Genesis 48:15-16
Genesis 48:15-16 ABG1992
Agus bheannaich e Iòseph, agus thubhairt e, Gun dèanadh Dia, an làthair an do ghluais m’athraichean, Abrahàm agus Isaac, an Dia a bheathaich mi rè mo bheatha uile gus an là‑an‑diugh, An t‑aingeal a shaor mi o gach olc, na leinibh a bheannachadh, agus ainmichear m’ainm-sa orra, agus ainm m’athraichean, Abrahàm agus Isaac: agus mar iasg na mara fàsadh iad lìonmhor ann am meadhon na talmhainn.