Genesis 19
19
1Agus thàinig dà aingeal do Shòdom anns an fheasgar, agus bha Lot na shuidhe ann an geata Shòdoim: agus nuair a chunnaic Lot iad, dh’èirich e suas nan coinneamh; agus chrom e e fhèin air a aghaidh gu làr.
2Agus thubhairt e, Feuch a‑nis, mo thighearnan, tionndaidhibh a‑steach, guidheam oirbh, do thaigh ur seirbhisich, agus fanaibh rè na h‑oidhche, agus ionnlaidibh ur casan, agus èiridh sibh gu moch, agus thèid sibh air ur turas. Agus thubhairt iad, Chan eadh, ach fanaidh sinn air an t‑sràid rè na h‑oidhche.
3Agus cho-èignich e iad; agus thionndaidh iad da ionnsaigh, agus chaidh iad a‑steach da thaigh; agus rinn e cuirm dhaibh, agus dheasaich e aran neo-ghortaichte, agus dh’ith iad.
4Ach mun deachaidh iad a laighe chuartaich daoine a’ bhaile an taigh, eadhon daoine Shòdoim, araon sean agus òg, an sluagh uile o gach ceàrn;
5Agus ghairm iad air Lot, agus thubhairt iad ris, Càit a bheil na daoine a thàinig ad ionnsaigh a‑nochd? Thoir a‑mach iad dar n‑ionnsaigh a‑chum is gun aithnich sinn iad.
6Agus chaidh Lot a‑mach dan ionnsaigh air an doras, agus dhruid e an doras na dhèidh,
7Agus thubhairt e, Na dèanaibh, guidheam oirbh, mo bhràithrean, gnìomh cho olc.
8Feuch a‑nis, tha agam dithis nighean do nach b’aithne fear; leigibh leam, guidheam oirbh, an toirt a‑mach dur n‑ionnsaigh, agus dèanaibh riu mar as àill leibh: a‑mhàin air na daoine seo na dèanaibh a’ bheag, oir is ann a‑chum na crìche seo a thàinig iad fo sgàil mo thaighe-sa.
9Agus thubhairt iadsan, Seas air d’ais. Agus thubhairt iad a‑rìs, Thàinig am fear seo na aonar air chuairt, agus is àill leis a bhith na bhritheamh: a‑nis buinidh sinne riutsa nas miosa na riùsan. Agus rinn iad èiginn mhòr air an duine, eadhon air Lot, agus thàinig iad am fagas a bhriseadh an dorais.
10Ach chuir na daoine a‑mach an làmh, agus thug iad Lot a‑steach dan ionnsaigh don taigh, agus dhùin iad an doras.
11Agus bhuail iad na daoine a bha aig doras an taighe le doille, eadar bheag agus mhòr; ionnas gun do sgìthich iad iad fhèin ag iarraidh an dorais.
12Agus thubhairt na daoine ri Lot, Cò tuilleadh a tha agad an seo? Do chliamhainn, agus do mhic, agus do nigheanan, agus ge bè nì a tha agad anns a’ bhaile, thoir a‑mach iad as an àite seo:
13Oir tha sinne gus an t‑àite seo a sgrios, do bhrìgh gu bheil an glaodh air fàs mòr an làthair an Tighearna; agus chuir an Tighearna sinne ga sgrios.
14Agus chaidh Lot a‑mach, agus labhair e ra chleamhnan, a phòs a nigheanan, agus thubhairt e, Eiribh, rachaibh a‑mach as an àite seo, oir tha an Tighearna gus am baile seo a sgrios. Ach bha e mar neach a bha ri fanaid ann an sùilean a chleamhnan.
15Agus nuair a dh’èirich a’ mhadainn, an sin ghreas na h‑ainglean Lot, ag ràdh, Eirich, gabh do bhean, agus do dhithis nighean a tha an seo; air eagal gun sgriosar thu ann an aingidheachd a’ bhaile.
16Agus nuair a bha e a’ dèanamh moille, an sin rug na daoine air làimh air, agus air làimh air a mhnaoi, agus air làimh air a dhithis nighean; air don Tighearna a bhith tròcaireach dha: agus thug iad a‑mach e, agus chuir iad e an taobh a‑muigh den bhaile.
