Miann nan daoin’ umhail chual’ tu,
an cridhe nì thu gleusd’;
Is bheir thu air do chluais gu beachd Dhè;
an gearan-san gun èisd:
A chumail ceirt ri dìlleachdain,
’s ri daoinibh brùite truagh’,
A-chum nach tugadh duin’ on ùir
nas mò air fòirneart luaidh.