1
Marcus 10:45
Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986
Oir chan ann airson gum biodh seirbhisich aige a thàinig Mac an Duine fhèin, ach airson gum biodh e‑fhèin na sheirbhiseach, 's gun toireadh e seachad a bheatha gus saorsa a cheannach do mhòran.”
Ṣe Àfiwé
Ṣàwárí Marcus 10:45
2
Marcus 10:27
Sheall Iosa orra 's thuirt e, “Chan eil seo an comas dhaoine, ach tha e an comas Dhè, oir tha a h‑uile rud comasach dhàsan.”
Ṣàwárí Marcus 10:27
3
Marcus 10:52
Thuirt Iosa ris, “Faodaidh tu falbh: rinn do chreideamh slàn thu.” Anns an dearbh mhionaid fhuair e a fhradharc, agus lean e Iosa air an rathad.
Ṣàwárí Marcus 10:52
4
Marcus 10:9
Mar sin, an nì a cheangail Dia, na dèanadh duine sam bith a sgaradh.”
Ṣàwárí Marcus 10:9
5
Marcus 10:21
Sheall Iosa air le gràdh, 's thuirt e ris, “Tha aon rud fhathast a dhìth ort. Falbh agus reic a h‑uile nì a th'agad, 's thoir an t‑airgead dha na daoine bochda. Mar sin bidh beairteas agad air nèamh. An‑uairsin thig agus lean mise.”
Ṣàwárí Marcus 10:21
6
Marcus 10:51
Dh'fhaighnich Iosa dheth, “Dè tha thu ag iarraidh orm a dhèanamh dhut?” Thuirt an duine dall ris, “A Mhaighistir, 'se gum faighinn mo fhradharc.”
Ṣàwárí Marcus 10:51
7
Marcus 10:43
Chan ann mar sin a tha e nur measg-sa, ach an duine a tha ag iarraidh a bhith mòr, feumaidh e a bhith na sheirbhiseach aig càch.
Ṣàwárí Marcus 10:43
8
Marcus 10:15
Gu cinnteach tha mise ag ràdh ruibh, mura gabh duine ri rìoghachd Dhè ann an spiorad an leinibh bhig, cha tèid e a‑steach innte gu bràth.”
Ṣàwárí Marcus 10:15
9
Marcus 10:31
Ach tha mòran air thoiseach a bhios air dheireadh, 's mòran air dheireadh a bhios air thoiseach.”
Ṣàwárí Marcus 10:31
10
Marcus 10:6-8
Ach bho thoiseach a' chruthachaidh rinn Dia fireann agus boireann iad. Mar sin fàgaidh duine athair agus a mhàthair, agus bidh e air aonadh ri bhean. Fàsaidh an dithis mar aon fheòil, air dhòigh 's nach e dithis, ach aon, a bhios annta tuilleadh.
Ṣàwárí Marcus 10:6-8
Ilé
Bíbélì
Àwon ètò
Àwon Fídíò