Genesis 32
32
1Agus dh’imich Iàcob air a shlighe, agus choinnich ainglean Dhè e.
2Agus thubhairt Iàcob, nuair a chunnaic e iad, Is e seo feachd Dhè: agus thug e Mahanaim mar ainm air an àite sin.
3Agus chuir Iàcob teachdairean roimhe gu Esau a bhràthair, gu fearann Sheir, dùthaich Edoim.
4Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Mar seo their sibh rim thighearna Esau, Mar seo thubhairt do sheirbhiseach Iàcob, Bha mi air chuairt maille ri Làban, agus dh’fhan mi maille ris gus a‑nis:
5Agus tha agam buar, agus asail, treudan, agus òglaich, agus banoglaich; agus chuir mi a dh’innse dom thighearna, a‑chum gum faighinn deagh-ghean ad shùilean.
6Agus thill na teachdairean gu Iàcob, ag ràdh, Thàinig sinn a dh’ionnsaigh do bhràthar Esau, agus mar an ceudna tha e a’ teachd ad chòmhdhail agus ceithir cheud fear maille ris.
7Agus bha Iàcob fo eagal mòr, agus ann an airc; agus roinn e an sluagh a bha maille ris, agus na treudan, agus an crodh, agus na càmhail nan dà bhuidhinn;
8Agus thubhairt e, Ma thig Esau gu aon de na buidhnean, agus gum buail e i, an sin thèid a’ bhuidheann a dh’fhanas as uaithe.
9Agus thubhairt Iàcob, O Dhè m’athar Abrahàm, agus a Dhè m’athar Isaac, a Thighearna a thubhairt rium, Till gud dhùthaich, agus gud dhìlsean, agus nì mi math dhut:
10Chan airidh mi air a’ chuid as lugha de na tròcairean sin uile, no den fhìrinn sin uile, a nochd thu dod sheirbhiseach; oir lem luirg thàinig mi thar an Iòrdan seo, agus tha mi a‑nis am dhà bhuidhinn.
11Saor mi, guidheam ort, o làimh mo bhràthar, o làimh Esau: oir tha eagal orm roimhe, gun tig e, agus gum buail e mi, agus a’ mhàthair maille ris a’ chloinn.
12Agus thubhairt thu, Gu cinnteach nì mi math dhut, agus nì mi do shliochd mar ghaineamh na fairge, nach faodar àireamh a‑thaobh lìonmhorachd.
13Agus dh’fhan e an sin an oidhche sin fhèin, agus ghabh e de na thàinig ga làimh tìodhlac airson Esau a bhràthair;
14Dà cheud gobhar, agus fichead boc, dà cheud caora, agus fichead reithe,
15Deich-càmhail-fhichead bhainne len searraich, dà‑fhichead bò agus deich tairbh, fichead asal bhoireann agus deich searraich.
16Agus thug e iad do làimh a sheirbhiseach, gach iomain leatha fhèin; agus thubhairt e ra sheirbhisich, Imichibh romham, agus cuiribh dealachadh eadar iomain agus iomain.
17Agus dh’àithn e dhàsan a bha air thoiseach, ag ràdh, Nuair a choinnicheas mo bhràthair Esau thu, agus a dh’fheòraicheas e dhìot, ag ràdh, Cò leis thu, agus càit a bheil thu a’ dol? Agus cò leis iad sin a tha romhad?
18An sin their thusa, Buinidh iad dod sheirbhiseach Iàcob; is tìodhlac a tha ann, a chuireadh a dh’ionnsaigh mo thighearna Esau: agus, feuch, mar an ceudna tha e fhèin nar dèidh.
19Agus dh’àithn e mar sin don dara seirbhiseach, agus don treas, agus dhaibhsan uile a bha a’ leantainn nan iomain, ag ràdh, Air an dòigh seo labhraidh sibh ri Esau, nuair a gheibh sibh e.
20Agus their sibh cuideachd, Feuch, Tha do sheirbhiseach Iàcob nar dèidh-ne: oir thubhairt e, Nì mi rèidh e leis an tìodhlac a thèid romham, agus an dèidh sin chì mi a ghnùis; theagamh gun gabh e rium.
21Mar sin chaidh an tìodhlac thairis roimhe: agus dh’fhan e fhèin an oidhche sin anns a’ chuideachd.
22Agus dh’èirich e suas anns an oidhche sin, agus ghabh e a dhà mhnaoi, agus a dhà bhanoglaich, agus a aon-mhac-deug, agus chaidh e thairis air àth Iaboic.
23Agus ghabh e iad, agus chuir e thairis air an t‑sruth iad, agus chuir e thairis na bha aige.
24Agus dh’fhan Iàcob na aonar; agus ghleac duine ris, gu ruig briseadh na fàire.
25Agus nuair a chunnaic e nach do bhuadhaich e air, an sin bhean e ri lag a shlèisde; agus chaidh lag-slèisde Iàcoib as an alt nuair a bha e a’ gleac ris.
26Agus thubhairt e, Leig air falbh mi, oir tha an fhàire a’ briseadh: agus thubhairt esan, Cha leig mi air falbh thu, mura beannaich thu mi.
27Agus thubhairt e ris, Ciod as ainm dhut? Agas thubhairt e, Iàcob.
28Agus thubhairt esan, Cha ghoirear Iàcob nas mò riut mar ainm, ach Israel: oir bha cumhachd agad mar uachdaran ri Dia, agus ri daoine, agus thug thu buaidh.
29Agus dh’fhiosraich Iàcob dheth, agus thubhairt e, Innis dhomh, guidheam ort, d’ainm: agus thubhairt esan, Carson a tha thu a’ farraid m’ainme? Agus bheannaich e an sin e.
30Agus thug Iàcob Peniel mar ainm air an àite: oir chunnaic mi Dia aghaidh ri aghaidh, agus thèarnadh m’anam.
31Agus dh’èirich a’ ghrian air, nuair a chaidh e seach Penuel, agus bha e bacach air a shliasaid.
32Uime sin chan ith clann Israeil den fhèith a chrup, a tha air lag na slèisde, gus an là‑an‑diugh; a chionn gun do bhean e ri lag-slèisde Iàcoib anns an fhèith a chrup.
Currently Selected:
Genesis 32: ABG1992
Qaqambisa
Share
Copy

Ufuna ukuba iimbalasane zakho zigcinwe kuzo zonke izixhobo zakho? Bhalisela okanye ngena
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017