Sailm Dhaibhidh 138
138
Salm 138
1Lem uile chrìdh' àrd-mholam thu,
àrd-mholam thu gu caomh
2'N làthair nan dia. Is sleuchdam dhut,
m'aghaidh rid theampall naomh,
Is molam d'ainm, bhrìgh d'fhìrinn cheirt
's do choibhneis ghràdhaich fhèin:
Oir d'fhacal fìorghlan dh'àrdaich thu,
os cionn d'uil' ainm' gu lèir.
3San là a ghlaodh mi riut, a Dhè,
fhreagair thu mi gu luath;
Is thug thu spionnadh dhomh gu leòr,
le treòir, am anam truagh.
4Bheir rìghrean mòr' na cruinne dhut,
àrd-mholadh binn gu lèir,
'S an uair an cluinnear leo, a Dhia,
deagh bhriathran glan do bhèil.
5An slighean fòs Iehòbhah mhòir,
seinnidh iad ceòl gu h‑ait;
Airson gur urramach, 's gur àrd
glòir àlainn Dhè nam feart.
6Ge h‑àrd Iehòbhah, seallaidh e
air daoine umhail còir;
Ach 's lèir dha 'n dream ud, fad o làimh,
tha làn den àrdan mhòr.
7Ged ghluaisinn ann am buillsgean fòs
na trioblaid mhòir dom chlaoidh,
A ta mi fiosrach dòchasach
gum beothaich thusa mi:
An aghaidh corraich mhòr mo nàmh,
do làmh-sa sìnear leat:
Is nì do dheaslàmh ann am fheum
mo theasairginn le neart.
8Gach nì air bith a bhuineas dhomh,
coileanaidh Dia gu treun;
Is buan do ghràs, a Dhia, gu bràth;
oibrean do làmh na trèig.
Currently Selected:
Sailm Dhaibhidh 138: SD1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 1992.