Sailm Dhaibhidh 19
19
Salm 19
1Glòir Dhè làn-fhoillsichidh na nèamh,
's na speuran gnìomh a làmh.
2Tha là a' dèanamh sgèil do là,
is oidhche dh'oidhch' gun tàmh
A' teagasg eòlais, anns gach àit.
3Oir chan eil ionad ann,
No cainnt, no uirghioll fòs air bith,
nach cual' an guth gach àm.
4Chaidh 'm fuaim air feadh gach tìre mach,
am facal chaidh an cèin
Gu crìch na cruinne; chuir e annt'
buan-phàillean àrd don ghrèin:
5Neach tha mar nuadh fhear-pòsda teachd
o sheòmar fhèin a‑mach,
Tha ait, mar ghaisgeach treun a' ruith
a rèis gu togarrach;
6A' dol a‑mach o chrìch nan speur,
mun cuairt gan crìch a‑ghnàth:
'S chan fhalaichear o theas na grèin',
aon nì sa chruinne tha.
7Is iomlan lagh Iehòbhah mhòir;
an t‑anam iomp'chidh e.
Teisteas an Tighearna tha dearbh;
an sìmplidh glic 's e nì.
8Tha statuin fòs an Tighearn ceart,
cur aoibhneis anns a' chrìdh';
Glan-àithntean Dhè a' soillseachadh,
nan sùl nach math a chì.
9Eagal an Tighearn fìorghlan e,
buan-mhaireannach a‑ghnàth:
Fìor agus cothromach air fad,
a bhreitheanais a ta.
10Is fheàrr rin iarraidh iad na 'n t‑òr,
an t‑òr as fheàrr air bith:
Nas mìlse na a' mhil tha iad,
no cìr mheala ra h‑ith.
11A' faotainn rabhaidh fòs a ta
d'òglach-sa uap' a‑ghnàth,
'S nan coimhead cùramach gu dearbh
mòr-thuarasdal a ta.
12Cò thuigeas uile sheachrain fhèin?
glan o lochd diamhair mi.
13O pheacan dànadais air ais
cùm d'òglach fhèin, a Dhè;
Na bitheadh ac' àrd-cheannas orm:
an sin biom treibhdhireach,
Is fòs on pheacadh mhòr bidh mi,
fìor-ionraic neochiontach.
14O Dhia, mo neart, 's mo shlànaighear,
an deagh thoil gabh uam fhèin,
Na smuaintean tha am chridhe staigh,
is briathran glan mo bhèil.
Currently Selected:
Sailm Dhaibhidh 19: SD1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 1992.