YouVersion Logo
Search Icon

Gnìomharan 1

1
1Rinn mi an ciad leabhar, a Theophiluis, mu thimcheall nan uile nithean a thòisich Iosa air a dhèanamh agus a theagasg,
2Gus an là anns an do thogadh suas e, an dèidh dha, tron Spiorad Naomh, àitheantan a thoirt do na h‑abstoil a thagh e:
3Don do rinn e mar an ceudna e fhèin a nochdadh beò an dèidh a fhulangais, le mòran de chomharraidhean fìrinneach, air dha a bhith air fhaicinn leo feadh dà‑fhichead là, agus e a’ labhairt mu na nithean sin a bhuineadh do rìoghachd Dhè:
4Agus air dha a bhith maille riu, dh’àithn e dhaibh gun iad a dhol o Ierusalem, ach feitheamh ri gealladh an Athar, arsa esan, a chuala sibh uamsa.
5Oir bhaist Eòin gu deimhinn le uisge: ach baistear sibhse leis an Spiorad Naomh, air bheag làithean an dèidh seo.
6Uime sin nuair a chruinnich iad an ceann a chèile, dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, A Thighearna, an aisig thu aig an àm seo an rìoghachd do Israel?
7Ach thubhairt esan riu, Cha bhuin e dhuibhse fios nan aimsir no nan àm fhaotainn, a chuir an t‑Athair na chumhachd fhèin.
8Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh: agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa, araon ann an Ierusalem, agus ann an Iudèa uile, agus ann an Samaria, agus gu iomall na talmhainn.
9Agus nuair a thubhairt e na nithean seo, thogadh suas e, agus iadsan ga fhaicinn; agus thug neul as an sealladh e.
10Agus am feadh a bha iadsan a’ geur-amharc gu nèamh, agus esan a’ dol suas, feuch, sheas dithis fhear làimh riu ann an aodach geal;
11Agus thubhairt iad, Fheara Ghalile, carson a tha sibh nur seasamh ag amharc gu nèamh? An t‑Iosa seo a thogadh suas uaibh gu nèamh, is amhail sin a thig e, mar a chunnaic sibh e a’ dol do nèamh.
12An sin thill iad gu Ierusalem, on t‑sliabh ris an abrar Sliabh nan Crann-ola, a tha am fagas do Ierusalem, astar là sàbaid as.
13Agus nuair a thàinig iad a‑steach, chaidh iad suas do sheòmar uachdarach, far an robh a’ fantainn Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus Anndras, Philip, agus Tòmas, Bartolomèus, agus Mata, Seumas mac Alphèuis, agus Sìmon Selotes, agus Iùdas bràthair Sheumais.
14Bhuanaich iad seo uile a dh’aon inntinn ann an ùrnaigh (agus ann an guidhe), maille ris na mnathan, agus Muire màthair Iosa, agus maille ra bhràithrean.
15Agus anns na làithean sin dh’èirich Peadar ann am meadhon nan deisciobal, agus thubhairt e (b’e àireamh nan ainm a bha an làthair, mu thimcheall ceud agus fichead).
16Fheara agus a bhràithrean, b’èiginn an sgriobtar seo a bhith air a choileanadh, a ro‑labhair an Spiorad Naomh le beul Dhaibhidh timcheall Iùdais, a bha na cheann-iùil acasan a ghlac Iosa.
17Oir bha e air àireamh maille rinne, agus fhuair e cuibhreann den fhrithealadh seo.
18A‑nis cheannaich am fear seo fearann le duais na h‑eucoir; agus air dha tuiteam sìos air a aghaidh, sgàin e anns a’ mheadhon, agus bhrùchd a mhionach uile a‑mach.
19Agus rinneadh seo aithnichte do luchd-àiteachaidh Ierusaleim uile: air chor is gun abrar ris an fhearann sin nan cainnt fhèin, Aceldama, sin ri ràdh, Fearann fala.
20Oir tha e sgrìobhte ann an leabhar nan Salm, Biodh a àite-còmhnaidh na fhàsach, agus na gabhadh neach sam bith tàmh ann: agus, Glacadh neach eile a dhreuchd.
21Air an adhbhar sin is còir aon de na daoine sin a bha maille rinne, rè na h‑aimsir sin uile anns an deachaidh an Tighearna Iosa a‑steach agus a‑mach nar measg,
22A’ tòiseachadh o bhaisteadh Eòin, gus an là anns an do thogadh suas uainn e, a bhith air a dhèanamh na fhianais air a aiseirigh-san maille rinne.
23Agus shònraich iad dithis, Iòseph ris an abrar Barsabas, dom bu cho-ainm Iustus, agus Matias.
24Agus rinn iad ùrnaigh, agus thubhairt iad, Thusa a Thighearna, don aithne cridheachan nan uile dhaoine, foillsich cò den dithis seo a thagh thu,
25A ghabhail cuibhrinn den fhrithealadh agus den abstolachd seo, on do thuit Iùdas le seachran, gu dol da àite fhèin.
26Agus thilg iad an crannchur; agus thuit an crannchur air Matias; agus bha e air àireamh maille ris an aon-abstol-deug.

Currently Selected:

Gnìomharan 1: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in