Genesis 23
23
1Agus bha Sàrah beò ceud agus seachd-bliadhna-fichead; b’iad seo bliadhnachan beatha Shàrah.
2Agus fhuair Sàrah bàs ann an Ciriat-arba; is e sin Hebron an tìr Chanàain: agus thàinig Abrahàm a dhèanamh tuiridh airson Shàrah, agus a chaoidh air a son.
3Agus dh’èirich Abrahàm suas o làthair a mhairbh, agus labhair e ri mic Het, ag ràdh,
4Is coigreach agus fear-cuairt mise maille ribh: thugaibh dhomh sealbh àit-adhlaic maille ribh, agus gun adhlaic mi mo mharbh as mo shealladh.
5Agus fhreagair mic Het Abrahàm, ag ràdh ris,
6Eisd rinne, mo thighearna: is uachdaran cumhachdach thusa nar measg-ne; ann an roghainn ar n‑àiteachan-adhlaic adhlaic do mharbh: cha chùm duine nar measg-ne a àit-adhlaic uat, gud mharbh adhlac ann.
7Agus dh’èirich Abrahàm suas, agus chrom e e fhèin do mhuinntir na tìre, eadhon do mhic Het.
8Agus labhair e riu, ag ràdh, Mas àill leibh gun adhlaicinn mo mharbh as mo shealladh, èisdibh rium agus labhraibh air mo shon ri Ephron mac Shobair:
9A‑chum is gun toir e dhomh uaimh Mhachpelah a tha aige, a tha ann an crìch a achaidh; airson uiread airgid agus as fiù i, thugadh e dhomh i mar sheilbh àit-adhlaic nur measg-se.
10Agus bha Ephron na chòmhnaidh am measg clann Het. Agus fhreagair Ephron an t‑Hiteach Abrahàm ann an èisdeachd clann Het, eadhon gach neach a chaidh a‑steach air geata a bhaile-san, ag ràdh,
11Na biodh e mar sin, mo thighearna, èisd rium: an t‑achadh bheir mi dhut, agus an uaimh a tha ann, bheir mi dhut i; ann an làthair mic mo dhaoine bheir mi dhut i: adhlaic do mharbh.
12Agus chrom Abrahàm e fhèin sìos an làthair muinntir na tìre.
13Agus labhair e ri Ephron, ann an èisdeachd muinntir na tìre, ag ràdh, Ach ma bheir thu seachad i, guidheam ort, èisd rium: bheir mi dhut airgead airson an achaidh, gabh uam e, agus adhlaicidh mi mo mharbh an sin.
14Agus fhreagair Ephron Abrahàm, ag ràdh ris,
15Mo thighearna, èisd rium: is fiù an t‑achadh ceithir cheud secel airgid; ciod sin eadar mise agus thusa? Uime sin adhlaic do mharbh.
16Agus dh’èisd Abrahàm ri Ephron, agus thomhais Abrahàm do Ephron an t‑airgead, a dh’ainmich e ann an èisdeachd mic Het, ceithir cheud secel airgid, a ghabhas an ceannaiche.
17Agus rinneadh achadh Ephroin, a bha ann am Machpeleh, a bha fa chomhair Mhamre, an t‑achadh, agus an uaimh a bha ann, agus gach craobh a bha anns an achadh, a bha na chrìch uile mun cuairt,
18Daingeann do Abrahàm mar sheilbh, ann an làthair clann Het, am fianais gach neach a chaidh a‑steach air geata a bhaile-san.
19Agus an dèidh sin dh’adhlaic Abrahàm Sàrah a bhean, ann an uaimh achadh Mhachpelah, fa chomhair Mhamre: is e sin Hebron ann an tìr Chanàain.
20Agus rinneadh an t‑achadh, agus an uaimh a tha ann, daingeann do Abrahàm mar sheilbh àit-adhlaic le mic Het.
Currently Selected:
Genesis 23: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017