የYouVersion አርማ
የፍለጋ አዶ

Mata 6

6
A' Toirt Dhaibhsan a Tha ann an Dìth
1“Thoiribh an aire nach cuir sibh ur fìreantachd an gnìomh mu choinneamh dhaoine airson 's gun tèid ur faicinn leotha, no cha bhi duais agaibh o ur n‑Athair a th' air nèamh. 2Mar sin, nuair a bheir thu dèirc dha na bochdan, na sèid trombaid romhad, mar a nì na breug‑chràbhaichean sna sionagogan agus air na sràidean, airson 's gum faigh iad glòir bho dhaoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gun do shealbhaich iad an tuarastal. 3Ach nuair a bheir thusa dha na bochdan, na leig le do làimh chlì fios a bhith aice dè a tha do làmh dheas a' dèanamh 4airson 's gum bi do bhuileachadh gu dìomhair, agus bheir d' Athair, a chì gu dìomhair, duais dhut.
Ùrnaigh
5“Agus nuair a nì thu ùrnaigh, na bi mar na breug‑chràbhaichean, oir is gràdh leotha seasamh is ùrnaigh a dhèanamh anns na sionagogan agus aig oiseanan nan sràid airson 's gum bi iad air am faicinn le daoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gun d' fhuair iad an tuarastal. 6Ach nuair a nì thusa ùrnaigh, thalla a‑steach dhad sheòmar agus dùin an doras agus dèan ùrnaigh rid Athair a tha ann an dìomhaireachd. Agus bheir d' Athair, a chì ann an dìomhaireachd, duais dhut. 7Agus nuair a nì sibh ùrnaigh, na bithibh a' clabadaich mar a bhios na Cinnich, oir saoilidh iadsan gun tèid èisteachd riutha air sgàth lìonmhorachd an cainnte. 8Mar sin na bithibh‑se coltach riutha, oir tha fios aig ur n‑Athair dè na rudan a tha a dhìth oirbh mus faighnich sibh.
9“Mar sin dèanaibh‑se ùrnaigh san dòigh seo:
“‘Ar n‑Athair ann an nèamh,
gum biodh d' ainm air a naomhachadh.
10Thigeadh do rìoghachd,
gum biodh do thoil air a dèanamh, air an talamh
mar a tha i air a dèanamh air nèamh.
11Thoir dhuinn an‑diugh
ar n‑aran làitheil,
12agus math dhuinn ar fiachan,
mar a tha sinne cuideachd air
mathadh dhar luchd‑fiach.
13Agus na treòraich sinn
a‑steach do bhuaireadh,
ach saor sinn on olc.’
14“Oir ma mhathas sibh am peacaidhean do dhaoine eile, mathaidh ur n‑Athair nèamhaidh sibhse cuideachd. 15Ach mura math sibh do dhaoine, cha mhotha a mhathas ur n‑Athair dhuibhse ur peacaidhean.
Trasgadh
16“Agus nuair a thraisgeas sibh, na coimheadaibh gruamach mar na breug‑chràbhaichean, oir nì iad an aghaidhean grànda airson 's gum faic daoine gu bheil iad a' trasgadh. Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun d' fhuair iad an tuarastal gu lèir. 17Ach nuair a thraisgeas tusa, cuir ola air do cheann agus nigh d' aodann, 18airson 's nach bi e air fhaicinn le daoine gu bheil thu a' trasgadh. Agus bheir d' Athair, a tha a' faicinn ann an dìomhaireachd, duais dhut.
Ionmhasan air Nèamh
19“Na taisgibh ionmhasan air an talamh dhuib' fhèin, far an dèan an leòmann agus a' mheirg sgrios agus far am bris mèirlich a‑steach 's a nì iad goid. 20Ach taisgibh ionmhasan air nèamh dhuib' fhèin, far nach dèan an leòmann agus a' mheirg sgrios agus nach eil mèirlich a' briseadh a‑steach 's a' goid. 21Oir far a bheil d' ionmhas, an sin bidh do chridhe cuideachd.
22“Is i an t‑sùil lampa a' chuirp. Mar sin, ma bhios do shùil fallainn, bidh do chorp uile làn solais. 23Ach ma tha do shùil olc, bidh do chorp uile dorcha. Mar sin ma tha an solas a th' annad na dhorchadas, nach mòr an dorchadas sin!
24“Chan urrainn neach sam bith seirbheis a dhèanamh do dhithis mhaighstir, oir an dara cuid fuathaichidh e aon dhiubh agus gràdhaichidh e am fear eile, no bidh e dìleas do dh'aon dhiubh agus nì e tàir air an fhear eile. Chan urrainn dhuibh seirbheis a dhèanamh do Dhia agus do bheairteas.
Na Bithibh fo Chùram
25“Mar sin, tha mise ag ràdh ribh, na bithibh fo chùram mur beatha, dè a dh'itheas no dè a dh'òlas sibh, no mur cuirp, dè a chuireas sibh oirbh. Nach eil barrachd ris a' bheatha na biadh, agus ris a' chorp na aodach? 26Seallaibh air eòin an adhair; cha chuir iad sìol 's cha bhuain iad is cha chruinnich iad ann an saibhlean, agus a dh'aindeoin sin tha ur n‑Athair nèamhaidh‑se gam beathachadh. Nach eil sibhse tòrr nas luachmhoire na iadsan? 27Agus cò agaibh tro bhith fo chùram as urrainn fad a chur ri a bheatha?
28“Agus carson a tha sibh fo chùram mu aodach? Meòraichibh air mar a tha lilidhean nan achaidhean a' fàs; cha shaothraich iad 's cha shnìomh iad, 29ach tha mise ag ràdh ribh nach robh fiù 's Solamh, na ghlòir gu lèir, air èideadh mar aon dhiubh seo. 30Ach ma tha Dia mar sin a' sgeadachadh feur nan achaidhean, a th' ann an‑diugh, agus a‑màireach a th' air a thilgeil dhan àmhainn, nach motha na sin a sgeadaicheas e sibhse? O sibhse air bheag creideimh! 31Mar sin na bithibh fo chùram, ag ràdh, ‘Dè a dh'itheas sinn?’ no ‘Dè a dh'òlas sinn?’ no ‘Dè a chuireas sinn oirnn?’ 32Oir tha na Cinnich a' sireadh nan rudan seo uile gu dùrachdach, agus tha fios aig ur n‑Athair nèamhaidh gu bheil feum agaibhse air na rudan seo uile. 33Ach siribh an toiseach rìoghachd Dhè agus fhìreantachd‑san, agus thèid na rudan seo uile a thoirt dhuibh. 34Mar sin na biodh cùram oirbh mun latha màireach, oir bidh cùram air an latha màireach air a shon fhèin. Tha olc gach aon latha gu leòr dha fhèin.

Currently Selected:

Mata 6: ATN

ማድመቅ

Share

Copy

None

ያደመቋቸው ምንባቦች በሁሉም መሣሪያዎችዎ ላይ እንዲቀመጡ ይፈልጋሉ? ይመዝገቡ ወይም ይግቡ