Logo ng YouVersion
Hanapin ang Icon

I. Esdras 2

2
CAIB. II.
1Ann an ceud bliadhna Chìruis rìgh nam Persach, chum gu ʼm biodh focal an Tighearna air a choimhlionadh, a gheall e le beul Ieremi;
2Dhùisg an Tighearna suas spiorad Chìruis rìgh nam Persach, agus thug e fanear gairm a bhi air a tabhairt air feadh a rìoghachd uile, agus mar an ceudua ann an sgrìobhadh,
3Ag ràdh, Mar so tha Cìrus rìgh Phersia ag ràdh, Rinn Tighearna Israeil, an Tighearn a ʼs ro àirde, mise a ʼm rìgh os ceann an t‑saoghail uile,
4Agus dhʼ àithn e dhomh tigh a thogail dha fein ann an Ierusalem ann an Iudah.
5Ma tha, uime sin, neach sam bith ʼn ʼur measg dʼ a shluagh‑san, gu robh an Tighearn, eadhon a Thighearn‑san maille ris, agus rachadh e suas gu Ierusalem a ta ann an Iudea, agus togadh e tigh Thighearna Israeil, oir is esan an Tighearn a ta chòmhnuidh ann an Ierusalem.
6Uime sin ge bʼ e tha gabhail còmhnuidh anns na h‑àitibh mu ʼn cuairt, cuidicheadh iad leis, iadsan, a deiream, a ta ʼnan coimhearsnaich dha, le h‑òr agus le h‑airgiod,
7Le tiodhlacaibh, le eachaibh, agus le spréidh, agus nithibh eile, air an tugadh iomradh le bòid, air son teampuill an Tighearna ann an Ierusalem.
8An sin sheas rogha#2.8 rogha ceannard ‑ chief, head theaghlaichean Iudea, agus thréibh Bheniamin suas; na sagarta mar an ceudna, agus na Lebhithich, agus iadsan uile dʼ an do ghluais an Tighearn an inntinn gu dol suas, agus gu tigh a thogail do ʼn Tighearna ann an Ierusalem,
9Agus iadsan a bha chòmhnuidh mu ʼn cuairt doibh, agus a chuidich leò anns na h‑uile nithibh le h‑airgiod agus òr, le h‑eachaibh agus spréidh, agus le ro mhòran shaor‑thiodhlac ann an àireamh nach beag, aig an robh an inntinnean air am brosnuchadh chum na crìche sin.
10Thug rìgh Cìrus mar an ceudna a mach na soithichean naomha a ghiùlan Nebuchodouosor air falbh o Ierusalem, agus a chuir e suas ann an teampull nan iodhol aige.
11A nis an uair a thug Cìrus rìgh Phersia a mach iad, thug e thairis iad do Mhithridates am fear‑ionmhais aige:
12Agus leis‑san thugadh thairis iad do Shanabassar uachdaran Iudea.
13Agus be so an àireamh aca; mìle cupan òir, agus mìle cupan airgid, naoi tùisear fichead airgid, deich thar fhichead soitheach òir, agus dà mhìle ceithir cheud agus deich soitheach airgid, agus mìle soitheach eile.
14Mar so bha na soithichean òir agus airgid uile a bha air an giùlan air falbh, cùig mìle, ceithir cheud trì fichead agus naoi ann an àireamh.
15Thugadh air an ais iad sin le Sanabassar, maille ris na bràighdibh, o Bhabilon gu Ierusalem.
16Ach ann an làithibh Artacsercseis rìgh nam Persach, sgrìobh Belemus, agus Mithridates, agus Tabellius, agus Rathumus, agus Beeltethmus, agus Semellius an sgrìobhaiche, agus cuid eile a bha fo ùghdarras maille riù, aʼ chòmhnuich ann an Samaria, agus ann an àitibh eile, na litrichean a leanas dʼ a ionnsuidh ʼnan aghaidh‑san a bha chòmhnuidh ann an Iudea agus Ierusalem:
