I. Esdras 1
1
CAIB. I.
1Agus chùm Iosias féill na càisge do ʼn Tighearn an Ierusalem, agus dhʼ ullaich e aʼ chàisg air aʼ cheathramh là deug do ʼn cheud mhìosa.
2Air da na sagartan a shuidheachadh a réir an roinnean làitheil, air an sgeudachadh ann an trusgannaibh fada, ann an teampull an Tighearna.
3Agus labhair e ris na Lebhithich, ministeirean diadhaidh Israeil, chum iad fein a naomhachadh do ʼn Tighearna, a shuidheachadh naomh‑àirc an Tighearna anns an tigh a thogadh le rìgh Solamh mac Dhaibhidh.
4Agus a deir, Cha ghiùlan sibh ni ʼs mò an àirc air bhur guaillibh: a nis uime sin deanaibh seirbhis do ʼn Tighearn bhur Dia, agus frithealaibh dʼ a shluagh‑san Israel, agus ullaichibh sibh fein a réir bhur teaghlaichean agus cinneach.
5A réir mar a dhʼ àithn Daibhidh rìgh Israeil, agus a réir mòrachd Sholaimh a mhic; agus, aʼ seasamh ʼsan teampull, a réir gach urraim a bhuineas dʼ ar teaghlaichibh fein na Lebhithich, a ta ʼdeanamh seirbhis an làthair bhur bràithre clann Israeil,
6Ullaichibh aʼ chàisg ann an òrdugh, agus deasaichibh na h‑ìobairtean air son bhur bràithre, agus cumaibh aʼ chàisg a réir àithne an Tighearna, a thugadh do Mhaois.
7Agus do ʼn mhuinntir a fhuaradh an sin thug Iosias deich mìle fichead uan agus meann, agus trì mìle laogh: thugadh na nithe sin á cuibhrionn an rìgh, a réir mar a gheall e, do ʼn t‑sluagh, do na sagartaibh, agus do na Lebhithich.
8Agus thug Helcias, Sacharias, agus Sielus, uachdarain an teampuill, do na sagartaibh dà mhìle agus sèa ceud caora, agus trì cheud laogh, air son na Càisge.
9Agus thug Ieconias, agus Samaias, agus Natanael aʼ bhràthair, agus Assabias, agus Ochiel, agus Ioram, ceannarda mhìltean, do na Lebhithich, cùig mìle caor, agus seachd ceud laogh, air son na càisge.
10Agus an uair a rinneadh na nithe sin, sheas na sagartan agus na Lebhithich, aig an robh an t‑aran neo‑ghoirtichte, ann an òrdugh ro mhaiseach a réir an cinneach.
11Agus a réir urraman eug‑samhla nan aithriche, an làthair an t‑sluaigh, a thairgseadh do ʼn Tighearna, mar a ta e sgrìobhta ann an leabhar Mhaois: agus mar so rinn iad ʼsa mhaduinn.
12Agus ròist iad aʼ chaisg le teine, mar a bha freagarrach: agus na h‑ìobairtean, bhruich siad iad ann am poitibh, agus ann an aighnibh umha, le deagh fhàile.
13Agus chuireadh an làthair an t‑sluaigh uile iad: agus an déigh sin, dhʼ ullaich iad air an son fein, agus air son nan sagart am bràithre, mic Aaroin.
14Oir thairg na sagartan an t‑saill gu h‑oidhche, agus dhʼ ullaich na Lébhithich air an son fein, agus air son nan sagart am bràithre, mic Aaroin.
15Agus bha ʼn luchd‑seinn naomha mar an ceudna, mic Asaiph, ʼnan àite fein, a réir sònrachaidh Dhaibhidh, ʼse sin, Asaph, Sacharias, agus Ieduthun, a bha do luchd‑leanmhuinn an rìgh.
16Os bàrr, bha na dorsairean aig gach geata; cha robh e laghail do dhʼ aon air bith dol as o sheirbhis chumanta fein: oir dhʼ ullaich am bràithre fein na Lebhithich air an son.
17Mar so bha na nithe a bhuineadh do dhʼ ìobairtibh an Tighearna air an coimhlionadh ʼsan là sin, chum gu ʼn gléidheadh iad aʼ chàisg,
18Agus gun ìobradh iad ìobairtean air altair an Tighearna, a réir àithne rìgh Iosiais.
19Uime sin ghléidh clann Israeil a bha làthair aʼ chàisg aig an àm sin, agus féill an arain deagh‑bholaidh rè sheachd làithean.
