1
Mata 9:37-38
Am Bìoball Gàidhlig 1992
An sin thubhairt e ra dheisciobail, Gu deimhinn is mòr am fogharadh, ach is tearc an luchd-obrach. Uime sin, guidhibh-se air Tighearna an fhogharaidh, luchd-obrach a chur a‑mach a‑chum a fhogharaidh fhèin.
Compare
Explore Mata 9:37-38
2
Mata 9:13
Ach imichibh agus fòghlamaibh ciod as ciall dha seo, Tròcair is àill leam, agus chan ìobairt: oir cha tàinig mise a ghairm nam fìreanach, ach nam peacach a‑chum aithreachais.
Explore Mata 9:13
3
Mata 9:36
Ach nuair a chunnaic e an sluagh, ghabh e truas dhiubh, airson gu robh iad air fannachadh, agus air an sgapadh o chèile, mar chaoraich aig nach eil buachaille.
Explore Mata 9:36
4
Mata 9:12
Ach nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e riu, Chan ann aig a’ mhuinntir a tha slàn a tha feum air an lèigh, ach aig a’ mhuinntir a tha easlan.
Explore Mata 9:12
5
Mata 9:35
Agus ghabh Iosa mun cuairt nan uile chathraichean agus bhailtean, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach uile easlaint agus eucail am measg a’ phobaill.
Explore Mata 9:35
Home
Bible
Plans
Videos