ris, Cha nigh thu mo chasan-sa gu bràth. Fhreagair Iosa e, Mura nigh mi thu, chan eil cuid agad maille rium.
9Thubhairt Sìmon Peadar ris, A Thighearna, chan iad mo chasan a‑mhàin, ach mar an ceudna mo làmhan agus mo cheann.
10Thubhairt Iosa ris, An tì a tha air ionnlad, chan eil feum aige ach a chasan ionnlad, ach tha e gu h‑iomlan glan: agus tha sibhse glan, ach chan eil sibh uile glan.
11Oir bha fhios aige cò a bhrathadh e; uime sin thubhairt e, Chan eil sibh uile glan.
12An sin, an dèidh dha an casan ionnlad, agus a fhallaing a ghabhail da ionnsaigh, shuidh e a‑rìs, agus thubhairt e riu, A bheil fhios agaibh ciod a rinn mi dhuibh?
13Tha sibh a’ gairm Maighistir agus Tighearna dhìomsa: agus tha sibh ag ràdh gu math; oir is mi sin.
14Uime sin ma dh’ionnlaid mise, ur Tighearna agus ur Maighistir, ur casan-se, is còir dhuibhse mar an ceudna casan a chèile ionnlad.
15Oir thug mi eisempleir dhuibh, a‑chum mar a rinn mise dhuibh, gun dèanadh sibhse mar an ceudna.
16Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, cha mhò an t‑òglach na a mhaighistir, agus cha mhò an teachdaire na an tì a chuir uaithe e.
17Mas aithne dhuibh na nithean seo, is beannaichte sibh ma nì sibh iad.
18Chan eil mi a’ labhairt oirbh uile: is aithne dhomh cò a thagh mi: ach is èiginn an sgriobtar a choileanadh, An tì a tha ag ithe arain maille rium, thog e a shàil am aghaidh.
19A‑nis tha mi ag ràdh seo ribh mun tig e gu crìch, a‑chum nuair a thàrlas e, gun creid sibh gur mise e.
20Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a ghabhas ri neach sam bith a chuireas mise uam, gabhaidh e riumsa; agus an tì a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an tì a chuir uaithe mi.
21Air do Iosa na nithean seo a ràdh, bha e fo thrioblaid na spiorad, agus rinn e fianais, agus thubhairt e, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibh mise.
22An sin dh’amhairc na deisciobail air a chèile, fo amharas cò uime a labhair e.
23A‑nis bha aon de a dheisciobail na laighe ann an uchd Iosa, neach a b’ionmhainn le Iosa.
24Air an adhbhar sin smèid Sìmon Peadar airsan, gum feòraicheadh e cò uime a labhair e.
25An sin air dhàsan aomadh ri uchd Iosa, thubhairt e ris, A Thighearna cò e?
26Fhreagair Iosa, Is e an tì sin e don toir mise an greim, an dèidh dhomh a thumadh. Agus nuair a thum e an greim, thug e e do Iùdas Iscariot, mac Shìmoin.
27Agus an sin an dèidh a’ ghreama, chaidh Sàtan a‑steach annsan. An sin thubhairt Iosa ris, An nì a tha thu a’ dèanamh, dèan gu grad e.
28A‑nis cha do thuig aon dhiubh-san a bha nan suidhe aig a’ bhòrd carson a thubhairt e seo ris.
29Oir shaoil cuid dhiubh, do bhrìgh gu robh an sporan aig Iùdas, gun dubhairt Iosa ris, Ceannaich na nithean a tha a dh’uireasbhaidh oirnn a‑chum na fèille; no gun tugadh e nì‑eigin do na bochdan.
30An sin an dèidh dhàsan an greim a ghabhail, chaidh e a‑mach air ball; agus bha an oidhche ann.
31Uime sin, nuair a chaidh esan a‑mach, thubhairt Iosa, A‑nis tha Mac an Duine air a ghlòrachadh, agus tha Dia air a ghlòrachadh ann.
32Ma tha Dia air a ghlòrachadh ann, glòraichidh Dia esan mar an ceudna ann fhèin, agus air ball glòraichidh e e.
33A chlann bheag, fhathast ùine bheag tha mise maille ribh. Iarraidh sibh mi: agus mar a thubhairt mi ris na h‑Iùdhaich, Don àite don tèid mise, chan eil e an comas dhuibhse teachd; mar sin tha mi ag ràdh ribhse a‑nis.
34Aithne nuadh tha mi a’ toirt dhuibh, gun gràdhaich sibh a chèile; mar a ghràdhaich mise sibhse, gun gràdhaich sibh fhèin a chèile mar an ceudna.
35Le seo aithnichidh na h‑uile dhaoine gur sibh mo dheisciobail-sa, ma bhios gràdh agaibh fhèin da chèile.
36Thubhairt Sìmon Peadar ris, A Thighearna, càit an tèid thu? Fhreagair Iosa e, Don àite don tèid mi, chan urrainn thusa a‑nis mo leantainn; gidheadh leanaidh tu mi na dhèidh seo.
37Thubhairt Peadar ris, a Thighearna, carson nach urrainn mi do leantainn a‑nis? Leigidh mi sìos m’anam air do shon.
38Fhreagair Iosa e, An leig thu d’anam sìos air mo shon-sa? Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut nach goir an coileach gus an àich thu mi trì uairean.

Currently Selected:

Eòin 13: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in