1
Mata 8:26
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh fo eagal, sibhse air bheag creidimh? An sin dh’èirich e, agus chronaich e na gaothan agus an fhairge; agus bha ciùine mhòr ann.
Compare
Explore Mata 8:26
2
Mata 8:8
Agus air freagairt don cheannard-ceud, thubhairt e, A Thighearna, chan airidh mise air thusa a theachd a‑steach fom chlèith: ach a‑mhàin abair am facal, agus slànaichear m’òglach.
Explore Mata 8:8
3
Mata 8:10
Nuair a chuala Iosa seo, ghabh e iongantas, agus thubhairt e ris a’ mhuinntir a lean e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, ann an Israel fhèin nach d’fhuair mi creideamh cho mòr seo.
Explore Mata 8:10
4
Mata 8:13
Agus thubhairt Iosa ris a’ cheannard-ceud, Imich romhad, agus biodh e dhut a rèir mar a chreid thu. Agus shlànaicheadh a òglach an uair sin fhèin.
Explore Mata 8:13
5
Mata 8:27
Ach ghabh na daoine iongantas, ag ràdh, Ciod e a’ ghnè dhuine seo, gu bheil na gaothan fhèin agus an fhairge umhail dha?
Explore Mata 8:27
Home
Bible
Plans
Videos