17Do rìgh Artacsercseis ar tighearn, Dʼ a sheirbhisich, Rathumus an sgeul‑sgrìobhair, agus Semellius an sgrìobhaiche, agus an t‑iomlan dʼ an comhairle, agus na breitheamhna a ta ann an Celosiria agus Phenice:
18Biodh e a nis aithnichte do ʼn Tighearn an rìgh, gu bheil na h‑Iudhaich a ta air teachd uat‑sa dʼ ar ʼn‑ionnsuidh, air doibh tighinn gu Ierusalem, am baile ceannairceach agus aingidh sin, aʼ togail nan ionad‑margaidh, agus aʼ càradh nam ballachan aige, agus aʼ leagadh bunait an teampuill.
19A nis, ma nithear am baile so agus a bhallachan suas a rìs, diùltaidh iad, cha ʼnʼ e mhàin cìsean ìochadh, ach nì iad mar an ceudna ceannairc an aghaidh rìghrean.
20Agus, do bhrìgh gu ʼm bheil na nithe a bhuineas do ʼn teampull aʼ dol a nis air an aghaidh, tha sinn ʼga shaoilsinn ceart gun an gnothuch a dhearmad,
21Ach labhairt ri ʼr tighearn an rìgh, chum na crìche, ma ʼs e sin do thoil, gu ʼn rannsaichear a mach e ann an leabhraichibh tʼ aithriche;
22Agus gheibh thu mach anns an eachdraidh, ciod a tha sgrìobhta thaobh nan nithe sin, agus tuigidh tu gun robh am baile sin ceannairceach, aʼ cur dragha araon air rìghribh agus bailtibh:
23Agus gun robh na h‑Iudhaich ceannairceach, agus gun do dhùisg iad coganna annta; air son aʼ cheart aobhair so, rinneadh eadhon am baile so fàs.
24Uime sin a nis, tha sinn aʼ cur an céill duit‑sa, O thighearn a rìgh, ma thogar am baile so a rìs, agus ma chuirear suas a bhallachan as ùr, cha bhi slighe agad o so mach gu Celosiria agus Phenice.
25An sin sgrìobh an rìgh air ais a rìs gu Rathumus an sgeul‑sgrìobhair, gu Beeltethmus agus Semellius an sgrìobhaiche, agus gus aʼ chuid eile a bha fo ùghdarras, agus a chòmhnuidh ann an Samaria, agus Siria, agus Phenice, air an dòigh so:
26Leugh mi an litir a chuir sibh a ʼm ionnsuidh: uime sin dhʼ àithn mi mìn‑rannsachadh a dheanamh, agus fhuaradh a mach gun robh am baile sin o ʼn toiseach aʼ seasamh an aghaidh rìghre;
27Agus gun robh an sluagh an taobh a stigh dheth air an toirt do cheannairc agus cogadh; agus gun robh rìghre cumhachdach agus gargʼ ann an Ierusalem, a rìoghaich agus a thog cìsean ann an Celosiria agus Phenice.
28A nis uime sin dhʼ àithn mise na daoine sin a bhacadh o ʼn bhaile a thogail, agus aire a ghabhail nach deanar tuilleadh idir ann;
29Agus nach téid an droch luchd‑oibre sin ni ʼs faide air an aghaidh a chur campar air rìghribh.
30An sin thòisich rìgh Artacsercses, air do na litrichibh aige a bhi air an leughadh, Rathumus agus Semellius an sgrìobhaiche, agus aʼ chuid eile a bha ann an ùghdarras maille riù, aʼ gluasad le cabhaig gu Ierusalem, le cuideachd mharc‑shluagh, agus coimh‑chruinneachadh sluaigh ann an òrdugh‑catha, air an luchd‑oibre a bhacadh, agus sguir togail an teampuill ann an Ierusalem gus an dara bliadhna do rìoghachadh Dhariuis rìgh Phersia.

Kasalukuyang Napili:

I. Esdras 2: MacGAP

Haylayt

Ibahagi

Kopyahin

None

Gusto mo bang ma-save ang iyong mga hinaylayt sa lahat ng iyong device? Mag-sign up o mag-sign in