20Agus cha do ghléidheadh a leithid sin do chàisg ann an Israel o àm an fhàidh Shamueil.
21Seadh, cha do ghléidh uile rìghrean Israeil a leithid do chàisg is a ghléidh Iosias, agus na sagartan, agus na Lebhithich, agus na h‑Iudhaich maille ri Israel uile a bha chòmhnuidh aig Ierusalem.
22Chumadh aʼ chàisg so anns an ochdamh bliadhna deug do rìoghachadh Iosiais.
23Agus bha oibre Iosiais ceart ann an sùilibh an Tighearna, le cridhe làn diadhachd.
24A thaobh nan nithe a thàinig gu crìch ʼna àm‑san, sgrìobhadh iad ʼs na h‑amannaibh a chaidh seachad, dʼ an taobh‑san a pheacaich, agus a rinn gu h‑aingidh an aghaidh an Tighearna thar gach uile shluagh agus rìoghachdan, agus mar a chuir iad doilgheas ro mhòr air, air chor is gun dʼ éirich briathran an Tighearna suas an aghaidh Israeil.
25A nis, an déigh uile ghnìomhara sin Iosiais, thàinig e gu crìch, gu ʼn dʼ thàinig Pharaoh rìgh na h‑Eiphit a dheanamh cogaidh aig Carchamis air Euphrates; agus chaidh Iosias a mach ʼna aghaidh.
26Ach chuir rìgh na h‑Eiphit fios dʼ a ionnsuidh, ag ràdh, Ciod e mo ghnothuch riut‑sa, O rìgh Iudea?
27Cha ʼn ʼeil mi air mo chur a mach o ʼn Tighearna Dia ʼnadʼ aghaidh; oir tha mo chogadh air Euphrates; agus a nis thaʼ n Tighearn maille rium ʼgam ghreasadh air aghaidh: imich uam, agus na bi an aghaidh an Tighearna.
28Gidheadh, cha do phill Iosias a charbad air ais uaith, ach ghabh e os làimh cogadh a dheanamh ris, gun suim aig do bhriathraibh an fhàidh Ieremi, a labhradh le beul an Tighearna:
29Ach chaidh e ann an òrdugh blàir maille ris ann an còmhnard Mhagiddo agus thàinig na prionnsan an aghaidh rìgh Iosiais.
30An sin thubhairt an rìgh rʼ a chuid seirbhiseach, Giùlanaibh a mach as aʼ chath mi; oir tha mi ro dhìblidh: agus air ball thug a sheirbhisich a mach as aʼ chath e.
31An sin dhìrich e air a dhara carbad: agus, air da a bhi air a thoirt air ais gu Ierusalem, fhuair e bàs, agus dhʼ adhlaiceadh e ann an uaigh athar fein.
32Agus ann an tìr nan Iudhach air fad rinn iad caoidh air son Iosiais; seadh, bha Ieremi am fàidh fo bhròn air son Iosiais, agus rinn na daoine uaisle agus na mnai caoidh air a shon gu ruig an là ʼn diugh: agus thugadh a mach so mar riaghailt gu bhi air a coimhead do ghnàth a ʼm measg uile chinneach Israeil.
33Sgrìobhadh na nithe sin ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iudaih; agus tha gach gnìomh fa leth a rinn Iosias, agus a ghlòir, agus a thuigse thaobh laghʼ an Tighearna, agus na nithe a rinn e roimh, agus na nithe a ta nis air an aithris, air an leigeadh ris ann an leabhar rìghrean Israeil agus Iudea.
34Agus ghabh an sluagh Ioachas mac Iosiais, agus rinn iad rìgh dheth ann an àit Iosiais athar fein, an uair a bha e trì bliadhna thar fhichead a dhʼ aois.
35Agus rìoghaich e ann an Iudea agus ann an Ierusalem trì mìosa; agus an sin chuir rìgh na h‑Eiphit sìos e o bhi a rìoghachndh ann an Ierusalem.
36Agus shuidhich e ceud tàlann airgid agus aon tàlann òir mar chìs air an fhearann.
37Agus rinn rìgh na h‑Eiphit mar an ceudna rìgh Ioacim a bhràthairʼ na rìgh air Iudea agus Ierusalem.
38Agus dhaingnich e Ioacim agus na maithean: ach ghlac e Saraces a bhràthair, agus thug e mach as an Eiphit e.
39Bha Ioacim cùig bliadhna fichead a dhʼ aois, an uair a rinneadh e ʼna rìgh ann an tìr Iudea agus Ierusalem, agus rinn e olc an làthair an Tighearna.
