YouVersion Logo
Search Icon

3 Eòin 1

1
1An seanair a‑chum Ghaiuis ghràdhaich, as ionmhainn leam anns an fhìrinn.
2A bhràthair ghràdhaich, is e mo ghuidhe a‑thaobh gach uile nì gun soirbhicheadh leat, agus gum biodh tu slàn, mar a tha soirbheachadh led anam.
3Oir rinn mi gàirdeachas gu mòr nuair a thàinig na bràithrean, agus a rinn iad fianais don fhìrinn a tha annadsa, mar a tha thusa ag imeachd anns an fhìrinn.
4Chan eil gàirdeachas agam as mò na bhith a’ cluinntinn gu bheil mo chlann ag imeachd anns an fhìrinn.
5A bhràthair ghràdhaich, is dìleas a nì thu gach nì a tha thu a’ dèanamh do na bràithrean, agus do choigrich;
6Muinntir a rinn fianais air do ghràdh an làthair na h‑eaglais: ma bheir thu air an aghaidh iad nan slighe mar as cubhaidh do Dhia, is math a nì thu:
7Oir chaidh iad a‑mach air sgàth a ainme-san, gun nì air bith a ghabhail o na Cinnich.
8Uime sin tha e mar fhiachan oirnne gabhail rin leithidean sin, a‑chum gum bitheamaid nar co‑shaothraichean don fhìrinn.
9Sgrìobh mi a‑chum na h‑eaglais: ach cha ghabh Diotrephes, leis am miann àrd-cheannas a bhith aige nam measg, rinn.
10Uime sin ma thig mi, cuiridh mi an cuimhne a obraichean a tha e a’ dèanamh, a’ bith-labhairt nar n‑aghaidh le briathran aingidh: agus cha leòr leis sin, ach cha mhò a tha e fhèin a’ gabhail ris na bràithrean, agus tha e a’ bacadh na dream leis am b’àill, agus gan tilgeadh a‑mach as an eaglais.
11A bhràthair ghràdhaich, na lean an nì a tha olc, ach an nì a tha math. An tì a nì math is ann o Dhia a tha e; ach an tì a nì olc, chan fhaca e Dia.
12Tha deagh theisteas air Demetrius o na h‑uile, agus on fhìrinn fhèin: agus tha sinne mar an ceudna a’ dèanamh fianais; agus tha fhios agaibh gu bheil ar fianais-ne fìor.
13Bha mòran agam ri sgrìobhadh ach chan àill leam sgrìobhadh le dubh agus peann ad ionnsaigh:
14Ach tha dòchas agam d’fhaicinn gun dàil, agus labhraidh sinn beul ri beul. Sìth maille riut. Tha na càirdean a’ cur fàilte ort. Cuir fàilte air na càirdean air an ainm.

Currently Selected:

3 Eòin 1: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in