YouVersion Logo
Search Icon

Sailm Dhaibhidh 140

140
Salm 140
1On droch-dhuin' saor is teasairg mi,
O Dhia Iehòbhah naoimh:
On fhear a tha ri foireigneadh
dèan dìdean dhomh gu caomh.
2Nan crìdh' tha iad a' smaoineachadh
air aimhleas mòr gach là;
Chum cath' is còmhraig chruaidh tha iad
air cruinneachadh a‑ghnàth.
3Mar theangaidh nathrach, rinneadh leo
an teanga sgaiteach geur:
A ta nimh mhillteach nathrach fòs
am falach ann am beul.
4O làimh nan daoi, glèidh mise, Dhè,
's o luchd an fhòirneirt, dìon;
Mo cheuman thilgeadh bun-os‑cionn,
's e siud an rùn 's am miann.
5Dh'fhalaich na h‑uaibhrich ribe dhomh,
is còrdan fòs gum sgrios;
Ri taobh a' bhealaich sgaoil iad lìon,
is leag iad ceap gun fhios.
6Ri Dia Iehòbhah thubhairt mi,
'S tu fhèin gu beachd mo Dhia;
Eisd ri guth m'athchuinge a‑nis,
O Thighearn is a Thriath.
7Is tu as spionnadh slàinte dhomh,
Iehòbhah Dhia nam flath;
Cuir dìon is falach air mo cheann
an aimsir teinn is cath'.
8Na deònaich miann an aingidh uilc,
O Thighearna nam feart;
'Ais-innleachd fòs na soirbhich leis,
mun dèan iad uaill nan neart.
9Ach cinn an dream a chuartaich mi
gach taobh le tuaileas bhreug,
Gu robh iad air am falach fòs
le aimhleas mòr am bèil.
10Orra gun tuiteadh eibhlean loisgt';
tilg iad san teine beò:
An slocan domhain sìos, a‑chum
nach èirich iad nas mò.
11Na daingnichear air talamh fòs
fear-labhairt uilc a‑chaoidh:
Biodh olc a' sealg fir-foireignidh,
ga leagadh is ga chlaoidh.
12Is aithne dhòmhsa gun dèan Dia
don dream tha 'n àmhghar goirt,
An cùis a sheasamh dhaibh gu treun,
is còir nan daoine bochd.
13Do bheir na fìreanan gu dearbh
dod ainm-sa moladh mòr;
Bidh còmhnaidh bhuan ad fhianais fhèin,
a Dhè, aig daoine còir.

Currently Selected:

Sailm Dhaibhidh 140: SD1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for Sailm Dhaibhidh 140