40Air an aobhar sin thàinig Nabuchodonosor rìgh Bhabiloin a nìos ʼna aghaidh, agus cheangail se e le slabhraidh umhà, agus ghiùlan se e do Bhabilon.
41Ghabh Nabuchodonosor mar an ceudna do shoithichibh naomha an Tighearna, agus ghiùlan se air falbh iad, agus chuir se iad ʼna theampull fein ann am Babilon.
42Ach tha na nithe sin a ta air an aithris mʼ a thimchioll, agus mu thimchioll a neo‑ghloine agus a mhì‑dhiadhachd, air an sgrìobhadh ann an eachdraidh nan rìghrean.
43Agus rìoghaich Ioacim a mhac fein ʼna àite: agus rinneadh e ʼna rìgh, air da a bhi ochd bliadhna deug a dhʼ aois.
44Agus cha do rìoghaich e ach trì mìosan agus deich làithean ann an Ierusalem: agus rinn e olc an làthair an Tighearna.
45Uime sin an ceann bliadhna chuir Nebuchodonosor fios, agus dhʼ òrduich e gu ʼm biodh e air a thoirt do Bhabilon, le soithichibh naomha an Tighearna.
46Agus rinn e Sedechias ʼna rìgh air Iudea agus Ierusalem, an uair a bha e bliadhna thar fhichead a dhʼ aois; agus rìoghaich e aon bhliadhna deug,
47Agus rinn esan mar an ceudna olc ann an sealladh an Tighearna, agus cha robh suim aig do na briathraibh a bha air an labhairt ris leis an fhàidh Ieremi o bheul an Tighearna.
48Agus an déigh sin thug rìgh Nabuchodonosor air gu ʼn do mhionnaich e air ainm an Tighearna, thug e mionnan eitheich, agus rinn e ceannairc; agus aʼ cruadhachadh a mhuineil agus a chridhe dha, bhris e reachdan an Tighearna Dé Israeil.
49Rinn mar an ceudna uachdarain an t‑sluaigh agus nan sagart iomadh nithe an aghaidh nan reachd, agus chaidh iad thairis air uile thruaillidheachdan nan uile chinneach, agus thruaill iad teampull an Tighearna a choisrigeadh ann an Ierusalem.
50Gidheadh, chuir Dia an aithrichean a theachdairean ʼgan gairm air ais, a chionn gu ʼn do chaomhain se iad agus a phailliun fein mar an ceudna.
51Ach rinn iad fochaid air a theachdairibh; agus feuch, an uair a labhair an Tighearna riù, rinn iad magadh do na fàidhibh aige;
52Air mhodh co mòr, agus, air dàsan a bhi ann an corruich rʼ a phobull fein air son am mì‑dhiadhachd, gu ʼn dʼ àithn e do rìghribh nan Caldéach teachd a nìos ʼnan aghaidh;
53A chur gu bàs nan òganach aca leis aʼ chlaidheamh; seadh, eadhon ʼsan taobh a stigh dʼ an teampull naomh fein, agus cha do chaomhain iad aon chuid òganach no òigh, seann duine no leanabh ʼnam measg; oir thug e suas na h‑uile ʼnan làmhaibh.
54Agus ghabh iad uile shoithichean naomha an Tighearna, eadar mhòr agus bheag, maille ri soithichibh àirce Dhé, agus ionmhais an rìgh, agus ghiùlan iad air falbh iad do Bhabilon.
55A thaobh tighe an Tighearna, loisg iad e, agus bhris iad sìos ballachan Ierusaleim, agus chàruich iad teine air a bhaidealaibh.
56Agus a thaobh a nithe glòrmhoirʼ, cha do sguir iad gus an do mhill, agus an dʼ thug iad gu neoni iad gu léir: agus ghiùlan e do Bhabilon an sluagh nach do mhilleadh leis aʼ chlaidheamh;
57A rinneadh ʼnan seirbhisich dha fein agus dʼ a shliochd, gus an do rìoghaich na Persich, a choimhlionadh focail an Tighearna a labhradh le beul Ieremi;
58Gus an do shealbhaich an tìr a Sàbaidean, gabhaidh i fois rè uile aimsir a fàsachaidh, gus an crìochnaichear an trì ficheadamh agus deich bliadhna.
موجودہ انتخاب:
I. Esdras 1: MacGAP
سرخی
شئیر
کاپی
کیا آپ جاہتے ہیں کہ آپ کی سرکیاں آپ کی devices پر محفوظ ہوں؟ Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017