YouVersion Logo
Search Icon

Ephèsianach 4

4
1Uime sin, tha mise, prìosanach an Tighearna, a’ guidhe oirbh gun gluais sibh gu cubhaidh don ghairm leis an do ghairmeadh sibh;
2Leis gach uile irioslachd inntinn agus mhacantas, le fad-fhulangas, a’ giùlan le chèile ann an gràdh;
3A’ dèanamh dìchill air aonachd an Spioraid a choimhead ann an ceangal na sìthe.
4Is aon chorp agus aon Spiorad a tha ann, amhail mar an ceudna a ghairmeadh sibh ann an aon mhuinghinn ur gairme;
5Aon Tighearna, aon chreideamh, aon bhaisteadh,
6Aon Dia agus Athair nan uile, a tha os cionn nan uile, agus tre na h‑uile, agus annaibhse uile.
7Ach thugadh gràs do gach aon againn, a rèir tomhas tìodhlac Chrìosd.
8Uime sin tha e ag ràdh, Air dol suas dha an àird, thug e bruid am braighdeanas, agus thug e tìodhlacan do dhaoine.
9(A‑nis gun deachaidh e suas, ciod e ach gun deachaidh e air tùs sìos gu ionadan ìochdarach na talmhainn?
10An tì a chaidh sìos, is e sin fhèin e a chaidh suas mar an ceudna gu ro‑àrd os cionn nan uile nèamh, a‑chum gun lìonadh e na h‑uile nithean.)
11Agus thug e dream àraidh gu bhith nan abstoil; dream eile, gu bhith nam fàidhean; agus dream eile, gu bhith nan soisgeulaichean; agus dream eile, gu bhith nan aodhairean, agus nan luchd-teagaisg;
12A‑chum na naoimh a dheasachadh a‑chum obair na ministrealachd, a‑chum togail suas corp Chrìosd:
13Gus an tig sinn uile ann an aonachd a’ chreidimh, agus eòlas Mac Dhè, a‑chum duine iomlain, a‑chum tomhas àirde lànachd Chrìosd:
14A‑chum is nach bi sinn à seo suas nar leanaban, air ar tonn-luasgadh, agus air ar giùlan mun cuairt leis gach uile ghaoith teagaisg, le cleasachd dhaoine, agus seòltachd cealgach, leis a bheil iad gu h‑innleachdach ri feall-fhalach a‑chum meallaidh:
15Ach a’ labhairt na fìrinn ann an gràdh, gum fàs sinn suas anns na h‑uile nithean thuigesan, as e an ceann, eadhon Crìosd:
16Om bheil an corp uile, air a cheangal gu ceart, agus air a dhlùthachadh tre an nì sin a tha gach alt a’ toirt uaithe, a rèir obrachaidh èifeachdaich ann an tomhas gach buill, a’ faghail fàs cuirp, a‑chum a thogail fhèin suas ann an gràdh.
17Seo uime sin tha mi ag ràdh, agus a’ guidhe am fianais an Tighearna, gun sibh a dh’imeachd à seo suas mar a tha na Cinnich eile ag imeachd, ann an dìomhanas an inntinn fhèin;
18Aig a bheil an tuigse air a dorchachadh, air dhaibh a bhith nan coimhich do bheatha Dhè, a‑thaobh an aineolais a tha annta, tre chruas an cridhe:
19Muinntir, air dhaibh am mothachadh a chall, a thug iad fhèin thairis do mhì-nàire, a‑chum gach uile neò-ghlaine a chur an gnìomh le cìocras.
20Ach cha d’fhòghlaim sibhse Crìosd mar seo;
21O chuala sibh e, agus o theagaisgeadh leis sibh, mar a tha an fhìrinn ann an Iosa:
22Gun cuir sibh dhibh, a‑thaobh a’ chiad chaitheamh-beatha, an seann duine, a tha truaillidh a rèir nan ana-miann cealgach;
23Agus gum bi sibh air ur n‑ath-nuadhachadh ann an spiorad ur n‑inntinn;
24Agus gun cuir sibh umaibh an nuadh-dhuine, a tha air a chruthachadh a rèir Dhè ann am fìreantachd agus am fìor-naomhachd.
25Uime sin, air dhuibh a’ bhreug a chur uaibh, labhraibh an fhìrinn, gach neach ra choimhearsnach: oir is buill sinn de a chèile.
26Biodh fearg oirbh, agus na peacaichibh: na laigheadh a’ ghrian air ur corraich:
27Agus na tugaibh àite don diabhal.
28An tì a ghoid, na goideadh e nas mò: ach gum b’fheàrr leis saothair a dhèanamh, ag obrachadh an nì a tha math le a làmhan, a‑chum gum bi aige nì ri phàirteachadh ris an neach air a bheil uireasbhaidh.
29Na tigeadh cainnt thruaillidh air bith a‑mach as ur beul, ach an nì sin a tha math a‑chum deagh-fhòghlaim, ionnas gun toir e gràs don luchd-èisdeachd.
30Agus na cuiribh doilgheas air Spiorad Naomh Dhè, leis an do chuireadh seula oirbh gu là na saorsa.
31Biodh gach uile sheirbhe, agus corraich, agus fearg, agus gàrrthaich, agus toibheum, air an togail uaibh, maille ris gach uile mhìorun.
32Agus bithibh coibhneil teò-chridheach da chèile; a’ toirt maitheanais da chèile, eadhon mar a thug Dia maitheanas dhuibhse ann an Crìosd.

Currently Selected:

Ephèsianach 4: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in