II. Esdras 4
4
CAIB. IV.
1Agus thug an t‑aingeal a chuireadh amʼ ionnsuidh, dʼ an ainm Uriel freagradh dhomh,
2Agus thubhairt e, Chaidh do chridhe tuilleadh ʼs fad a stigh do ʼn t‑saoghal so, agus am bheil dùil agad gu ʼn tuig thu slighe an Tì a ʼs Airde?
3An sin, a deir mise, Seadh, mo thighearna. Agus fhreagair e mi, agus thubhairt e, Chuireadh mi a nochdadh dhuit trì sligheanna, agus a leigeadh ris duit trì samhlaidhean:
4Ma chuireas tu an céill domh aon dhiubh sin, nochdaidh mi dhuit mar an ceudna an t‑slighe a ta thu ʼg iarraidh fhaicinn, agus nochdaidh mi dhuit cia as do ʼn chridhe aingidh.
5Agus thubhairt mi, Rach air tʼ aghaidh, mo thighearna. An sin thubhairt e rium, Gabh romhad, cothromaich dhomh cudthrom an teine, no tomhais dhomh oiteag na gaoithe, no gairm air ais domh an là a dhʼ fhalbh.
6An sin fhreagair mise, agus thubhairt mi, Cò e an duine a ʼs urrainn sin a dheanamh, gu ʼn iarradh tu a leithid do nithibh orm‑sa?
7Agus thubhairt e rium, Nʼ an cuirinn aʼ cheist ort, ciamar tha ionada‑còmhnuidh mòra ann am meadhon aʼ chuain, no cia lìon tobar a ta ann an toiseach na doimhne, no cia lìon màthair‑uisge a ta os ceann ʼnan speur, no ciod e dol a mach Phàrais?
8Ma ʼs e is gu ʼn abradh tu rium, cha deachaidh mi riamh sìos chum na doimhne, no fathast chum ifrinn, ni mò a streap mi riamh suas do nèamh.
9Gidheadh, cha do chuir mi ceist ort a nis, ach a mhàin thaobh an teine, agus na gaoithe, agus an latha air an deachaidh thu trìdsan, agus a thaobh nithe o nach comusach dhuit a bhi air do dhealachadh; agus an déigh sin, nach toir thu freagradh sam bith dhomh dʼ an taobh.
10Os bàrr thubhairt e rium, Do nithe fein, agus a leithid ʼsa dhʼ fhàs suas maille riut, nach aithne dhuit iad;
11Ciamar uime sin a bʼ urrainn an soitheach agad slighe an Tì a ʼs Airde a thuigsinn, agus an truaillidheachd a ta follaiseach amʼ shealladh a thoirt fanear, air do ʼn t‑saoghal a bhi an nis truaillidh o ʼn taobh a mach?
12An sin thubhairt mi ris, Bʼ fhearr nach robh sinn idir ann, na gu ʼn tigeamaid beò fathast ann an aingidheachd, agus gu fulang, agus gun fhios cʼ arson.
13Fhreagair e, agus thubhairt e rium, Chaidh mi a stigh do choillteach ann an còmhnard, agus chùm na craobhan comhairle,
14Agus thubhairt iad, Thigibh, rachamaid agus deanamaid cogadh an aghaidh na mara, gu ʼn teich i air falbh romhainn, agus gu ʼn dean sinn dhuinn fein tuilleadh choilltean.
15Uime sin air an dòigh cheudna, chùm tuiltean aʼ chuain comhairle, agus thubhairt iad, Thigibh, rachamaid suas agus ceannsaichmaid coilltean aʼ chòmhnaird, chum an sin mar an ceudna, gu ʼn dean sinn dhuinn fein dùthaich eile.
16Bha rùn na coille gun éifeachd, oir thàinig an teine, agus loisg e i.
17Thàinig rùn thuiltean aʼ chuain gu neoni mar an ceudna, oir sheas aʼ ghaineamh suas agus chuir i stad orra.
18Nʼ am biodh thu ʼnadʼ bhreitheamh a nis eadar an dithis sin, cò aca a thòisicheadh tu air fhìreanachadh? no cò aca a dhìteadh tu?
