Sailm Dhaibhidh 20
20
Salm 20
1Gum freagradh Dia thu ann an là
do thrioblaid, is do phèin!
Gun dèanadh ainm Dhè Iàcoib fòs
sìor-choimhead ort ad fheum:
2Gun cuireadh thugad cuideachadh,
tràth, as a theampall naomh:
Is dèanadh e do neartachadh
à Sion fhèin gu caomh.
3Cuimhnicheadh e gu gràsmhor dhut
d'uil' ofrailean gu grad,
Is gabhadh e gu taitneach uat
d'ìobairtean loisgt' air fad.
4A rèir deagh rùin do chridhe fhèin,
tiùbhradh e dhut gu math;
Coileanadh e gach comhairle
tha ann ad chridhe staigh.
5Nì sinne aoibhneas ann ad shlàint',
is ann an ainm ar Dia,
Suas togaidh sinn ar brataichean:
Dia dheònaich' d'uile mhiann!
6Nis 's fiosrach mi gun teasairg e
an tì a dh'ungadh leis:
Is le neart-saoraidh deaslàimh' Dhè
o nèamh gun èisdear ris.
7Tha cuid ag earbs' à carbadan,
is cuid à eich tha àrd';
Ach ainm an Tighearna ar Dia
cuimhnichidh sinn 's gach àit.
8Dh'ìslicheadh iadsan, 's thuit iad sìos:
ach dh'èirich sinn is sheas.
9Dhia, fòir, is èisdeadh rinn an Rìgh,
tràth nì sinn gearan ris.
المحددات الحالية:
Sailm Dhaibhidh 20: SD1992
تمييز النص
شارك
نسخ
![None](/_next/image?url=https%3A%2F%2Fimageproxy.youversionapi.com%2F58%2Fhttps%3A%2F%2Fweb-assets.youversion.com%2Fapp-icons%2Far.png&w=128&q=75)
هل تريد حفظ أبرز أعمالك على جميع أجهزتك؟ قم بالتسجيل أو تسجيل الدخول
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 1992.