17Agus nuair a thug iad a‑mach iad, thubhairt e, Teich airson d’anama; na seall ad dhèidh, agus na stad anns a’ chòmhnard uile; teich don t‑sliabh, air eagal gum millear thu.
18Agus thubhairt Lot riu, Och! chan ann mar sin, mo thighearna:
19Feuch a‑nis, fhuair do sheirbhiseach deagh-ghean ad shùilean, agus mheudaich thu do thròcair, a nochd thu dhòmhsa lem anam a theasairginn; agus chan urrainn mise dol as don t‑sliabh, air eagal gun tig olc-eigin orm, agus gum faigh mi bàs:
20Feuch a‑nis, tha am baile ud am fagas gu teicheadh da ionnsaigh, agus e beag: leigear dhomh a‑nis teicheadh an siud (nach beag e?), agus bidh m’anam beò.
21Agus thubhairt e ris, Feuch, ghabh mi rid athchuinge anns an nì seo mar an ceudna, nach sgrios mi am baile seo, mun do labhair thu.
22Greas ort, teich an siud; oir chan urrainn mi nì air bith a dhèanamh gus an tèid thu an siud. Uime sin thugadh Sòar mar ainm air a’ bhaile.
23Bha a’ ghrian air èirigh air an talamh, nuair a chaidh Lot a‑steach do Shòar.
24An sin thug an Tighearna air pronnasg agus teine frasadh air Sòdom agus air Gomorrah a‑nuas on Tighearna as na nèamhan:
25Agus sgrios e na bailtean sin, agus an còmhnard uile, agus uile luchd-àiteachaidh nam bailtean, agus na dh’fhàs air an talamh.
26Ach sheall a bhean na dèidh o a chùlaibh, agus dh’fhàs i na carragh salainn.
27Agus chaidh Abrahàm suas moch anns a’ mhadainn don àit anns an do sheas e an làthair an Tighearna.
28Agus sheall e air Sòdom agus Gomorrah, agus air fearann a’ chòmhnaird uile, agus chunnaic e, agus, feuch, chaidh deatach na tìre suas mar dheatach àmhainn.
29Agus nuair a sgrios Dia bailtean a’ chòmhnaird, an sin chuimhnich Dia air Abrahàm, agus chuir e a‑mach Lot à meadhon an lèirsgrios, nuair a sgrios e na bailtean anns an robh Lot na chòmhnaidh.
30Agus chaidh Lot suas à Sòar, agus ghabh e còmhnaidh anns an t‑sliabh, agus a dhithis nighean maille ris; oir bha eagal air còmhnaidh a ghabhail ann an Sòar: agus ghabh e còmhnaidh ann an uaimh, e fhèin agus a dhithis nighean.
31Agus thubhairt an tè a bu shine ris an tè a b’òige, Tha ar n‑athair sean, agus chan eil fear air an talamh gu teachd a‑steach dar n‑ionnsaigh a rèir gnàth na talmhainn uile:
32Thig, thugamaid air ar n‑athair fìon òl, agus laigheamaid maille ris, a‑chum is gun glèidh sinn sliochd o ar n‑athair.
33Agus thug iad air an athair fìon òl air an oidhche sin: agus chaidh an tè a bu shine a‑steach, agus laigh i maille ra h‑athair; agus cha do mhothaich e nuair a laigh i sìos, no nuair a dh’èirich i.
34Agus air an là màireach thubhairt an tè a bu shine ris an tè a b’òige, Feuch, laigh mise a‑raoir maille rim athair: thugamaid air fìon òl a‑nochd mar an ceudna; agus theirig-sa a‑steach agus laigh maille ris, a‑chum is gun glèidh sinn sliochd o ar n‑athair.
35Agus thug iad air an athair fìon òl air an oidhche sin mar an ceudna: agus dh’èirich an tè a b’òige, agus laigh i maille ris; agus cha do mhothaich e nuair a laigh i sìos, no nuair a dh’èirich i.
36Mar seo bha dithis nighean Lot torrach aig an athair.
37Agus rug an tè a bu shine mac, agus thug i Mòab mar ainm air: is esan athair nam Mòabach gus an là‑an‑diugh.
38Agus an tè a b’òige, rug ise mar an ceudna mac, agus thug i Ben-ammi mar ainm air: is esan athair chloinn Ammoin gus an là‑an‑diugh.
Currently Selected:
Genesis 19: ABG1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017