YouVersion Logo
Search Icon

Sailm Dhaibhidh 72

72
Salm 72
1Dhia, thoir do bhreitheanas don rìgh,
is d'fhìreantachd da mhac.
2Bheir esan ceart bhreith air do shluagh,
's do bhochdan còir nan airc.
3Na slèibhtean àrda bheir a‑mach
sìochaint don t‑sluagh gu pailt;
Is bheir na tulaich bheaga sìth
le fìreantachd gun airc.
4Air daoine bochd a' phobaill fòs,
bheir esan breith gu ceart;
Is clann nan ainnis saoraidh e,
mìn-bhrisidh luchd ain-neart.
5Am feadh bhios grian is gealach ann,
freasdal don là 's don oidhch',
Bidh d'eagal orrasan gu mòr,
o linn gu linn a‑chaoidh.
6Mar uisge air an fhaiche bhuaint',
is amhlaidh thig e nuas:
Mar fhrasan dh'uisgicheas am fonn,
is ionann sin a ghràs.
7Ra linn-san bidh na fìreanaich
gu h‑ùr a' fàs le blàth:
'S am feadh a bhios a' ghealach ann,
bidh sìochaint pailt a‑ghnàth.
8Bidh uachdranachd aig' mar an ceudn'
o thuinn gu tuinn gu sìor,
Is ruigidh siud on abhainn mhòir,
gu iomall crìoch gach tìr'.
9Luchd-còmhnaidh fòs an fhàsaich chruaidh
sleuchdaidh iad sìos na làth'r;
A naimhdean imlichidh an ùir,
a' tabhairt ùmhlachd dha.
10Rìgh Tharsis, is nan eileanan,
tìodhlacan bheir iad uap',
Bheir rìghrean Shèba, Sèba fòs,
tabhartais dha gu luath.
11Seadh, fòs na fhianais sleuchdaidh sìos
gach rìgh air thalamh tha:
'S gach ginealach air feadh gach tìr,
dha seirbhis nì a‑ghnàth.
12An t‑ainnis bochd gun chuideachadh,
saoraidh tràth dh'èigheas ris.
13'S nì acarachd ri truaghan bochd,
is dìonar 'anam leis.
14'S e theasairgeas an anam fòs
o fhoill 's o fhòirneart gheur:
Is fòs na shùilean-san gun cheist,
's prìseil am fuil gu lèir.
15Bithidh e beò gu maireannach,
òr Shèba bheirear dha:
Gnàth-ùrnaigh nìthear air a shon,
is molar e gach là.
16San talamh cuirear dòrlach sìl,
air mullach àrd nam beann;
Is bidh a thoradh trom air chrith,
mar Lebanon nan crann.
An dream a tha sa chathair mhòir,
bidh toradh orr' is blàth
Gu lìonmhor, mar as dual don fheur
air thalamh fàs a tha.
17Bidh 'ainm-san buan gu suthainn sìor,
co‑mhaireann ris a' ghrèin;
Is annsan beannaichear gach slògh;
's beannaichear leo e fhèin.
18Beannaicht' gu robh an Tighearn Dia
Dia Israeil a‑ghnàth,
An tì a‑mhàin nì mìorbhailean
le treis is neart a làimh.
19Beannaicht' gu robh gu sìorraidh buan
'ainm glòrmhor uasal fhèin;
Lìonadh a ghlòir gach uile thìr,
Amen, agus Amen!

Currently Selected:

Sailm Dhaibhidh 72: SD1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in