የYouVersion አርማ
የፍለጋ አዶ

Mata 4

4
Buaireadh Ìosa
1An uair sin chaidh Ìosa a threòrachadh leis an Spiorad dhan fhàsach airson a bhith air a bhuaireadh leis an diabhal. 2Agus às dèidh dha trasgadh airson ceathrad latha agus ceathrad oidhche, bha an t‑acras air. 3Agus thàinig am buaireadair is thuirt e, “Mas tu Mac Dhè, can ris na clachan seo tionndadh nan aran.”
4Ach fhreagair esan, “Tha e sgrìobhte: ‘Chan ann le aran a‑mhàin a bhios duine beò, ach leis a h‑uile facal a thig o bheul Dhè.’#Deut. 8:4
5An uair sin thug an diabhal e chun a' bhaile naoimh agus chuir e air binnean an teampaill e 6agus thuirt e ris, “Mas tu Mac Dhè, tilg thu fhèin sìos, oir tha e sgrìobhte:
‘Bheir e àithne dha ainglean mud thimcheall,’
agus ‘Togaidh iad suas thu nan làmhan,
air eagal 's gum buail thu do chas air cloich.’#Salm 91:11, 12
7Thuirt Ìosa ris, “A‑rithist tha e sgrìobhte, ‘Cha bhuair thu an Tighearna do Dhia.’#Deut. 6:16
8A‑rithist thug an diabhal e gu beinn ro àrd, agus sheall e dha rìoghachdan an t‑saoghail gu lèir agus a' ghlòir aca. 9Agus thuirt e ris, “Bheir mise dhut iad seo uile, ma thuiteas tu sìos agus ma nì thu adhradh dhòmhsa.”
10An uair sin thuirt Ìosa ris, “Thalla uam, a Shàtain! Oir tha e sgrìobhte, ‘Nì thu adhradh dhan Tighearna do Dhia, agus dhàsan a‑mhàin nì thu seirbheis.’#Deut. 6:13
11An uair sin dh'fhàg an diabhal e, agus, seall, thàinig ainglean agus bha iad a' frithealadh dha.
Ìosa a' Tòiseachadh air Searmonachadh
12Ach nuair a chuala Ìosa gun deach Eòin a chur an grèim, tharraing e air ais do Ghalile. 13Agus a' fàgail Nàsaret chaidh e agus dh'fhuirich e aig Capernàum ri taobh na mara, ann an ceàrnaidhean Shabuloin is Nephtali – 14airson 's gun deigheadh an rud a thuirt Isaiah am fàidh a choileanadh:
15“Talamh Shabuloin is talamh Nephtali,
slighe na fairge, air taobh thall Iòrdain,
Galile nan Cinneach –
16an sluagh a bha a' fuireach ann an dorchadas,
chunnaic iad solas mòr;
agus na daoine a bha a' fuireach ann an tìr agus sgàil a' bhàis,
orrasan tha solas air èirigh.”#Isa. 9:1, 2
17On àm sin thòisich Ìosa air searmonachadh, ag ràdh, “Dèanaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh faisg air làimh.”
Gairm nan Ciad Dheisciobal
18Agus fhad 's a bha e a' coiseachd ri taobh Muir Ghalile, chunnaic e dithis bhràithrean, Sìmon (ris an canar Peadar) agus Anndra a bhràthair, a' tilgeil lìon dhan mhuir, oir b' e iasgairean a bh' annta. 19Agus thuirt e riutha, “Thigibh às mo dhèidh‑sa, agus nì mi sibh nur n‑iasgairean de dhaoine.” 20Sa bhad dh'fhàg iad an lìn agus lean iad esan.
21Agus a' dol air adhart às a sin, chunnaic e dithis bhràithrean eile, Seumas mac Shebede agus Eòin a bhràthair, anns an eathar còmhla rin athair Sebede, a' càradh an lìn, agus ghairm e iad. 22Sa bhad dh'fhàg iad an t‑eathar agus an athair agus lean iad e.
Ìosa a' Leigheas na Muinntir a Bha Tinn
23Agus bha e a' dol tro Ghalile uile, a' teagasg anns na sionagogan aca is a' searmonachadh soisgeul na rìoghachd agus a' slànachadh gach gnè tinneis is gach gnè bochdainn am measg an t‑sluaigh. 24Mar sin chaidh a chliù air feadh Shiria gu lèir, agus thug iad thuige iadsan uile a bha tinn, iadsan a bha a' fulang diofar bhochdainnean is phiantan, iadsan a bha fo chumhachd dheamhan, tuiteamaich agus luchd‑pairilis, agus shlànaich e iad. 25Agus lean sluagh mòr e o Ghalile is o Dhecapolis, agus o Ierusalem is o Iudèa, agus o thaobh thall Iòrdain.

Currently Selected:

Mata 4: ATN

ማድመቅ

Share

Copy

None

ያደመቋቸው ምንባቦች በሁሉም መሣሪያዎችዎ ላይ እንዲቀመጡ ይፈልጋሉ? ይመዝገቡ ወይም ይግቡ