Genesis 26
26
1Agus bha gorta anns an tìr a bharrachd air a’ chiad ghorta a bha ann an làithean Abrahàim: agus chaidh Isaac gu Abimelech rìgh nam Philisteach, do Ghèrar.
2Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha agus thubhairt e, Na rach sìos don Eiphit: gabh còmhnaidh anns an tìr a dh’innseas mise dhut:
3Bi air chuairt anns an tìr seo, agus bidh mise maille riut, agus beannaichidh mi thu: oir dhutsa, agus dod shliochd, bheir mise na dùthchannan sin uile, agus coileanaidh mi na mionnan a mhionnaich mi dod athair Abrahàm:
4Agus bheir mi air do shliochd fàs lìonmhor mar reultan nèimh, agus bheir mi dod shliochd na dùthchannan sin uile: agus beannaichear ann ad shliochd-sa uile chinnich na talmhainn;
5Do bhrìgh gun d’èisd Abrahàm rim ghuth, agus gun do ghlèidh e m’iarrtas, m’àitheantan, m’òrdaighean, agus mo laghannan.
6Agus ghabh Isaac còmhnaidh ann an Gèrar.
7Agus dh’fhiosraich daoine an àite dheth ma mhnaoi; agus thubhairt e, Is i mo phiuthar i: oir bha eagal air a ràdh, Is i mo bhean i; air eagal, arsa esan, gum marbhadh daoine an àite mi airson Rebecah, do bhrìgh gu robh i maiseach ri amharc oirre.
8Agus nuair a bha e aimsir fhada an sin, sheall Abimelech righ nam Philisteach a‑mach air uinneig, agus chunnaic e, agus, feuch, bha Isaac a’ sùgradh ra mhnaoi Rebecah.
9Agus ghairm Abimelech air Isaac, agus thubhairt e, Feuch, gu cinnteach is i do bhean i: agus cionnas a thubhairt thu, is i mo phiuthar i? Agus thubhairt Isaac ris, A chionn gun dubhairt mi, Air eagal gum bàsaich mi air a son.
10Agus thubhairt Abimelech, Ciod e seo a rinn thu oirnn? Dh’fhaodadh aon den t‑sluagh laighe led mhnaoi, agus bheireadh tu cionta oirnne.
11Agus thug Abimelech àithne da shluagh uile, ag ràdh, Esan a bheanas ris an duine seo, no ra mhnaoi, gu cinnteach cuirear gu bàs e.
12An sin shìol-chuir Isaac anns an tìr sin, agus fhuair e anns a’ bhliadhna sin fhèin a cheud uiread is a chuir e, agus bheannaich an Tighearna e.
13Agus dh’fhàs an duine mòr, agus chaidh e air aghaidh, agus dh’fhàs e gus an robh e ro‑mhòr:
14Oir bha aige sealbh chaorach, agus sealbh cruidh, agus mòran sheirbhiseach. Agus ghabh na Philistich farmad ris.
15Agus dhùin na Philistich suas na tobraichean uile a chladhaich seirbhisich a athar, ann an làithean Abrahàim a athair, agus lìon iad le ùir iad.
16Agus thubhairt Abimelech ri Isaac, Imich uainne; oir is cumhachdaiche thu gu mòr na sinne.
17Agus dh’imich Isaac as a sin, agus shuidhich e a bhùth ann an gleann Ghèrair, agus ghabh e còmhnaidh an sin.
18Agus chladhaich Isaac a‑rìs na tobraichean uisge a chladhaicheadh ann an làithean Abrahàim a athair; oir dhùin na Philistich suas iad an dèidh bàs Abrahàim: agus thug e ainmean orra a rèir nan ainm a thug a athair orra.
19Agus chladhaich seirbhisich Isaaic anns a’ ghleann, agus fhuair iad an sin tobar fìor-uisge.
20Agus rinn buachaillean Ghèrair connsachadh ri buachaillean Isaaic, ag ràdh, Is leinne an t‑uisge: agus thug e Esec mar ainm air an tobar, a chionn gun do rinn iad connsachadh ris.
21Agus chladhaich iad tobar eile, agus rinn iad connsachadh uime sin cuideachd: agus thug e Sitnah mar ainm air.
22Agus chaidh e air imrich as a sin, agus chladhaich e tobar eile; agus cha do rinn iad connsachadh uime sin: agus thug e Rehobot mar ainm air; agus thubhairt e, Oir thug an Tighearna a‑nis farsaingeachd dhuinn; agus fàsaidh sinn lìonmhor anns an tìr.
23Agus chaidh e suas as a sin gu Beersèba.
24Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha anns an oidhche sin fhèin, agus thubhairt e, Is mise Dia Abrahàim d’athair; na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi do shliochd lìonmhor air sgàth mo sheirbhisich Abrahàm.
25Agus thog e altair an sin, agus ghairm e air ainm an Tighearna, agus shuidhich e an sin a bhùth: agus chladhaich seirbhisich Isaaic tobar an sin.
26An sin chaidh Abimelech da ionnsaigh o Ghèrar, agus a charaid Ahudsat, agus Phichol, àrd-cheannard a shluaigh.
27Agus thubhairt Isaac riu, Carson a thàinig sibh am ionnsaigh, agus gu bheil fuath agaibh dhomh, agus gun do chuir sibh uaibh mi?
28Agus thubhairt iadsan, Chunnaic sinn gu cinnteach gu robh an Tighearna leat; agus thubhairt sinn, Biodh a‑nis mionnan eadarainn, eadhon eadar sinne agus thusa, agus dèanamaid coicheangal riut;
29Nach dèan thu oirnne cron sam bith, mar nach do bhean sinne riutsa, agus mar nach do rinn sinn nì sam bith ort ach math, agus a chuir sinn uainn thu ann an sìth: tha thusa a‑nis air do bheannachadh leis an Tighearna.
30Agus rinn e dhaibh cuirm, agus dh’ith agus dh’òl iad.
31Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus mhionnaich iad da chèile: agus chuir Isaac air falbh iad, agus dh’imich iad uaithe ann an sìth.
32Agus air an là sin fhèin thàinig seirbhisich Isaaic, agus dh’innis iad dha mu thimcheall an tobair a chladhaich iad, agus thubhairt iad ris, Fhuair sinn uisge.
33Agus thug e Sèba mar ainm air; uime sin is e Beer-sèba ainm a’ bhaile sin gus an là‑an‑diugh.
34Agus bha Esau dà‑fhichead bliadhna a dh’aois; agus ghabh e mar mhnaoi Iudit, nighean Bheeri an t‑Hiteach, agus Basemat, nighean Elon an t‑Hiteach:
35Agus bha iad sin nam briseadh-cridhe do Isaac agus do Rebecah.
Currently Selected:
Genesis 26: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017