Genesis 12
12
1Agus thubhairt an Tighearna ri Abram, Rach a‑mach as do dhùthaich, agus od dhìlsean, agus à taigh d’athar, don tìr a nochdas mise dhut.
2Agus nì mi thu ad chinneach mòr, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi d’ainm mòr: agus bidh tu ad bheannachadh.
3Agus beannaichidh mi iadsan a bheannaicheas thu, agus iadsan a mhallaicheas thu mallaichidh mi; agus annadsa beannaichear uile theaghlaichean na talmhainn.
4Agus dh’imich Abram, mar a labhair an Tighearna ris; agus chaidh Lot maille ris: agus bha Abram còig-bliadhna-deug agus trì-fichead a dh’aois nuair a chaidh e a‑mach à Hàran.
5Agus ghabh Abram Sàrai a bhean, agus Lot mac a bhràthar, agus am maoin uile a chruinnich iad, agus na h‑anaman a fhuair iad ann an Hàran; agus chaidh iad a‑mach gu dol do thìr Chanàain; agus thàinig iad do thìr Chanàain.
6Agus chaidh Abram air aghaidh anns an fhearann gu àite Shicheim, gu còmhnard Mhòreh. Agus bha an Canàanach an sin anns an tìr.
7Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Abram, agus thubhairt e, Dod shliochd-sa bheir mise am fearann seo: agus thog e an sin altair don Tighearna, a dh’fhoillsicheadh dha.
8Agus chaidh e as a sin gu sliabh air an taobh an ear de Bhetel, agus shuidhich e a bhùth, agus Betel aige air an taobh an iar, agus Hai air an taobh an ear: agus thog e an sin altair don Tighearna, agus ghairm e air ainm an Tighearna.
9Agus dh’imich Abram, a’ sìor dhol air aghaidh mu dheas.
10Agus bha gorta anns an tìr: agus chaidh Abram sìos don Eiphit, gu bhith air chuairt an sin; do bhrìgh gu robh a’ ghorta mòr anns an tìr.
11Agus nuair a bha e dlùth do dhol a‑steach don Eiphit thubhairt e ri Sàrai a bhean, Feuch a‑nis, tha fhios agam gur bean mhaiseach thusa ri amharc ort:
12Uime sin, nuair a chì na h‑Eiphitich thu, their iad, Seo a bhean: agus marbhaidh iad mise, ach gleidhidh iad thusa beò.
13Abair, guidheam ort, gur tu mo phiuthar, a‑chum gun èirich gu math dhomh air do sgàth-sa; agus bidh m’anam beò air do shon-sa.
14Agus nuair a thàinig Abram don Eiphit, chunnaic na h‑Eiphitich a’ bhean, gu robh i ro‑mhaiseach.
15Chunnaic mar an ceudna ceannardan Phàraoh i, agus mhol iad i do Phàraoh: agus thugadh a‑steach a’ bhean do thaigh Phàraoh.
16Agus bhuin e gu math ri Abram air a sgàth-se: agus bha aige caoraich, agus daimh, agus asail fhireann, agus òglaich, agus banoglaich, agus asail bhoireann, agus càmhail.
17Agus bhuail an Tighearna Phàraoh agus a thaigh le plàighean mòra, airson Shàrai bean Abraim.
18Agus ghairm Phàraoh air Abram, agus thubhairt e, Ciod e seo a rinn thu orm? Carson nach d’innis thu dhomh gum b’i seo do bhean?
19Carson a thubhairt thu, Is i mo phiuthar i? Mar sin dh’fhaodainn a gabhail am ionnsaigh mar mhnaoi; a‑nis, matà, feuch do bhean; gabh i, agus bi ag imeachd.
20Agus thug Phàraoh àithne da dhaoine ma thimcheall: agus chuir iad air falbh e fhèin, agus a bhean, agus gach nì a bha aige.
Currently Selected:
Genesis 12: ABG1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017