19Fhreagair mi agus thubhairt mi, Gu deimhin is amaideach an rùn a dhealbh iad le chéile; oir tha am fearann air a thabhairt do ʼn choille, agus tha mar an ceudna àite fein aig aʼ chuan chum a thuilte a ghiùlan.
20An sin fhreagair e mise, agus thubhairt e, Thug thu breith chothromach, ach cʼ arson nach toir thu breith ort fein mar an ceudna?
21Oir dìreach mar a ta am fearann air a thoirt do ʼn choille, agus an cuan dʼ a thuiltibh: ceart mar sin, cha tuig iadsan a ta chòmhnuidh air an talamh, ach an nì sin a ta air an talamh: agus esan a ta chòmhnuidh anns na nèamhaibh, cha tuig e ach a mhàin na nithe a ta os ceann àirde nan nèamh.
22An sin fhreagair mi, agus thubhairt mi, Guidheam ort, O Thighearna, biodh tuigse agam:
23Oir cha bʼ e mo rùn a bhi ʼg iarraidh nithe àrda, ach aʼ leithid ʼsa théid seachad oirnn gach là, ʼse sin, gidheadh, gu ʼm bheil Israel air a thoirt suas mar mhasladh do na cinnich; agus ciod an aobhar gun tugadh thairis do chinneachaibh an‑diadhaidh an sluagh dʼ an tug thu spéis; agus cʼ arson a thugadh gu neoni lagh ar sinnsear, agus a thàinig na cùmhnanta sgrìobhta gu neo‑bhrìgh;
24Agus a theicheas sinn a mach as an t‑saoghal mar fhionnain‑feòir; agus is iongantas agus eagal ar beatha, agus cha ʼn ʼeil sinn toilltinneach air tròcair.
25Ciod uime sin a nì e a thaobh ainm‑san trìd am bheil sinn air ar gairm? mu na nithibh sin dhʼ fheòraich mi.
26An sin fhreagair e mi, agus thubhairt e, Mar a ʼs mò a rannsaicheas tu, ʼsann a ʼs mò a bhios iongantas ort; oir thaʼ n saoghal aʼ greasadh gu luath gu teicheadh air falbh,
27Agus cha ʼn urrainn duit na nithe sin a thuigsinn a ta air an gealltuinn do na fìreanaibh anns an àm ri teachd: oir thaʼ n saoghal so làn do neo‑fhìreantachd agus anmhuinneachdan.
28Ach a thaobh nan nithe mu ʼn dʼ fheòraich thu dhìom, innsidh mi dhuit; oir thaʼ n t‑olc air a chur, ach cha tàinig an sgrios aige fathast.
29Uime sin mar tilgear bun os ceann an nì sin a chuireadh, agus mar teich an t‑àite air falbh far an do chuireadh an t‑olc, an sin cha tig an t‑àite a chuireadh leis aʼ mhaith.
30Oir chuireadh an gràinne do ʼn droch shìol ann an cridhe Adhaimh o ʼn toiseach, agus cia mòr an t‑an‑diadhachd a thàrmaich#4.30 thàrmaich ‑ chruinnich, thionail ‑ accrue, build up e gu ruige so, agus cia mòr a thàrmaicheas e gus an tig àm a bhualaidh?
31Smuauaich a nis annad fein, cia mòr an toradh aingidheachd a thug gràinne an droch shìl a mach.
32Agus an uair a ghearrar na diasan sìos, a ta gun àireamh, cia mòr an t‑ùrlar a lìonas iad?
33Agus fhreagair mi, agus thubhairt mi, Ciamar, agus cʼ uin a thig na nithe sin gu crìch? uime sin is tearc agus aingidh bhur bliadhnaichean.
34Agus fhreagair e mi, ag ràdh, Na dean thusa cabhag os ceann an Tì a ʼs ro Airde: oir is dìomhain do chabhag gu bhi os a cheann, oir chaidh thu gu mòr air tʼ aghaidh.
35Nach do chuir mar an ceudna anama nam fìrean ceist mu na nithibh sin ʼnan seòmraichibh fein, ag ràdh, Cia fhad ʼsa bhios dòchas agam air an dòigh so? cuin a thig toradh stéidh ar duaise?
36Agus do na nithibh sin thug Uriel an t‑àrd‑aingeal freagradh dhoibh, agus thubhairt e, Eadhon an uair a lìonar annaibh àireamh nan sìol: oir chothromaich e an saoghal air aʼ mheigh.
