Us iarraidh mi air an Athair, agus bheir e Cofhurtair eile dhuibh, gus e dhʼ fhantuinn maille ribh a chaoidh,
Spiorad na firinne, nach urrainn do ʼn t-saoghal a ghabhail: a chionn ʼs nach eil e ga fhaicinn, no eolach air: ach bithidh eolas agaibhse air: a chionn gum fan e maille ribh, agus gum bi e unnaibh.