37Le tomhas thomhais e na h‑amanna, agus le h‑àireamh dhʼ àireamh e na h‑amanna; agus cha ʼn ʼeil e ʼgan gluasad no ʼgan caruchadh, gus an coimhlionar an tomhas so.
38An sin fhreagair mise, agus thubhairt mi, O Thighearna a ta ʼriaghladh, tha eadhon sinne uile làn an‑diadhachd.
39Agus tha e tachairt feudaidh e bhith air ar sgàth‑ne nach ʼeil ùrlairean nam fìrean air an lìonadh, a thaobh pheacanna an t‑sluaigh a ta chòmhnuidh air an talamh.
40Mar so fhreagair e mi, agus thubhairt e, Imich dhʼ ionnsuidh mnà thorraich, agus cuir aʼ cheist oirre, an uair a choimhlionas i na naoi mìosan aice, an gléidh a brù an torrachas ni ʼs faide ʼsan taobh a stigh dhith.
41An sin thubhairt mise, Cha ghléidh, a Thighearna, sin cha ʼn urrainn i. Agus thubhairt e rium, Anns an uaigh tha seòmraichean nan anam cosmhuil ri broinn na mnà:
42Oir ionnas ʼsa nì bean a ta ri saothair cabhag chum éigin na saothaireach a sheachnadh; eadhon mar sin nì na h‑àitean sin cabhag a liubhairt suas#4.42 liubhairt suas ‑ lìbhrigeadh, thoirt thairis ‑ to deliver, to hand over nan nithe sin a thugadh dhoibh.
43O ʼn toiseach, seall, agus an nì sin bu mhiann leat fhaicinn, nochdar dhuit e.
44An sin fhreagair mi, agus thubhairt mi, Ma fhuair mi deagh‑ghean ʼnadʼ shealladh, agus ma tha e comusach, agus ma tha e freagarrach mar an ceudna,
45Nochd dhomh uime sin, cia aca tha tuilleadh chum teachd, na chaidh seachad, na tuilleadh seachad, na tha chum teachd.
46An nì a chaidh seachad is aithne dhomh, ach an nì a ta chum teachd cha ʼn aithne dhomh.
47Agus thubhairt e rium, Seas suas air an taobh cheart, agus mìnichidh mi an co‑samhlachd dhuit.
48Mar sin sheas mi, agus chunnaic mi, agus feuch, chaidh àmhuinn theth theinnteach seachad orm: agus thachair e, an uair a chaidh an lasair thairis, sheall mi, agus feuch, dhʼ fhan an deatach gun charuchadh.
49An déigh sin chaidh neul fliuch seachad orm, agus chuir e sìos mòran uisge le doininn, agus an uair a bhaʼ n t‑uisge ànradhach#4.49 ànradhach ‑ gailleannach, stoirmeil ‑ stormy, troubled thairis, dhʼ fhan na braoin fathast.
50An sin thubhairt e rium, Smuainich annad fein, mar a ʼs mò an t‑uisge no na braoin, agus mar a ʼs mò an teine nʼ an deatach; ach fanaidh na braoin agus an deatach air deireadh; uime sin mheudaicheadh an tomhas a chaidh seachad.
51An sin ghuidh mi, agus thubhairt mi, Am feud mise a bhi beò, am bheil thu saoilsinn, gus an àm sin? no ciod a thig gu crìch anns na làithibh sin?
52Fhreagair e mi, agus thubhairt e, A thaobh nan comhar mu ʼm bheil thu aʼ feòrachadh dhìom, innsidh mi dhuit mu ʼn timchioll ann an cuid: ach a thaobh do bheatha, cha do chuireadh mi a dhʼ fheuchainn duit: oir cha ʼn aithne dhomh e.
Àwon tá yàn lọ́wọ́lọ́wọ́ báyìí:
II. Esdras 4: MacGAP
Ìsàmì-sí
Pín
Daako
Ṣé o fẹ́ fi àwọn ohun pàtàkì pamọ́ sórí gbogbo àwọn ẹ̀rọ rẹ? Wọlé pẹ̀lú àkántì tuntun tàbí wọlé pẹ̀lú àkántì tí tẹ́lẹ̀
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017